Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ìosa air a Thoirt suas do Nèamh

1 Anns a' chiad leabhar, a Theophiluis, sgrìobh mi mun a h‑uile rud a thòisich Ìosa air a dhèanamh 's air a theagasg,

2 gus an latha nuair a chaidh a thoirt suas, às dèidh dha àithntean a thoirt, tron Spiorad Naomh, dha na h‑abstoil a bha e air a thaghadh.

3 Dhaibhsan, thaisbein e e fhèin beò às dèidh an fhulangais aige le mòran chomharraidhean dearbhachail, a' nochdadh riutha fad dà fhichead latha is a' bruidhinn mu rìoghachd Dhè.

4 Agus fhad 's a bha e a' fuireach còmhla riutha dh'àithn e dhaibh gun Ierusalem fhàgail, ach feitheamh airson gealladh an Athar, “A chuala sibh uamsa,” ars esan,

5 “oir bhaist Eòin le uisge, ach bidh sibhse air ur baisteadh leis an Spiorad Naomh, beagan làithean às dèidh seo.”

6 Mar sin nuair a bha iad air tighinn còmhla, dh'fhaighnich iad dha, “A Thighearna, an ann aig an àm seo a dh'aisigeas tu an rìoghachd do dh'Israel?”

7 Thuirt esan riutha, “Cha bhuin e dhuibhse fios a bhith agaibh air na h‑amannan no air na h‑aimsirean a shuidhich an t‑Athair le ùghdarras fhèin.

8 Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh, agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa ann an Ierusalem agus ann an Iudèa gu lèir agus ann an Samaria, agus gu crìoch na talmhainn.”

9 Agus nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, fhad 's a bha iad a' coimhead air, chaidh a thogail suas agus thug sgòth às an sealladh e.

10 Agus fhad 's a bha iadsan a' geur‑amharc do nèamh fhad 's a dh'fhalbh esan, seallaibh, sheas dithis fhear faisg orra ann an aodach geal,

11 agus thuirt iad, “Fheara Ghalile, carson a tha sibh a' seasamh a' coimhead a nèamh? An t‑Ìosa seo a chaidh a thogail suas uaibh do nèamh, thig e san aon dòigh sam faca sibh e a' dol do nèamh.”


Matias air a Thaghadh airson Àite Iùdais a Ghabhail

12 An uair sin thill iad gu Ierusalem, on bheinn ris an canar Beinn nan Crann‑Ola, a tha faisg air Ierusalem, astar latha Sàbaid air falbh.

13 Agus nuair a bha iad air a dhol a‑steach, chaidh iad suas dhan t‑seòmar a b' àirde, far an robh iad a' fuireach: Peadar is Eòin agus Seumas is Anndra, Philip is Tòmas, Bartolomèus is Mata, Seumas mac Alphèuis is Sìmon Selotes agus Iùdas mac Sheumais.

14 Bha iad seo uile a dh'aon inntinn gan coisrigeadh fhèin do dh'ùrnaigh, còmhla ri na boireannaich agus Moire màthair Ìosa, agus còmhla ri a bhràithrean.

15 Anns na làithean sin sheas Peadar am measg nam bràithrean (b' e àireamh na feadhna a bha an làthair mu cheud is fichead) agus thuirt e,

16 “A bhràithrean, dh'fheumadh an Sgriobtar a bhith air a choileanadh, a bhruidhinn an Spiorad Naomh ro‑làimh le beul Dhaibhidh mu Iùdas, a bha na fhear‑treòrachaidh dhaibhsan a ghlac Ìosa.

17 Oir bha e air àireamh nur measg‑ne agus fhuair e roinn dhen mhinistrealachd seo.”

18 (A‑nis cheannaich an duine seo achadh le duais na h‑eucoir aige, agus a' tuiteam an comhair a chinn, sgàin e sa mheadhan agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.

19 Agus chaidh seo a dhèanamh aithnichte do luchd‑àiteachaidh Ierusaleim gu lèir; mar sin chaidh an t‑achadh sin ainmeachadh anns a' chànan aca fhèin Aceldamà, is e sin Fearann Fala.)

20 Oir tha e sgrìobhte ann an leabhar nan Salm, “‘Gum biodh a dhachaigh na fàsach, agus nach biodh neach sam bith a' fuireach innte,’ agus, ‘Gun gabhadh neach eile a dhreuchd.’

21 “Mar sin bu chòir do dh'aon dhe na fir a chaidh còmhla rinn fad na h‑ùine sin uile a bha an Tighearna Ìosa a' dol a‑steach 's a‑mach nar measg,

22 a' tòiseachadh o bhaisteadh Eòin gus an latha san deach a thogail suas uainn, a bhith air a dhèanamh na fhianais dhe aiseirigh‑san còmhla rinne.”

23 Agus chuir iad air adhart dithis: Iòsaph ris an canar Barsabas (dham b' ainm cuideachd Iustus) agus Matias.

24 Agus rinn iad ùrnaigh is thuirt iad, “Thusa, a Thighearna, dhan aithne cridheachan nan uile, seall gu soilleir cò am fear dhen dithis seo a thagh thu

25 airson an t‑àite a ghabhail anns a' mhinistrealachd seo agus san abstolachd on do thionndaidh Iùdas a thaobh airson a dhol dha àite fhèin.”

26 Agus thilg iad crannchur, is thuit an crannchur air Matias, agus bha e air àireamh còmhla ris an aon abstol deug.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan