Ephèsianach 6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Clann agus Pàrantan 1 A chlann, bithibh umhail dhur pàrantan san Tighearna, oir tha seo ceart. 2 “Thoir urram dhad athair 's dhad mhàthair” (is i seo a' chiad àithne le gealladh), 3 “airson 's gun èirich gu math dhut is gum bi thu fada beò air an talamh.” 4 Agus athraichean, na brosnaichibh ur clann gu fearg, ach togaibh iad ann am foghlam 's ann an teagasg an Tighearna. Seirbheisich agus Maighstirean 5 A sheirbheiseacha, bithibh umhail dhur maighstirean a rèir na feòla, le eagal is ball‑chrith ann an sìmplidheachd ur cridhe, mar do Chrìosd; 6 chan ann le seirbheis sùile, mar fheadhainn a thoilicheas daoine, ach mar sheirbheisich Chrìosd, a' dèanamh toil Dhè on anam, 7 le deagh rùn a' dèanamh seirbheis, mar dhan Tighearna, 's chan ann do dhaoine, 8 le fios a bhith agaibh, ge b' e dè am math a nì gach aon agaibh, gum faigh e an rud seo fhèin air ais on Tighearna, eadar gum b' e tràill no saoranach a th' ann. 9 Agus a mhaighstirean, dèanaibh‑se na h‑aon rudan dhaibhsan, agus sguiribh a mhaoidheadh, is fios agaibh gu bheil an dà chuid am maighstir‑san 's ur maighstir‑se air nèamh, agus nach eil leth‑bhreith ann leis‑san. Armachd Dhè 10 Mu dheireadh, bithibh làidir san Tighearna agus ann an treise a chumhachd. 11 Cuiribh oirbh làn‑armachd Dhè, airson 's gum bi sibh an comas air seasamh an aghaidh innleachdan mheallta an diabhail. 12 Oir chan eil sinn a' gleac ri fuil is feòil, ach ri riaghladairean, ri ùghdarrasan, ri cumhachdan‑saoghail an dorchadais seo, ri cumhachdan spioradail na h‑aingidheachd sna h‑àiteachan nèamhaidh. 13 Mar sin, togaibh suas làn‑armachd Dhè, airson 's gum bi sibh comasach air ‘cur an aghaidh’ san latha olc agus às dèidh a h‑uile sìon a dhèanamh, seasamh. 14 Seasaibh mar sin, 's ur leasraidh crioslaichte le fìrinn is uchd‑èideadh na fìreantachd oirbh 15 agus, mar bhrògan airson ur casan, ullachadh soisgeul na sìthe; 16 anns a h‑uile sìon, a' togail suas sgiath a' chreideimh, leis am bi sibh comasach air uile shaighdean theinnteach an fhir uilc a mhùchadh. 17 Agus gabhaibh clogaid na slàinte, is claidheamh an spioraid – as e facal Dhè. 18 Leis a h‑uile seòrsa ùrnaigh is tagraidh, dèanaibh ùrnaigh an‑còmhnaidh san Spiorad, agus le seo san amharc, dèanaibh faire leis a h‑uile buannachadh is thagradh airson nan naomh gu lèir. 19 Agus dèanaibh ùrnaigh air mo shon‑sa gun deigheadh comas bruidhne a thoirt dhòmhsa ann am fosgladh mo bheòil, airson 's gum foillsich mi, le dànachd, dìomhaireachd an t‑soisgeil, 20 dham bheil mi nam thosgaire ann an sèidhnichean, airson 's gum bruidhinn mi gu dàna mu dheidhinn, mar as còir dhomh bruidhinn. Fàiltean Dheireannach 21 Ach airson 's gum bi fios agaibhse cuideachd air na rudan a bhuineas dhòmhsa, agus dè a tha mi a' dèanamh, foillsichidh Tichicus, am bràthair gràdhach is ministear dìleas san Tighearna a h‑uile sìon dhuibh. 22 Tha mi air a chur thugaibh airson an adhbhair seo fhèin, airson 's gum biodh fios nan rudan a bhuineas dhuinne agaibh, agus gun toireadh e cofhurtachd dhur cridheachan. 23 Sìth gu robh dha na bràithrean, agus gràdh le creideamh, o Dhia an t‑Athair agus an Tighearna Ìosa Crìosd. 24 Gu robh gràs còmhla riuthasan uile a tha a' gràdhachadh ar Tighearna Ìosa Crìosd ann an neo‑thruaillidheachd. |