Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Galàtianach 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Pòl, abstol, chan ann o dhaoine, no tro dhaoine, ach tro Ìosa Crìosd agus tro Dhia an t‑Athair, a thog suas o na mairbh e –

2 agus na bràithrean gu lèir a tha còmhla rium, Gu eaglaisean Ghalàtia:

3 Gràs dhuibh agus sìth, o Dhia ar n‑Athair agus an Tighearna Ìosa Crìosd,

4 a thug e fhèin seachad airson ar peacaidhean airson 's gun saoradh e sinn on linn olc a tha an làthair, a rèir toil ar Dè agus ar n‑Athar,

5 dhàsan gun robh a' ghlòir gu saoghal nan saoghal. Amen.


Chan Eil Soisgeul Eile Ann

6 Tha iongnadh orm gu bheil sibh, cho luath, air ur tionndadh air falbh uaithesan a ghairm sibh le gràs Chrìosd, gu soisgeul eile –

7 chan e gu bheil soisgeul eile ann, ach tha feadhainn ann a tha gur buaireadh 's ag iarraidh soisgeul Chrìosd fhiaradh.

8 Ach fiù 's nan robh sinne, no aingeal o nèamh, a' dol a shearmonachadh soisgeul dhuibh a tha an aghaidh an fhear a shearmonaich sinne dhuibh, biodh e mallaichte!

9 Mar a tha sinn air a ràdh roimhe, tha mise a‑nis ag ràdh a‑rithist, ma tha neach sam bith a' searmonachadh soisgeul a tha an aghaidh na fhuair sibh, biodh e mallaichte!

10 Oir a bheil mi a‑nis a' feuchainn ri moladh dhaoine fhaighinn, no moladh Dhè? No a bheil mi a' strì gus daoine a thoileachadh? Nam bithinn fhathast a' feuchainn ri daoine a thoileachadh, cha bhithinn nam sheirbheiseach do Chrìosd.


Pòl air a Ghairm le Dia

11 Oir tha mi a' dèanamh aithnichte dhuibh, a bhràithrean – an soisgeul a chaidh a shearmonachadh leamsa – nach ann a rèir duine a tha e.

12 Oir cha b' ann o dhuine a fhuair mi e, cha mhotha a chaidh a theagasg dhomh, ach fhuair mi e tro thaisbeanadh Ìosa Crìosd.

13 Oir tha sibh air cluinntinn mun chaitheamh‑beatha a b' àbhaist a bhith agam ann an Iùdhachas, mar a bha mi a' geur‑leanmhainn eaglais Dhè thar tomhas agus a' feuchainn ri a sgrios.

14 Agus bha mi a' dèanamh adhartais ann an Iùdhachas thar mhòran dhem chomhaoisean am measg mo chinnidh fhèin, 's mi na b' fhìor eudmhoire buileach airson dualchasan mo shinnsireachd.

15 Ach nuair a b' e deagh thoil Dhè e – a chuir air leth mi o bhroinn mo mhàthar 's a ghairm mi tro a ghràs‑san –

16 a mhac fhèin fhoillseachadh annamsa, airson 's gun searmonaichinn e am measg nan Cinneach, cha do ghabh mi comhairle sa bhad o fhuil 's o fheòil;

17 cha mhotha a chaidh mi suas a dh'Ierusalem thucasan a bha nan abstoil romham, ach chaidh mi a dh'Aràibia, agus thill mi air ais a‑rithist gu Damascas.

18 An uair sin, an ceann trì bliadhna, chaidh mi suas a dh'Ierusalem a thadhal air Cèphas agus dh'fhan mi còmhla ris còig làithean deug.

19 Ach chan fhaca mi gin dhe na h‑abstoil eile, ach Seumas a‑mhàin, bràthair an Tighearna.

20 A‑nis a thaobh nan rudan a tha mi a' sgrìobhadh thugaibh, seallaibh, mu choinneamh Dhè, chan eil mi ag innse breug.

21 An uair sin chaidh mi gu ceàrnaidhean Shiria is Chilicia.

22 Agus cha robh eòlas aig eaglaisean Iudèa a bh' ann an Crìosd air m' aodann;

23 ach a‑mhàin, bha iad ga chluinntinn air a ràdh, “Tha esan a b' àbhaist a bhith gar geur‑leanmhainn a‑nis a' searmonachadh a' chreideimh a dh'fheuch e ri sgrios aig aon àm.”

24 Agus bha iad a' glòrachadh Dhè air mo shon‑sa.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan