Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Galàtianach 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Pòl air a Ghabhail ris leis na h‑Abstoil

1 An uair sin às dèidh ceithir bliadhna deug chaidh mi suas a‑rithist a dh'Ierusalem còmhla ri Barnabas, a' toirt Thìtuis leam cuideachd.

2 Is ann air sgàth taisbeanaidh a chaidh mi suas; agus chuir mi an cèill dhaibh an soisgeul a tha mi a' searmonachadh am measg nan Cinneach, ach rinn mi sin gu h‑uaigneach, dhaibhsan air an robh meas, air eagal – air dhòigh sam bith – gun robh mi a' ruith, no gun ruithinn, gu dìomhain.

3 Ach cha deach toirt air Tìtus, a bha còmhla rium – ged a b' e Greugach a bh' ann a bhith air a thimcheall‑ghearradh.

4 Ach air sgàth bràithrean‑brèige a chaidh a thoirt a‑steach gun fhiosta 's a bh' air goid a‑steach gus faire a dhèanamh air an t‑saorsa a th' againn ann an Ìosa Crìosd, airson ar toirt fo dhaorsa –

5 dhaibhsan cha do ghèill sinn ann an ùmhlachd fiù 's airson mòmaid, airson 's gum fanadh fìrinn an t‑soisgeil còmhla ribhse.

6 Ach on fheadhainn sin air an robh meas gum bu chuideigin iad (chan eil ge b' e dè a bh' annta a' dèanamh diofair dhòmhsa, chan eil suim aig Dia do choltas duine) – oir iadsan air an robh meas, cha tug iad sìon dhòmhsa.

7 Ach air a' chaochladh, a' faicinn gun deach soisgeul an neo‑thimcheall‑ghearraidh earbsadh dhòmhsa, mar a chaidh soisgeul an timcheall‑ghearraidh earbsadh do Pheadar

8 (oir esan a dh'obraich tro Pheadar na abstolachd‑san dhan timcheall‑ghearradh, dh'obraich e dhòmhsa cuideachd dha na Cinnich),

9 agus ag aithneachadh a' ghràis a chaidh a thoirt dhomh, thug Seumas is Cèphas is Eòin – a bh' air am meas a bhith nan colbhan – dhòmhsa is do Bharnabas deas‑làimh a' chomainn airson 's gun deigheadh sinne gu na Cinnich agus iadsan chun an timcheall‑ghearraidh.

10 A‑mhàin, dh'iarr iad oirnn cuimhneachadh air na bochdan, an dearbh nì a bha mi ro‑dheònach a dhèanamh.


Pòl a' Seasamh an aghaidh Pheadair

11 Ach nuair a thàinig Cèphas gu Antioch, sheas mi na aghaidh, a chionn 's gun robh e air a dhìteadh.

12 Oir mus tàinig daoine àraidh o Sheumas, bhiodh e ag ithe còmhla ri na Cinnich; ach nuair a thàinig iadsan, tharraing e air ais agus dhealaich e e fhèin, air eagal mhuinntir an timcheall‑ghearraidh.

13 Agus ghabh an còrr dhe na h‑Iùdhaich pàirt còmhla ris sa chealgaireachd, air chor 's gun deach fiù 's Barnabas a thoirt air seachran leis a' chealgaireachd aca.

14 Ach nuair a chunnaic mise nach robh iad a' coiseachd gu dìreach a rèir fìrinn an t‑soisgeil, thuirt mi ri Cèphas, mun coinneamh uile, “Ma tha thusa, a tha nad Iùdhach, beò mar a tha na Cinnich 's nach ann mar a tha na h‑Iùdhaich, ciamar a tha thu a' toirt air na Cinnich a bhith beò mar Iùdhaich?

15 “Tha sinne nar n‑Iùdhaich a thaobh nàdair 's chan ann nar peacaich o na Cinnich,

16 a dh'aindeoin sin, le fios a bhith againn nach eil duine air fhìreanachadh o obraichean an lagha, ach tro chreideamh ann an Ìosa Crìosd, tha fiù 's sinne air creidsinn ann an Ìosa Crìosd, airson 's gum faod sinn a bhith air ar fìreanachadh tro chreideamh ann an Crìosd agus chan ann tro obraichean an lagha; oir tro obraichean an lagha, cha bhi feòil sam bith air a fìreanachadh.

17 “Ach, fhad 's a bha sinn a' sireadh a bhith air ar fìreanachadh ann an Crìosd 's gu robh sinn air ar faighinn nar peacaich, a bheil Crìosd mar sin na mhinistear peacaidh? Na tachradh e gu bràth!

18 Oir ma thogas mi suas a‑rithist na sgrios mi, tha mi gam dhearbhadh fhèin mar chiontaiche.

19 Oir tron lagh bhàsaich mi chun an lagha, airson 's gum bithinn beò do Dhia. Tha mi air a bhith air mo cheusadh còmhla ri Crìosd,

20 agus cha mhise tuilleadh a tha beò, ach Crìosd a tha beò annamsa. Agus a' bheatha a tha mi a‑nis a' caitheamh san fheòil tha mi a' caitheamh tro chreideamh ann am Mac Dhè, a thug gràdh dhomh agus a thug e fhèin seachad air mo shon.

21 Chan eil mi a' diùltadh gràs Dhè, oir nan robh fìreantachd tron lagh, 's ann gun adhbhar a fhuair Crìosd bàs.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan