Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Cornelius a' Gairm Pheadair

1 Aig Cesarèa bha duine àraidh dham b' ainm Cornelius, ceannard‑ceud dhen bhuidheann ris an canar an Rèisimeid Eadailteach,

2 duine cràbhach air an robh eagal Dhè còmhla ri a theaghlach uile, a thug dèirce gu fialaidh dhan t‑sluagh, agus a rinn ùrnaigh an‑còmhnaidh ri Dia.

3 Mu thrì uairean feasgar chunnaic e gu soilleir, ann an sealladh, aingeal de Dhia a' tighinn a‑steach agus ag ràdh ris, “A Chorneliuis!”

4 Agus gheur‑amhairc e air, fo oillt, is thuirt e, “Dè a th' ann, a thighearna?” Agus thuirt e ris, “Tha d' ùrnaighean is do dhèircean air a dhol suas mar chuimhneachan mu choinneamh Dhè.

5 A‑nis cuir daoine gu Iopa agus cuir a dh'iarraidh Shìmoin, ris an canar Peadar.

6 Tha esan a' faighinn aoigheachd còmhla ri Sìmon, fear‑deasachaidh leathair, aig a bheil a thaigh ri taobh na mara.”

7 Nuair a dh'fhalbh an t‑aingeal a bha a' bruidhinn ris, ghairm e air dithis dhe sheirbheisich agus saighdear cràbhach o mheasg na feadhna a bha ga fhrithealadh,

8 agus às dèidh dha a h‑uile sìon a mhìneachadh dhaibh, chuir e gu Iopa iad.


Foillseachadh Pheadair

9 An ath latha, fhad 's a bha iad air an t‑slighe 's a' dlùthachadh ris a' bhaile, chaidh Peadar suas gu mullach an taighe, mu mheadhan‑latha, a dh'ùrnaigh.

10 Ach dh'fhàs e acrach agus bha e ag iarraidh rudeigin ri ithe, ach fhad 's a bha iadsan ga ullachadh, thàinig neul air

11 is chunnaic e na nèamhan air am fosgladh agus rudeigin coltach ri siota mòr a' tighinn a‑nuas thuige, air a leigeil sìos le a cheithir oiseanan air an talamh.

12 Na bhroinn bha a h‑uile gnè bheathaichean ceithir‑chasach is shnàgairean is eòin an adhair.

13 Agus thàinig guth thuige: “Èirich, a Pheadair, marbh agus ith.”

14 Ach thuirt Peadar, “Cha dèan, a Thighearna; oir cha do dh'ith mi riamh sìon a bha truaillte no neòghlan.”

15 Agus thàinig an guth thuige a‑rithist an dara uair, “An rud a rinn Dia glan, na gabh thusa truaillte air.”

16 Thachair seo trì tursan, agus sa bhad chaidh an rud a thoirt suas gu nèamh.

17 A‑nis fhad 's a bha Peadar ann an imcheist ann fhèin a thaobh dè a' chiall a b' urrainn a bhith aig an t‑sealladh a chunnaic e, seall, bha na daoine a chaidh a chur o Chornelius, às dèidh taigh Shìmoin a shireadh, nan seasamh aig a' gheata,

18 agus dh'èigh iad a dh'fhaighneachd an robh Sìmon ris an canar Peadar a' fuireach an sin.

19 Agus fhad 's a bha Peadar a' meòrachadh air an t‑sealladh, thuirt an Spiorad ris, “Seall, tha triùir fhear a' coimhead air do shon.

20 Èirich is thalla sìos is theirig còmhla riutha gun bhreith a thoirt, oir is mise a chuir uam iad.”

21 Agus chaidh Peadar sìos gu na fir is thuirt e, “Seallaibh, is mise am fear a tha sibh a' sireadh. Dè an t‑adhbhar a th' agaibh a bhith an seo?”

22 Agus thuirt iad, “Chaidh Cornelius – ceannard‑ceud, duine fìreanta agus air a bheil eagal Dhè, aig a bheil deagh ainm am measg nàisean nan Iùdhach uile – a stiùireadh le aingeal naomh airson cur gad iarraidh chun an taighe aige, agus cluinntinn na th' agad ri ràdh.”

23 An uair sin thug e cuireadh dhaibh tighinn a‑steach, agus thug e aoigheachd dhaibh. An ath latha dh'èirich e is chaidh e còmhla riutha, agus chaidh feadhainn àraidh dhe na bràithrean o Iopa còmhla ris.


Peadar aig Taigh Chorneliuis

24 Agus air an ath latha chaidh iad a‑steach do Chesarèa. Bha dùil aig Cornelius riutha agus bha e air a chàirdean 's a dhlùth‑charaidean a ghairm còmhla.

25 Nuair a chaidh Peadar a‑steach, choinnich Cornelius ris agus thuit e sìos aig a chasan is rinn e adhradh dha.

26 Ach thog Peadar suas e, ag ràdh, “Seas suas, 's e duine a th' annamsa cuideachd.”

27 Agus fhad 's a bhruidhinn e ris, chaidh e a‑steach agus fhuair e mòran a bha air cruinneachadh.

28 Agus thuirt e riutha, “Is aithne dhuib' fhèin cho mì‑riaghailteach 's a tha e do dh'Iùdhach, comann a bhith aige le coigreach, no tadhal air; ach tha Dia air sealltainn dhomh nach bu chòir dhòmhsa truaillte no neòghlan a ghabhail air duine.

29 Mar sin nuair a chaidh fios a chur air mo shon, thàinig mi gun bhreith a thoirt. Tha mi a' faighneachd mar sin carson a chuir sibh gam iarraidh?”

30 Agus thuirt Cornelius, “Ceithir latha air ais, mun uair seo, bha mi ag ùrnaigh nam thaigh aig trì uairean feasgar, agus seall, sheas duine mum choinneamh ann an aodach deàlrach,

31 agus thuirt e, ‘A Chorneliuis, tha d' ùrnaighean agus do dhèircean air a dhol suas mar chuimhneachan mu choinneamh Dhè.

32 Mar sin cuir gu Iopa a dh'iarraidh Shìmoin ris an canar Peadar, a tha a' faighinn aoigheachd ann an taigh Shìmoin, fear‑deasachaidh leathair, ri taobh na mara.’

33 Mar sin chuir mi fios air do shon sa bhad, agus is math a rinn thu tighinn. A‑nis, ma‑thà, tha sinn uile an seo ann an làthair Dhè airson a h‑uile sìon a chluinntinn a chaidh àithne dhut leis an Tighearna.”

34 An uair sin, a' fosgladh a bheòil, thuirt Peadar, “Gu fìrinneach tha mi a' tuigsinn nach e aon a th' ann an Dia a tha leth‑bhreitheach,

35 ach sa h‑uile nàisean gu bheil an neach aig a bheil eagal dha 's a nì na tha ceart taitneach dha.

36 Chuir e am facal gu clann Israeil, a' searmonachadh deagh sgeul na sìthe tro Ìosa Crìosd, as e Tighearna nan uile.

37 Agus is aithne dhuib' fhèin dè a thachair tro Iudèa gu lèir, a' tòiseachadh o Ghalile às dèidh a' bhaistidh a chuir Eòin an cèill –

38 mar a dh'ung Dia Ìosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh is le cumhachd, agus mar a chaidh e mun cuairt a' dèanamh maith agus gan slànachadh‑san uile a bh' air an claoidh leis an diabhal, oir bha Dia còmhla ris.

39 “Tha sinne nar fianaisean air a h‑uile rud a rinn e, an dà chuid ann an tìr nan Iùdhach agus ann an Ierusalem. Chuir iad gu bàs e le bhith ga chrochadh air craoibh,

40 ach thog Dia e air an treas latha agus dh'adhbhraich e gun robh e air fhaicinn,

41 chan ann leis an t‑sluagh uile ach le fianaisean a bh' air an taghadh le Dia ro‑làimh – leinne a dh'ith 's a dh'òl còmhla ris às dèidh dha èirigh o na mairbh.

42 Agus dh'àithn e dhuinne searmonachadh dhan t‑sluagh agus fianais a dhèanamh gur esan a chaidh òrdachadh le Dia gus a bhith na bhritheamh thar nam beò is nam marbh.

43 Dhàsan tha na fàidhean uile a' toirt fianais gum faigh a h‑uile neach a chreideas ann mathanas pheacaidhean tro ainm‑san.”

44 Fhad 's a bha Peadar fhathast ag ràdh nan rudan seo, thuit an Spiorad Naomh orrasan uile a chuala am facal.

45 Agus ghabh na creidmhich a bha dhen timcheall‑ghearradh a bh' air tighinn còmhla ri Peadar iongnadh, a chionn 's gun robh tiodhlac an Spioraid Naoimh air a dhòrtadh a‑mach air na Cinnich cuideachd.

46 Oir bha iad gan cluinntinn a' bruidhinn ann an teangannan agus ag àrd‑mholadh Dhè. An uair sin fhreagair Peadar,

47 “'S cinnteach nach urrainn do neach sam bith uisge a dhiùltadh airson nan daoine seo a bhaisteadh, a th' air an Spiorad Naomh fhaighinn dìreach mar a fhuair sinne?”

48 Agus thug e òrdugh gum biodh iad air am baisteadh ann an ainm Ìosa Crìosd. An uair sin dh'iarr iad air fuireach airson beagan làithean.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan