Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ephèsianach 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Sàr‑Rùn Dhè dha na Cinnich

1 Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa air ur son‑se a Chinneacha –

2 mas e 's gun cuala sibh dha‑rìribh mu stiùbhardachd gràis Dhè a chaidh a thoirt dhomh air ur son‑se,

3 mar sin gun robh, an dìomhaireachd air a dèanamh aithnichte dhomh tro thaisbeanadh, mar a sgrìobh mi roimhe gu h‑aithghearr.

4 Tro bhith a' leughadh seo, faodaidh sibh a bhith a' tuigsinn mo lèirsinn a thaobh dìomhaireachd Chrìosd,

5 nach robh air a dèanamh aithnichte do chloinn nan daoine ann an ginealaichean eile mar a tha i a‑nis air a bhith air a foillseachadh dha abstoil naomha 's dha fhàidhean leis an Spiorad:

6 gu bheil na Cinnich nan co‑oighreachan agus nan co‑bhuill dhen chorp, agus nan co‑luchd‑compàirt dhen ghealladh ann an Crìosd tron t‑soisgeul,

7 dhen robh mise air mo dhèanamh nam mhinistear, a rèir tiodhlac gràis Dhè, a chaidh a thoirt dhomh a rèir obrachaidh a chumhachd‑san.

8 Dhòmhsa, an neach as lugha dhe na naoimh gu lèir, chaidh an gràs seo a thoirt, beairteas Chrìosd – nach urrainnear a rannsachadh – a shearmonachadh am measg nan Cinneach,

9 agus gun dèanainn soilleir dè a th' ann an stiùbhardachd na dìomhaireachd a th' air a bhith falaichte o linntean ann an Dia a chruthaich a h‑uile sìon;

10 airson 's gum biodh gliocas ioma‑fhillte Dhè a‑nis air a dhèanamh aithnichte tron eaglais dha na riaghladairean 's dha na h‑ùghdarrasan anns na h‑àiteachan nèamhaidh.

11 Bha seo a rèir an rùin shìorraidh a chuir e an gnìomh ann an Crìosd Ìosa ar Tighearna,

12 anns a bheil dànachd is slighe chinnteach a‑steach againn tro chreideamh annsan.

13 Mar sin tha mi ag iarraidh oirbh nach caill sibh misneachd air sgàth mo thrioblaidean air ur son‑se, a tha nan glòir dhuibh.


Ùrnaigh airson nan Ephèsianach

14 Air an adhbhar seo tha mi a' lùbadh mo ghlùinean mu choinneamh an Athar,

15 air a bheil gach teaghlach air nèamh 's air thalamh air an ainmeachadh,

16 gun ceadaicheadh e dhuibh, a rèir beairteas a ghlòire, a bhith air ur neartachadh le cumhachd tro a Spiorad‑san san duine air an taobh a‑staigh,

17 airson 's gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridheachan tro chreideamh, gus, nuair a tha sibh air a bhith air ur freumhachadh 's air ur stèidheachadh ann an gràdh,

18 gum bi sibh an comas, cuide ris na naoimh gu lèir, air tuigsinn gu dè an leud, is an fhad is an doimhne, is an àirde

19 agus aithne a bhith agaibh air gràdh Chrìosd a tha thar eòlais, airson 's gum bi sibh air ur lìonadh gu uile lànachd Dhè.

20 A‑nis dhàsan a tha an comas tòrr mòr nas pailte a dhèanamh thairis air nas urrainn dhuinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a' chumhachd a tha ag obrachadh annainn,

21 dhàsan gu robh glòir san eaglais agus ann an Crìosd Ìosa tro na linntean gu lèir, gu saoghal nan saoghal. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan