Galàtianach 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Creideamh no Cumail an Lagha 1 Ò Ghalàtianacha amaideach! Cò a chuir draoidheachd oirbh? Fa chomhair ur sùilean bha Crìosd air a thaisbeanadh gu soilleir air a cheusadh. 2 Is e seo an aon rud a tha mi ag iarraidh ionnsachadh uaibh: an d' fhuair sibh an Spiorad tro obraichean an lagha no tro èisteachd creideimh? 3 A bheil sibh cho amaideach? Às dèidh dhuibh tòiseachadh san Spiorad, a bheil sibh a‑nis air ur dèanamh foirfe leis an fheòil? 4 An do dh'fhuiling sibh na h‑uiread de rudan gu dìomhain – mas ann dha‑rìribh gu dìomhain a bha e? 5 Mar sin, a bheil esan a tha a' toirt an Spioraid dhuibh agus ag obrachadh mhìorbhailean nur measg ga dhèanamh tro obraichean an lagha, no tro èisteachd creideimh? 6 Eadhon mar a chreid Abrahàm Dia agus a chaidh a mheasadh dha mar fhìreantachd. 7 Mar sin biodh fios agaibh gur iadsan a tha dhen chreideamh a tha nam mic do dh'Abrahàm. 8 Agus an Sgriobtar, a' ro‑aithneachadh gum fìreanaicheadh Dia na Cinnich tro chreideamh, shearmonaich e an soisgeul ro‑làimh do dh'Abrahàm, ag ràdh, “Annadsa bidh na Cinnich gu lèir air am beannachadh.” 9 Mar sin tha iadsan a tha dhen chreideamh air am beannachadh còmhla ri Abrahàm, an creidmheach. 10 Oir na h‑uimhir 's a tha de dh'obraichean an lagha, tha iad fo mhallachd; oir tha e sgrìobhte, “Is mallaichte gach neach nach buannaich anns a h‑uile sìon a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha, gus an dèanamh.” 11 A‑nis tha e follaiseach nach eil neach sam bith air fhìreanachadh tron lagh ann am fianais Dhè; oir, “Bidh am fìrean beò tro chreideamh.” 12 Ach chan eil an lagh de chreideamh; ach, “An duine a nì iad, bidh e beò air an rèir.” 13 Shaor Crìosd sinne o mhallachd an lagha, tro thighinn gus a bhith na mhallachd air ar son – oir tha e sgrìobhte, “Is mallaichte gach neach a chrochas air crann” – 14 airson 's, ann an Crìosd Ìosa, gum faodadh beannachd Abrahàim tighinn air na Cinnich, airson 's gum faigheadh sinne gealladh an Spioraid tro chreideamh. An Lagh agus an Gealladh 15 A bhràithrean, tha mi a' bruidhinn mar dhuine; ged nach biodh ann ach co‑cheangal duine, ma tha e air a dhaingneachadh, cha chuir neach sam bith às dha, no ris. 16 A‑nis chaidh na geallaidhean a ràdh ri Abrahàm 's ri a shìol. Chan eil e ag ràdh, “Agus do shìolan,” mar gun robh e a' bruidhinn mu thòrr, ach an àite sin mu aon, “Agus dhad shìol‑sa,” 's e sin Crìosd. 17 Is e seo a tha mi ag ràdh: chan eil an lagh – a thàinig ceithir cheud 's a trithead bliadhna às dèidh làimh – a' cur às do cho‑cheangal a dhaingnich Dia roimhe, mar gun cuireadh e às dhan ghealladh. 18 Oir mas ann on lagh a tha an oighreachd, chan eil i tuilleadh on ghealladh; ach thug Dia gu saor i do dh'Abrahàm tro ghealladh. 19 Carson ma‑thà an lagh? Chaidh a chur ris air sgàth eas‑ùmhlachd, às dèidh dha a bhith air òrdachadh tro ainglean le làimh eadar‑mheadhanair, gus an tigeadh an sìol dhan deach an gealladh a thoirt. 20 Ach chan eil eadar‑mheadhanair airson aon a‑mhàin; ach tha Dia na aon. 21 Mar sin, a bheil an lagh an aghaidh gheallaidhean Dhè? Na tachradh e gu bràth! Oir nan robh lagh air a bhith air a thoirt seachad a b' urrainn beatha a bhuileachadh, an uair sin bhiodh fìreantach dha‑rìribh on lagh. 22 Ach tha an Sgriobtar air a h‑uile duine a ghlasadh fon pheacadh, airson 's gum faodadh an gealladh – tro chreideamh Ìosa Crìosd – a bhith air a thoirt dhaibhsan a tha a' creidsinn. 23 Ach mus tàinig creideamh, bha sinn air ar geàrd fon lagh, air ar glasadh suas gus am biodh an creideamh a bha a' dol a thighinn air fhoillseachadh. 24 Mar sin tha an lagh air a bhith na oide‑foghlaim dhuinn gu Crìosd, airson 's gum bitheamaid air ar fìreanachadh tro chreideamh. 25 Ach a‑nis on a tha creideamh air tighinn, chan eil sinn tuilleadh fo oide‑foghlaim. Mic Dhè 26 Oir tha sibh uile nur mic do Dhia tro chreideamh ann an Crìosd Ìosa. 27 Oir na h‑uimhir agaibh 's a bh' air ur baisteadh do Chrìosd, chuir sibh Crìosd oirbh. 28 Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil daor no saor, chan eil fireann no boireann ann; oir tha sibh uile nur n‑aon ann an Crìosd Ìosa. 29 Agus mas ann le Crìosd a tha sibh, mar sin is sibhse sìol Abrahàim, oighreachan a rèir a' gheallaidh. |