Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Galàtianach 6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


A' Dèanamh Maith dha na h‑Uile

1 A bhràithrean, ma thèid neach sam bith a ghlacadh ann an cionta sam bith, sibhse a tha spioradail, aisigibh a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na ciùine; a' toirt aire dhut fhèin, nach tèid do bhuaireadh san aon dòigh.

2 Giùlainibh uallaichean a chèile, agus mar sin coileanaidh sibh lagh Chrìosd.

3 Oir ma shaoileas duine gur e rudeigin a th' ann fhèin, nuair nach eil ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhèin.

4 Ach dearbhadh gach neach obair fhèin, agus an uair sin bidh adhbhar bòstaidh aige dha thaobh fhèin a‑mhàin, agus chan ann a thaobh neach eile.

5 Oir giùlainidh gach neach eallach fhèin.

6 Agus dèanadh gach neach a th' air a theagasg san fhacal, co‑roinn leis an neach a tha ga theagasg, sa h‑uile rud math.

7 Na bithibh air ur mealladh, cha tèid fanaid a dhèanamh air Dia, oir ge b' e dè a chuireas duine, buainidh e seo cuideachd.

8 Oir an neach a chuireas dha fheòil fhèin, buainidh e truaillidheachd on fheòil; ach an neach a chuireas dhan Spiorad, buainidh e a' bheatha shìorraidh on Spiorad.

9 Agus na cailleamaid misneachd a thaobh math a dhèanamh, oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura gèill sinn.

10 Mar sin, fhad 's a tha an cothrom againn, dèanamaid math dhan a h‑uile duine, agus gu h‑àraidh dhaibhsan a tha de theaghlach a' chreideimh.


Chan e Timcheall‑Ghearradh ach Cruthachadh Ùr

11 Seallaibh cho mòr 's a tha na litrichean leis an do sgrìobh mi thugaibh lem làimh fhèin.

12 Tha iadsan a tha ag iarraidh taisbeanadh math a dhèanamh san fheòil gur n‑èigneachadh gus a bhith air ur timcheall‑ghearradh, dìreach gus nach tèid geur‑leanmhainn a dhèanamh orrasan airson crann‑ceusaidh Chrìosd.

13 Oir chan eil iadsan fhèin a th' air an timcheall‑ghearradh a' cumail an lagha, ach is miann leotha sibhse a bhith air ur timcheall‑ghearradh, airson 's gum bòstadh iad nur feòil‑se.

14 Ach na tachradh e gu bràth gum bòstainn‑sa, ach ann an crann‑ceusaidh ar Tighearna Ìosa Crìosd, 's ann troimhesan a tha an saoghal air a cheusadh dhòmhsa, agus mise dhan t‑saoghal.

15 Oir cha mhotha a tha timcheall‑ghearradh na shìon, no neo‑thimcheall ghearradh, ach cruthachadh ùr.

16 Agus na h‑uimhir 's a choisicheas a rèir na riaghailt seo, sìth is tròcair orra, agus air Israel Dhè.

17 À seo suas na cuireadh neach sam bith dragh orm, oir tha mi a' giùlain chomharraidhean Ìosa nam chorp.

18 Gu robh gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd còmhla ri ur spiorad, a bhràithrean. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan