Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ephèsianach 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Pòl, abstol Chrìosd Ìosa tro thoil Dhè, Gu na naoimh a th' ann an Ephesus agus a tha dìleas ann an Crìosd Ìosa:

2 Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Ìosa Crìosd.


Beannachdan Spioradail ann an Crìosd

3 Beannaichte gun robh Dia agus Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd, a th' air ar beannachadh leis a h‑uile beannachd spioradail sna h‑àiteachan nèamhaidh ann an Crìosd,

4 dìreach mar a thagh e sinne annsan mus deach bunait an t‑saoghail a stèidheachadh, airson 's gum bitheamaid naomh agus neo‑choireach na làthair‑san. Ann an gràdh

5 ro‑òrdaich e sinne gu uchd‑mhacachd tro Ìosa Crìosd dha fhèin, a rèir deagh thoil a rùin,

6 gu moladh glòir a ghràis, a bhuilich e oirnn gu saor san Aon Ghràdhaichte.

7 Annsan tha saorsa againn tro fhuil‑san, mathanas ar peacaidhean, a rèir beairteas a ghràis,

8 a thug e dhuinn gu lìonmhor, sa h‑uile gliocas is tuigse,

9 a' dèanamh aithnichte dhuinn dìomhaireachd a rùin, a rèir a dheagh‑thoil a rùnaich e annsan,

10 mar phlana airson lànachd na h‑ùine, gus a h‑uile nì a chruinneachadh ann an Crìosd, rudan sna nèamhan agus air an talamh.

11 Annsan tha sinn air oighreachd fhaighinn, às dèidh dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an Aoin a tha ag obrachadh a h‑uile sìon a rèir comhairle a thoile fhèin,

12 airson 's gum b' urrainn dhuinne, a chuir ar dòchas ann an Crìosd an toiseach, a bhith gu cliù a ghlòire‑san.

13 Annsan tha sibhse cuideachd, às dèidh dhuibh èisteachd ri facal na fìrinn, soisgeul ur sàbhalaidh, agus às dèidh dhuibh creidsinn ann, chaidh ur seuladh le Spiorad Naomh a' gheallaidh,

14 a tha na gheall dher n‑oighreachd, gu saorsa seilbhe Dhè, gu moladh a ghlòire‑san.


Taingealachd is Ùrnaigh

15 Air an adhbhar seo, a chionn 's gu bheil mi air cluinntinn mur creideamh san Tighearna Ìosa agus ur gràdh dha na naoimh gu lèir,

16 chan eil mi a' sgur a thoirt taing air ur son, a' cuimhneachadh oirbh nam ùrnaighean.

17 Tha mi ag ùrnaigh gun toireadh Dia ar Tighearna Ìosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais is taisbeanaidh dhuibh, ann an eòlas airsan

18 – sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh airson 's gum bi fios agaibh dè an dòchas chun do ghairm e sibhse, dè a th' ann am beairteas glòir na h‑oighreachd aigesan sna naoimh,

19 agus dè a th' ann am mòralachd thar tomhas a' chumhachd‑san dhuinne a tha a' creidsinn, a rèir obrachaidh mhòir treise a' chumhachd

20 a dh'obraich e ann an Crìosd nuair a thog e o na mairbh e agus a chuir e na shuidhe air a dheas‑làimh fhèin e sna h‑àiteachan nèamhaidh

21 fada os cionn gach uile riaghladh is ùghdarras is cumhachd is tighearnas, agus a h‑uile h‑ainm a th' air ainmeachadh, chan ann a‑mhàin san linn seo ach cuideachd san tè a tha ri thighinn.

22 Agus chuir e a h‑uile sìon fo chasan Chrìosd, agus thug e esan mar cheann thairis air a h‑uile sìon dhan eaglais,

23 as i a chorp‑san, an lànachd aigesan a tha a' lìonadh a h‑uile sìon sna h‑uile.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan