Galàtianach 4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 A‑nis tha mi ag ràdh, cho fada 's a tha an t‑oighre na leanabh, chan eil e diofraichte ann an dòigh sam bith o sheirbheiseach, ged a tha e na thighearna de gach nì, 2 ach tha e fo luchd‑gleidhidh is stiùbhardan gus an tig an t‑àm a dh'òrdaich an t‑athair. 3 Mar sin cuideachd sinne, nuair a bha sinn nar leanabanan, bha sinn ann an daorsa fo phrionnsapalan bunasach an t‑saoghail. 4 Ach nuair a thàinig lànachd na h‑ùine, chuir Dia a Mhac fhèin a‑mach, air a bhreith o mhnaoi, air a bhreith fon lagh, 5 airson 's gun saoradh e iadsan a bha fon lagh, gus am faigheadh sinne uchd‑mhacachd na cloinne. 6 Agus air sgàth 's gur e mic a th' annaibh, tha Dia air Spiorad a Mhic fhèin a chur nar cridheachan, ag èigheach, “Abba! Athair!” 7 Mar sin chan eil thu nad sheirbheiseach tuilleadh, ach nad mhac, agus ma tha thu nad mhac, tha thu nad oighre cuideachd, tro Dhia. Cùram Phòil dha na Galàtianaich 8 Ge‑tà, aig an àm sin, nuair nach b' aithne dhuibh Dia, rinn sibh seirbheis mar thràillean dhaibhsan nach eil nan diathan a thaobh nàdair. 9 Ach a‑nis on a tha sibh air aithne a dhèanamh air Dia, no nas fheàrr, tha sibh air ur n‑aithneachadh le Dia, ciamar as urrainn dhuibh tionndadh air ais a‑rithist gu prionnsapalan bunasach an t‑saoghail – 's iad lag is gun fhiach – dham bu toigh leibh a‑rithist a bhith fo dhaorsa? 10 Bidh sibh a' cumail làithean is mìosan is ràithean is bliadhnaichean. 11 Tha eagal orm air ur son gur dòcha gun do rinn mi saothair dhuibh gu dìomhain. 12 Tha mi a' guidhe oirbh, a bhràithrean, bithibh mar a tha mise, oir tha mise cuideachd mar a tha sibhse. Cha do rinn sibh eucoir sam bith ormsa. 13 Tha fios agaibh gum b' ann air sgàth laigse cuirp a shearmonaich mi an soisgeul dhuibh an toiseach; 14 agus an rud sin a bha na dheuchainn dhuibh nam chorp, cha do chuir sibh ann an suarachas no fo ghràin, ach ghabh sibh rium mar aingeal Dhè, mar Chrìosd Ìosa. 15 Càite mar sin a bheil ur beannachd? Oir tha mi a' dèanamh fianais dhuibh, nam b' e is gun robh e an comas, gum biodh sibh air ur sùilean fhèin a spìonadh a‑mach 's air an toirt dhòmhsa. 16 Mar sin an deach mo dhèanamh nam nàmhaid dhuibh le bhith ag innse na fìrinn dhuibh? 17 Tha iad eudmhor mur deidhinn, ach chan ann gu math. Ach tha iad ag iarraidh ur dùnadh a‑mach airson 's gum biodh sibh eudmhor mun deidhinn fhèin. 18 Ach tha e an‑còmhnaidh math a bhith eudmhor ann an deagh dhòigh, agus chan ann an‑còmhnaidh nuair a tha mi an làthair còmhla ribh. 19 Mo chlann bheaga, dham bheil mi a‑rithist a' fulang saothair‑aiseid, gus an tèid Crìosd a dhealbh annaibh, 20 b' fheàrr leam gun robh mi an làthair còmhla ribh an‑dràsta agus gun atharraichinn mo ghuth, oir tha mi ann an imcheist mur deidhinn. Hagar agus Sara 21 Innsibh dhomh, sibhse lem bu mhiann a bhith fon lagh, nach eil sibh a' cluinntinn an lagh? 22 Oir tha e sgrìobhte gun robh dithis mhac aig Abrahàm, aon le bana‑thràill agus aon le mnà shaor. 23 Ach bha fear na bana‑thràill air a bhreith a rèir na feòla, agus fear na mnà shaoir tron ghealladh. 24 Tha seo a' bruidhinn gu samhlachail, oir is iad seo dà cho‑cheangal: aon dhiubh o Bheinn Shinài a tha a' breith chloinne airson daorsa; is ise Hagar. 25 Oir is Hagar beinn Shinài ann an Aràibia, agus tha i a' co‑fhreagradh air an Ierusaleim a tha a‑nis ann, agus tha ise fo dhaorsa cuide ri a cloinn. 26 Ach tha an t‑Ierusaleim a tha shuas saor, is ise ar màthair. 27 Oir tha e sgrìobhte: “Dèan gàirdeachas a bhean neo‑thorraich, nach eil a' breith chloinne; bris a‑mach agus leig èigh, thusa nach eil a' fulang cràdh‑breith; oir is lìonmhoire clann na mnaoi aonaranaich na na mnaoi aig a bheil fear‑pòsta.” 28 A‑nis a bhràithrean, tha sibhse mar a bha Ìsaac, nur cloinn a' gheallaidh. 29 Ach mar – aig an àm sin – a rinn esan a rugadh a rèir na feòla geur‑leanmhainn airsan a rugadh a rèir an Spioraid, 's ann mar sin a tha e a‑nis cuideachd. 30 Ach dè a tha an Sgriobtar ag ràdh? “Tilg a‑mach a' bhana‑thràill agus a mac, oir cha bhi mac na bana‑thràill idir na oighre còmhla ri mac na mnaoi saoire.” 31 Mar sin, a bhràithrean, cha sinne clann na bana‑thràill, ach na mnaoi saoire. |