Gnìomharan 11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Peadar a' Mìneachadh a Ghnìomhan 1 A‑nis chuala na h‑abstoil agus na bràithrean a bh' air feadh Iudèa gun robh na Cinnich cuideachd air gabhail ri facal Dhè. 2 Mar sin nuair a chaidh Peadar suas gu Ierusalem rinn iadsan a bha dhen timcheall‑ghearradh connspaid ris, ag ràdh, 3 “Chaidh thu gu daoine nach robh air an timcheall‑ghearradh agus dh'ith thu còmhla riutha.” 4 Ach thòisich Peadar agus mhìnich e dhaibh gu h‑òrdail e. 5 “Bha mi ann am baile Iopa ag ùrnaigh, agus ann an neul chunnaic mi sealladh, rudeigin mar shiota mòr a' tighinn a‑nuas, air a leigeil sìos o nèamh le a cheithir oiseanan, agus thàinig e a‑nuas thugam. 6 A' geur‑amharc air, thug mi an aire do bheathaichean ceithir‑chasach na talmhainn is dha na h‑ainmhidhean fiadhaich is do shnàgairean is do dh'eòin an adhair. 7 Agus chuala mi guth ag ràdh rium, ‘Èirich, a Pheadair. Marbh is ith.’ 8 “Ach thuirt mise, ‘Cha dèan, a Thighearna; oir cha deach sìon a bha truaillte no neòghlan riamh a‑steach nam bheul‑sa.’ 9 Ach fhreagair an guth an dara h‑uair, ‘An rud a rinn Dia glan, na gabh thusa truaillte air.’ 10 Thachair seo trì tursan, agus an uair sin chaidh a h‑uile rud a tharraing suas a‑rithist do nèamh. 11 “Agus seallaibh, aig a' mhòmaid sin fhèin sheas triùir fhear aig an taigh san robh sinn, a chaidh a chur thugam o Chesarèa. 12 Agus thuirt an Spiorad rium a dhol còmhla riutha, gun bhreith a thoirt. Thàinig an sianar bhràithrean seo cuideachd còmhla rium, agus chaidh sinn a‑steach do thaigh an duine. 13 Agus dh'innis e dhuinn mar a bha e air an t‑aingeal fhaicinn na sheasamh na thaigh agus ag ràdh, ‘Cuir daoine gu Iopa, agus cuir a dh'iarraidh Shìmoin, ris an canar Peadar; 14 cuiridh esan an cèill teachdaireachd dhut leis am bi thu air do shàbhaladh, thusa agus do theaghlach gu lèir.’ 15 “Nuair a thòisich mi air bruidhinn, thuit an Spiorad Naomh orrasan, dìreach mar a thuit e oirnne aig an toiseach. 16 Agus chuimhnich mise facal an Tighearna, mar a thuirt e, ‘Bhaist Eòin le uisge, ach bidh sibhse air ur baisteadh leis an Spiorad Naomh.’ 17 Mar sin, ma thug Dia an t‑aon thiodhlac dhaibhsan 's a thug e dhuinne nuair a chreid sinne san Tighearna Ìosa Crìosd, cò mise gum b' urrainn dhomh bacadh a chur air Dia?” 18 Nuair a chuala iad na rudan seo bha iad sàmhach. Agus ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Mar sin, thug Dia dha na Cinnich cuideachd an t‑aithreachas a tha gu beatha.” An Eaglais ann an Antioch 19 A‑nis shiubhail iadsan a chaidh a sgapadh, air sgàth a' gheur‑leanmhainn a dh'èirich co‑cheangailte ri Steaphan, cho fada ri Phenice is Cìopras is Antioch, gun am facal a bhruidhinn ri neach sam bith ach na h‑Iùdhaich. 20 Ach bha cuid dhiubh, fir o Chìopras is o Chirène, nuair a thàinig iad gu Antioch a bhruidhinn ri na Greugaich cuideachd, a' searmonachadh an Tighearna Ìosa. 21 Agus bha làmh an Tighearna còmhla riutha, agus thionndaidh àireamh mhòr dhe na chreid chun an Tighearna. 22 Agus thàinig iomradh air a seo gu cluasan na h‑eaglaise ann an Ierusalem, agus chuir iad Barnabas gu Antioch. 23 Nuair a thàinig e 's a chunnaic e gràs Dhè, bha e toilichte agus dh'earalaich e orra uile fantainn dìleas nan cridhe dhan Tighearna, 24 oir b' e duine math a bh' ann, làn dhen Spiorad Naomh is de chreideamh. Agus chaidh sluagh fìor mhòr a chur ris an Tighearna. 25 An uair sin chaidh Barnabas gu Tarsas a' choimhead airson Shauil, 26 agus nuair a bha e air fhaighinn thug e gu Antioch e. Airson fad bliadhna choinnich iad ris an eaglais is theagaisg iad sluagh mòr dhaoine. Agus chaidh Crìosdaidhean a ghabhail air na deisciobail an toiseach ann an Antioch. 27 A‑nis anns na làithean sin thàinig fàidhean a‑nuas o Ierusalem gu Antioch. 28 Agus sheas aon dhiubh, dham b' ainm Agabus, suas agus rinn e aithnichte tron Spiorad gum biodh gort mhòr air feadh an t‑saoghail. (Ghabh seo àite ann an làithean Chlaudiuis.) 29 Mar sin chuir na deisciobail romhpa, gach aon a rèir a chomais, gun cuireadh iad cuideachadh gu na bràithrean a bha a' fuireach ann an Iudèa. 30 Agus rinn iad sin, ga chur gu na h‑èildearan le làimh Bharnabais is Shauil. |