Eòin 9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Ìosa a' Leigheas Duine a Rugadh Dall 1 Agus nuair a ghabh Ìosa seachad, chunnaic e duine a bha dall o rugadh e. 2 Dh'fhaighnich a dheisciobail dha, “A Rabaidh, cò a pheacaich, an duine seo no a phàrantan, gun do rugadh dall e?” 3 Fhreagair Ìosa, “Cha b' e gun do pheacaich an duine seo, no a phàrantan, ach airson 's gum biodh obraichean Dhè air am foillseachadh ann. 4 Feumaidh sinn obraichean an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh, cho fada 's a tha an latha ann. Tha an oidhche a' tighinn, nuair nach urrainn do neach sam bith obair a dhèanamh. 5 Cho fad 's a tha mise anns an t‑saoghal, is mi solas an t‑saoghail.” 6 Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, thilg e smugaid air an talamh, agus rinn e crèadh dhen smugaid, agus sgaoil e a' chrèadh air sùilean an doill. 7 Thuirt e ris, “Fhalbh 's glan thu fhèin ann an linne Shilòaim” (a tha a' ciallachadh ‘Air a Chur’). Mar sin dh'fhalbh e, agus ghlan e e fhèin, agus thàinig e air ais is e a' faicinn. 8 Thuirt na coimhearsnaich agus iadsan a chunnaic roimhe sin na dhèirceach e, “Nach e seo esan a bha na shuidhe ag iarraidh dèirce?” 9 Thuirt cuid, “Is e seo e.” Thuirt feadhainn eile, “Chan e, ach tha e coltach ris.” Chùm e fhèin air ag ràdh, “Is mi e.” 10 Mar sin thuirt iad ris, “Ciamar a chaidh do shùilean fhosgladh?” 11 Fhreagair esan, “Rinn duine leis an ainm Ìosa crèadh agus sgaoil e air mo shùilean i, agus thuirt e rium, ‘Fhalbh gu linne Shilòaim, agus glan thu fhèin.’ Mar sin dh'fhalbh mi agus ghlan mi mi fhèin, agus fhuair mi mo fhradharc.” 12 Thuirt iad ris, “Càit a bheil e?” “Chan eil fios agam,” thuirt esan. Na Pharasaich a' Rannsachadh an Leighis 13 Thug iad gu na Pharasaich esan a bha dall roimhe. 14 Agus b' e latha Sàbaid a bh' ann nuair a rinn Ìosa a' chrèadh agus a dh'fhosgail e a shùilean. 15 Mar sin dh'fhaighnich na Pharasaich dha a‑rithist ciamar a fhuair e a fhradharc. Thuirt esan riutha, “Chuir e crèadh air mo shùilean, agus ghlan mise mi fhèin, agus tha mi a' faicinn.” 16 Thuirt cuid dhe na Pharasaich, “Chan eil an duine seo o Dhia, a chionn 's nach eil e a' cumail na Sàbaid.” Ach thuirt cuid eile, “Ciamar as urrainn do dhuine a tha na pheacach a leithid seo de chomharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh?” Agus bha sgaradh nam measg. 17 Mar sin thuirt iad a‑rithist ris an duine dhall, “Dè a tha thusa ag ràdh ma dheidhinn‑san, on a dh'fhosgail e do shùilean?” Agus thuirt esan, “Is e fàidh a th' ann.” 18 Ach cha do chreid na h‑Iùdhaich gun robh e air a bhith dall agus gun robh e air a fhradharc fhaighinn, gus an do ghairm iad pàrantan an aoin a bha air a fhradharc fhaighinn. 19 Dh'fhaighnich iad dhaibh, “An e seo ur mac‑se, a tha sibh ag ràdh a rugadh dall? Ciamar mar sin a tha e a‑nis a' faicinn?” 20 Fhreagair a phàrantan, “Tha fios againn gur e seo ar mac, agus gun do rugadh dall e. 21 Ach ciamar a tha e a‑nis a' faicinn chan eil fios againn, no cò a dh'fhosgail a shùilean chan aithne dhuinn. Faighnichibh dha fhèin. Tha e air tighinn gu aois; bruidhinnidh e air a shon fhèin.” 22 Thuirt a phàrantan na briathran seo a chionn 's gun robh eagal nan Iùdhach orra, oir bha na h‑Iùdhaich air aontachadh mu thràth, nan aidicheadh duine sam bith gum b' esan Crìosd, gun deigheadh a chur às an t‑sionagog. 23 Air an adhbhar sin thuirt a phàrantan, “Tha e air tighinn gu aois, faighnichibh dha fhèin.” 24 Mar sin ghairm iad an dara h‑uair air an duine a bha dall, agus thuirt iad ris, “Thoir glòir do Dhia; tha fios againn gur e peacach a th' anns an duine seo.” 25 Fhreagair esan, “Mas e peacach a th' ann, chan aithne dhomh. Air aon rud tha fios agam. Bha mi dall; a‑nis tha mi a' faicinn.” 26 An uair sin thuirt iad ris, “Dè a rinn e riut? Ciamar a dh'fhosgail e do shùilean?” 27 Fhreagair e iad, “Dh'innis mi dhuibh mu thràth agus cha do dh'èist sibh. Carson a bu toigh leibh a chluinntinn a‑rithist? A bheil sibhse cuideachd a' miannachadh a bhith nur deisciobail aige?” 28 Chàin iad e agus thuirt iad, “Is tusa a dheisciobal‑san, ach is sinne deisciobail Mhaois! 29 Tha fios againn gun do bhruidhinn Dia ri Maois, ach an duine seo, chan eil fios againn cò às a tha e.” 30 Fhreagair an duine, “Seo, a‑nis, far a bheil an rud iongantach! Chan aithne dhuibh cò às a tha e, ach a dh'aindeoin sin dh'fhosgail e mo shùilean. 31 Is aithne dhuinne nach èist Dia ri peacaich. Ach ma tha neach sam bith na fhear‑adhraidh do Dhia agus a' dèanamh a thoil, ris‑san èistidh e. 32 O thoiseach an t‑saoghail cha chualas gun do dh'fhosgail aon neach sùilean duine a rugadh dall. 33 Mura biodh an duine seo o Dhia, cha b' urrainn dha rud sam bith a dhèanamh.” 34 Fhreagair iadsan e, “Rugadh thusa uile‑gu‑lèir ann am peacaidhean, agus a bheil thu gar teagasg‑ne?” Agus thilg iad a‑mach e. Doille Spioradail 35 Chuala Ìosa gun do thilg iad a‑mach e, agus nuair a lorg e e thuirt e ris, “A bheil thu a' creidsinn ann am Mac an Duine?” 36 Fhreagair esan, “Cò e, a Thighearna, airson 's gun creid mi ann?” 37 Thuirt Ìosa ris, “Tha thu air fhaicinn agus is esan am fear a tha a' bruidhinn riut.” 38 Thuirt esan, “A Thighearna, tha mi a' creidsinn,” agus rinn e adhradh dha. 39 Thuirt Ìosa, “Is ann airson breitheanais a thàinig mise a‑steach dhan t‑saoghal seo, airson 's gum faiceadh iadsan nach eil a' faicinn, agus airson 's gum biodh iadsan a tha a' faicinn air an dèanamh dall.” 40 Chuala cuid dhe na Pharasaich a bha còmhla ris na rudan seo agus thuirt iad ris, “A bheil sinne cuideachd dall?” 41 Thuirt Ìosa riutha, “Nam biodh sibh dall, cha bhiodh sibh ciontach de pheacadh; ach a‑nis on a tha sibh ag ràdh, ‘Tha sinn a' faicinn,’ tha ur peacadh a' fantainn.” |