Gnìomharan 15 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017A' Chomhairle aig Ierusalem 1 Thàinig daoine àraidh a‑nuas o Iudèa agus bha iad a' teagasg nam bràithrean, “Mura bi sibh air ur timcheall‑ghearradh a rèir gnàth Mhaois, chan urrainn dhuibh a bhith air ur sàbhaladh.” 2 Agus às dèidh do Phòl is Barnabas eas‑aonachd is deasbaireachd nach bu bheag a bhith aca riutha, chaidh Pòl is Barnabas a shuidheachadh airson a dhol suas gu Ierusalem gu na h‑abstoil is gu na h‑èildearan mun cheist seo. 3 Mar sin air an cur air an t‑slighe leis an eaglais, bha iad a' dol tro Phoenice is Shamaria, a' cur an cèill iompachadh nan Cinneach, agus thug iad aoibhneas mòr dha na bràithrean gu lèir. 4 Nuair a thàinig iad gu Ierusalem, fhuair iad fàilte bhon eaglais is na h‑abstoil is na h‑èildearan, agus dh'aithris iad a h‑uile sìon a bha Dia air a dhèanamh leotha. 5 Ach dh'èirich feadhainn àraidh de chreidmhich a bhuineadh do bhuidheann nam Pharasach agus thuirt iad, “Tha e riatanach iadsan a thimcheall‑ghearradh is àithne a thoirt dhaibh Lagh Mhaois a chumail.” 6 Thàinig na h‑abstoil agus na h‑èildearan còmhla airson beachdachadh mun ghnothach seo. 7 Às dèidh do mhòran deasbaireachd a bhith ann, dh'èirich Peadar is thuirt e riutha, “A bhràithrean, tha fios agaibh anns na làithean a bu tràithe gun do roghnaich Dia nur measg‑se gun cluinneadh na Cinnich le mo bheul‑sa facal an t‑soisgeil agus gun creideadh iad. 8 Agus thug Dia, dhan aithne an cridhe, fianais dhaibh, le bhith a' toirt an Spioraid Naoimh dhaibh dìreach mar a thug e dhuinne, 9 agus cha do rinn e eadar‑dhealachadh sam bith eadar sinne is iadsan, agus e air an cridheachan a ghlanadh le creideamh. 10 A‑nis, mar sin, carson a tha sibh a' dearbhadh Dhè le bhith a' cur cuing, nach robh ar n‑athraichean no sinne an comas a ghiùlain, air amhaich nan deisciobal? 11 Ach tha sinne a' creidsinn gum bi sinn air ar sàbhaladh tro ghràs an Tighearna Ìosa, dìreach mar a bhios iadsan.” 12 Agus dh'fhàs a' chuideachd uile sàmhach, agus dh'èist iad ri Barnabas is Pòl, fhad 's a rinn iad aithris air na comharraidhean agus na h‑iongantasan a bha Dia air a dhèanamh tromhpa am measg nan Cinneach. 13 Às dèidh dhaibh sgur a bhruidhinn, fhreagair Seumas, “A bhràithrean, èistibh riumsa: 14 dh'innis Simeon mar a thàinig Dia an toiseach chun nan Cinneach, gus sluagh a thoirt uapa airson ainm fhèin. 15 Agus le seo tha briathran nam fàidhean ag aontachadh, dìreach mar a tha e sgrìobhte: 16 “‘Às dèidh seo tillidh mi agus ath‑thogaidh mi pàillean Dhaibhidh, a tha air tuiteam. Agus togaidh mi a‑rithist na tha leagte dheth, 17 airson 's gum faod fuidheall a' chinne‑daonna an Tighearna a shireadh, agus na Cinnich gu lèir a tha air an gairm air m' ainm‑sa, tha an Tighearna, a tha a' dèanamh nan rudan seo, ag ràdh 18 agus tha seo aithnichte o shean.’ 19 “Mar sin is e mo bheachd‑sa nach bu chòir dhuinn dragh a chur orrasan dhe na Cinnich a tha a' tionndadh gu Dia, 20 ach gum bu chòir dhuinn sgrìobhadh thuca gu seachnadh iad: truaillidheachd iodhalan, is strìopachas, is na th' air a thachdadh, agus fuil. 21 Oir o iomadh linn tha muinntir air a bhith aig Maois anns gach baile a tha ag aithris anns na sionagogan, far a bheil esan air a leughadh gach Sàbaid.” Litir na Comhairle gu Creidmhich nan Cinneach 22 An uair sin chaidh a shaoilsinn math le na h‑abstoil is le na h‑èildearan agus leis an eaglais gu lèir daoine a thaghadh om measg fhèin agus an cur gu Antioch còmhla ri Pòl is Barnabas – Iùdas dham b' ainm Barsabas is Silas, ceannardan am measg nam bràithrean – 23 leis an litir a leanas: Na bràithrean, an dà chuid abstoil is èildearan, Gu na bràithrean a tha dhe na Cinnich ann an Antioch is Siria is Cilicia, Fàilte, 24 On a tha sinn air cluinntinn gun deach cuid a‑mach o ar measg agus gun do bhuair iad sibhse lem briathran, a' cur dragh air ur n‑inntinnean, ged nach tug sinne òrduighean dhaibh, 25 tha e air coimhead iomchaidh dhuinne, às dèidh dhuinn tighinn gu aonta, daoine a thaghadh agus an cur thugaibh le ar bràithrean gràdhach Barnabas is Pòl – 26 daoine a th' air am beathannan fhèin a chur ann an cunnart air sgàth ainm ar Tighearna Ìosa Crìosd. 27 Mar sin tha sinn air Iùdas is Silas a chur, a dh'innse nan aon rudan dhuibh lem briathran fhèin. 28 Oir bha e a' coimhead iomchaidh dhan Spiorad Naomh agus dhuinne gun eallach na bu mhotha a chur oirbh na na h‑iarrtasan seo: 29 gun seachain sibh na chaidh ìobradh do dh'iodhalan, agus fuil, agus na chaidh a thachdadh, agus strìopachas. Ma chumas sibh sib' fhèin o na rudan sin, nì sibh gu math. Slàn leibh. 30 Mar sin nuair a chaidh an cur air falbh, chaidh iad sìos gu Antioch, agus às dèidh dhaibh an sluagh a chruinneachadh thug iad seachad an litir. 31 Agus nuair a bha iad air a leughadh rinn iad aoibhneas air sgàth a cofhurtachd. 32 Agus mhisnich is neartaich Iùdas is Silas, a bha nam fàidhean iad fhèin, na bràithrean le mòran bhriathran. 33 Agus às dèidh dhaibh beagan ùine a chur seachad, chaidh an cur air falbh le sìth o na bràithrean chun na feadhna a bh' air an cur a‑mach. 34 Ach bha e a' coimhead math do Shilas fuireach an sin. 35 Ach dh'fhan Pòl is Barnabas ann an Antioch, a' teagasg agus a' searmonachadh facal an Tighearna, còmhla ri mòran eile. Eas‑Aonta eadar Pòl is Barnabas 36 Agus às dèidh beagan làithean thuirt Pòl ri Barnabas, “Tilleamaid is coimheadamaid air na bràithrean anns a h‑uile baile far an do rinn sinn aithris fhollaiseach air facal an Tighearna, agus chì sinn ciamar a tha iad.” 37 A‑nis bha Barnabas ag iarraidh Eòin, dham b' ainm Marcas, a thoirt còmhla riutha. 38 Ach shaoil Pòl gum biodh e na b' fheàrr gun fear a thoirt leotha a bh' air tarraing uapa ann am Pamphilia agus nach robh air a dhol còmhla riutha chun na h‑obrach. 39 Agus dh'èirich a leithid de dh'eas‑aonta gheur is gun do dhealaich iad o chèile. Thug Barnabas leis Marcas, agus sheòl iad air falbh gu Cìopras, 40 ach thagh Pòl Silas agus dh'fhàg e, às dèidh dhàsan a bhith air earbsa ri gràs Dhè le na bràithrean. 41 Agus chaidh e tro Shiria is Chilicia, a' neartachadh nan eaglaisean. |