Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Teicheadh Mìorbhaileach Pheadair on Phrìosan

1 Mun àm sin shìn Herod an rìgh làmhan air cuid a bhuineadh dhan eaglais airson cron a dhèanamh orra.

2 Agus mharbh e Seumas bràthair Eòin leis a' chlaidheamh.

3 Nuair a chunnaic e gun do thoilich seo na h‑Iùdhaich, chaidh e air adhart agus ghlac e Peadar cuideachd. B' iad làithean an Arain Neo‑Ghortaichte a bh' ann.

4 Agus nuair a bha e air a ghlacadh, chuir e dhan phrìosan e, ga thoirt thairis do cheithir buidhnean shaighdearan airson a ghleidheadh, a' cur roimhe a thoirt a‑mach dhan t‑sluagh às dèidh na Càisge.

5 Mar sin chaidh Peadar a chumail sa phrìosan, ach bha ùrnaigh dhùrachdach ga dèanamh ri Dia air a shon leis an eaglais.

6 A‑nis nuair a bha Herod gus a thoirt a‑mach, air an dearbh oidhche sin, bha Peadar na chadal eadar dithis shaighdearan, air a cheangal le dà shlabhraidh, agus bha luchd‑faire mu choinneamh an dorais a' geàrd a' phrìosain.

7 Agus seall, nochd aingeal dhen Tighearna gu grad ri thaobh, agus dheàlraich solas sa chealla. Bhuail e Peadar air a chliathaich agus dhùisg e e, ag ràdh, “Èirich gu grad!” Agus thuit na slabhraidhean far a làmhan.

8 Agus thuirt aingeal an Tighearna ris, “Dùin do chrios is cuir ort do chuarain.” Agus rinn e mar sin. Agus thuirt e ris, “Cuir ort d' aodach‑uachdair is lean mise.”

9 Agus chaidh e a‑mach is lean e e. Cha robh fios aige gun robh an rud a bha ga dhèanamh leis an aingeal fìor, ach shaoil e gun robh e a' faicinn sealladh.

10 Nuair a bha iad air a dhol seachad air a' chiad agus air an dara geàrd, thàinig iad chun a' gheata iarainn a tha a' dol chun a' bhaile. Dh'fhosgail e dhaibh leis fhèin, agus chaidh iadsan a‑mach is chaidh iad sìos aon t‑shràid, agus sa bhad dh'fhàg an t‑aingeal e.

11 Nuair a thàinig Peadar thuige fhèin, thuirt e, “A‑nis tha mi cinnteach gun do chuir an Tighearna an t‑aingeal aige a‑mach agus gun do shàbhail e mi o làimh Heroid agus on a h‑uile sìon a bha an sluagh Iùdhach a' sùileachadh.”

12 Nuair a thuig e sin, chaidh e gu taigh Màiri, màthair Eòin aig an robh Marcas mar ainm eile, far an robh mòran air cruinneachadh 's iad ag ùrnaigh.

13 Agus nuair a ghnog e air doras a' gheata, thàinig bana‑sheirbheiseach dham b' ainm Ròda a fhreagairt.

14 Nuair a dh'aithnich i guth Pheadair, na h‑aoibhneis cha do dh'fhosgail i an geata ach ruith i a‑steach agus dh'innis i gun robh Peadar na sheasamh aig a' gheata.

15 Thuirt iad rithe, “Tha thu às do rian.” Ach lean ise oirre a' cumail a‑mach gum b' ann mar seo a bha, ach bha iadsan ag ràdh, “'S e an t‑aingeal aige a th' ann.”

16 Ach lean Peadar air a' gnogadh, agus nuair a dh'fhosgail iad an doras, chunnaic iad e agus bha iad fo iongnadh.

17 Ach a' smèideadh riutha le a làimh gum biodh iad sàmhach, chuir e an cèill dhaibh mar a bha an Tighearna air a thoirt às a' phrìosan. Agus thuirt e, “Innsibh na rudan seo do Sheumas agus dha na bràithrean.” An uair sin dh'fhàg e agus chaidh e a dh'àite eile.

18 A‑nis nuair a thàinig an latha, cha bu bheag am buaireadh am measg nan saighdearan a thaobh dè a thachair do Pheadar.

19 Agus às dèidh do Herod a shireadh agus nach d' fhuair e e, cheasnaich e an luchd‑faire agus thug e òrdugh gum bu chòir an cur gu bàs. An uair sin chaidh Herod sìos o Iudèa gu Cesarèa, agus dh'fhuirich e an sin.


Bàs Heroid

20 A‑nis bha e fìor fheargach le sluagh Thìruis agus Shìdoin, agus thàinig iad thuige a dh'aon inntinn, agus às dèidh dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt a thaobh, dh'iarr iad sìth, a chionn 's gun robh an tìr acasan an eisimeil tìr an rìgh airson biadh.

21 Air an latha a chaidh a shuidheachadh chuir Herod na trusgain rìoghail aige air, ghabh e an t‑àite‑suidhe aige air cathair a' bhreitheanais, agus lìbhrig e òraid dhaibh.

22 Agus bha an sluagh ag èigheach, “Guth dè, agus chan e guth duine!”

23 Sa bhad bhuail aingeal dhen Tighearna sìos e, a chionn 's nach tug e a' ghlòir do Dhia, agus chaidh ithe le cnuimhean is chaidh an deò às.

24 Ach chùm facal Dhè air a' fàs is a' dol am meud.

25 Agus thill Barnabas is Saul o Ierusalem, nuair a bha iad air a' mhisean aca a choileanadh, a' toirt leotha Eòin, dham b' ainm eile Marcas.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan