Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ephèsianach 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Air ar Dèanamh Beò ann an Crìosd

1 Agus bha sibh marbh ann an eu‑ceartan 's ann am peacaidhean,

2 anns an do choisich sibh roimhe a rèir cùrsa an t‑saoghail seo, a rèir riaghladair cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas‑ùmhlachd,

3 's nam measg bha sinne cuideachd beò roimhe ann an ana‑miannan ar feòla, a' dèanamh toil na feòla is nan smuaintean, agus bha sinn, a thaobh nàdair, nar cloinn na feirge, dìreach mar chàch.

4 Ach Dia, a tha beairteach ann an tròcair, air sgàth a mhòr‑ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn,

5 eadhon nuair a bha sinn marbh nar peacaidhean, rinn e beò sinn còmhla ri Crìosd – tro ghràs chaidh ur sàbhaladh –

6 agus thog e sinne suas leis, is shuidhich e sinn sna h‑àiteachan nèamhaidh ann an Crìosd Ìosa,

7 airson 's gun sealladh e sna linntean ri teachd beairteas thar‑tomhas a ghràis ann an coibhneas dhuinne ann an Crìosd Ìosa.

8 Oir le gràs chaidh ur sàbhaladh tro chreideamh, agus sin chan ann uaib' fhèin; is e tiodhlac Dhè a th' ann

9 – chan ann o obraichean airson 's nach dèanadh neach sam bith bòstadh.

10 Oir is sinne obair‑san, air ar cruthachadh ann an Crìosd Ìosa airson deagh obraichean, a dh'ullaich Dia ro‑làimh, airson 's gun coisicheamaid annta.


Iùdhaich is Cinnich air an Rèiteachadh ann an Crìosd

11 Mar sin cuimhnichibh gun robh sibhse roimhe, na Cinnich san fheòil, ris an canar “an neo‑thimcheall‑ghearradh,” leothasan ris an canar “an timcheall‑ghearradh” a th' air a dhèanamh san fheòil le làmhan –

12 cuimhnichibh gun robh sibh aig an àm sin dealaichte o Chrìosd, nur coimhich do cho‑fhlaitheachd Israeil 's nur coigrich do chùmhnantan a' gheallaidh, às aonais dòchais agus gun Dia san t‑saoghal.

13 Ach a‑nis ann an Crìosd Ìosa tha sibhse a bha roimhe fad o làimh air a bhith air ur toirt faisg tro fhuil Chrìosd.

14 Oir is esan e fhèin ar sìth, a rinn an dà chuid nan aon agus a bhris sìos balla‑meadhain an dealachaidh, le bhith a' cur às, na fheòil, dhan nàimhdeas

15 as e Lagh nan àitheantan a chaidh a chur sìos ann an òrduighean, airson 's, ann fhèin, gun dèanadh e an dithis nan aon duine nuadh, mar sin a' dèanamh sìth,

16 agus gun dèanadh e an dà chuid rèidh ri Dia ann an aon chorp tro a chrann‑ceusaidh, mar sin a' cur às dhan nàimhdeas.

17 Agus thàinig e is shearmonaich e sìth dhuibhse a bha fad às agus sìth dhaibhsan a bha faisg.

18 Oir troimhesan tha slighe a‑steach aig an dà chuid againn ann an aon Spiorad chun an Athar.

19 Mar sin chan eil sibh tuilleadh nur coigrich 's nur coimhich, ach nur co‑shaoranaich le na naoimh agus nur muinntir teaghlaich Dhè,

20 air ur togail air bunait nan abstol is nam fàidhean, le Crìosd Ìosa fhèin na chloich‑chinn an oisein,

21 anns a bheil an togalach gu lèir, air a cheangal ri chèile, a' fàs gus a bhith na theampall naomh san Tighearna;

22 anns a bheil sibhse cuideachd air ur togail còmhla gus a bhith nur n‑àite‑còmhnaidh do Dhia tron Spiorad.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan