Eòin 7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Ìosa a' Dol gu Fèill nam Pàillean 1 Às dèidh seo, bha Ìosa a' dol mun cuairt ann an Galile. Oir cha robh e airson a dhol mun cuairt ann an Iudèa a chionn 's gun robh na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh. 2 A‑nis bha Fèill Iùdhach nam Pàillean faisg. 3 Mar sin thuirt a bhràithrean ris, “Fàg an t‑àite seo agus thalla a dh'Iudèa airson 's gum faic na deisciobail agad cuideachd na h‑obraichean a tha thu a' dèanamh. 4 Oir cha dèan neach sam bith obair air falach ma tha e ag iarraidh a bhith air fhaicinn gu follaiseach. Ma tha thu a' dèanamh nan rudan seo, seall thu fhèin dhan t‑saoghal.” 5 Oir cha robh fiù 's a bhràithrean a' creidsinn ann. 6 Mar sin thuirt Ìosa riutha, “Cha tàinig m' àm‑sa fhathast; ach tha ur n‑àm‑se an‑còmhnaidh ann. 7 Chan urrainn dhan t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach tha fuath aige dhòmhsa a chionn 's gu bheil mi a' toirt fianais ma dheidhinn gu bheil na h‑obraichean aige olc. 8 Rachaibh‑se suas chun na Fèille. Chan eil mise a' dol suas chun na Fèille seo, oir chan eil m' àm fhathast air a choileanadh.” 9 Às dèidh dhàsan na rudan seo a ràdh, dh'fhan e ann an Galile. 10 Ach, às dèidh dha a bhràithrean a dhol suas chun na Fèille, an uair sin chaidh esan cuideachd suas, cha b' ann gu poblach ach gu dìomhair. 11 Bha na h‑Iùdhaich a' coimhead air a shon aig an Fhèill agus a' faighneachd, “Càit a bheil an duine sin?” 12 Agus bha tòrr borbhain ma dheidhinn a' dol am measg an t‑sluaigh. Thuirt cuid, “Is e duine math a th' ann.” Thuirt feadhainn eile, “Chan e, tha e a' mealladh an t‑sluaigh.” 13 A dh'aindeoin sin, cha do bhruidhinn duine sam bith gu fosgailte ma dheidhinn air eagal nan Iùdhach. Ìosa a' Teagasg aig an Fhèill 14 Mu mheadhan na Fèille chaidh Ìosa suas dhan teampall agus thòisich e a' teagasg. 15 Ghabh na h‑Iùdhaich iongnadh mòr agus dh'fhaighnich iad, “Ciamar a tha an duine seo cho ionnsaichte, agus nach d' fhuair e foghlam?” 16 Mar sin fhreagair Ìosa, “Chan ann leam fhèin a tha mo theagasg, ach leis‑san a chuir a‑mach mi. 17 Ma tha neach sam bith ag iarraidh toil Dhè a dhèanamh, bidh fios aige mun teagasg, an ann o Dhia a tha e, no a bheil mise a' bruidhinn uam fhèin. 18 An neach a bhruidhneas uaithe fhèin, tha e a' lorg glòir air a shon fhèin, ach ge b' e a shireas glòir an aoin a chuir a‑mach e, tha esan fìrinneach; chan eil eucoir sam bith ann. 19 Nach tug Maois an lagh dhuibh? Agus fhathast chan eil aon neach agaibh a' coileanadh an lagha. Carson a tha sibh a' feuchainn ri mise a mharbhadh?” 20 Fhreagair an sluagh, “Tha deamhan annad. Cò a tha a' feuchainn rid mharbhadh?” 21 Fhreagair Ìosa iad, “Rinn mise aon obair, agus tha iongnadh oirbh uile. 22 Thug Maois dhuibh an timcheall‑ghearradh (ged nach ann o Mhaois a tha e, ach o na h‑athraichean), agus air sgàth sin timcheall‑ghearraidh sibhse duine air an t‑Sàbaid. 23 Ma tha duine a' faighinn timcheall‑ghearradh air an t‑Sàbaid, airson 's nach bi lagh Mhaois air a bhriseadh, a bheil sibh feargach riumsa a chionn 's gun do rinn mi duine gu h‑iomlan slàn air an t‑Sàbaid? 24 Na bithibh a' toirt breith a rèir coltais, ach thoiribh breith cheart.” An e Ìosa an Crìosd? 25 Mar sin thòisich cuid de mhuinntir Ierusaleim air a ràdh, “Nach e seo esan a tha iad a' feuchainn ri a mharbhadh? 26 Agus, seall, tha e a' bruidhinn gu follaiseach agus chan eil iad ag ràdh rud sam bith ris. An urrainn dha a bhith gu bheil fios cinnteach aig na riaghladairean gur e seo dha‑rìribh Crìosd? 27 Ge‑tà, is aithne dhuinn cò às a tha an duine seo; ach nuair a thig Crìosd, cha bhi fios aig neach sam bith cò às a tha e.” 28 Mar sin, fhad 's a bha e fhathast a' teagasg anns an teampall, dh'èigh Ìosa, “Is aithne dhuibh mise agus cò às a tha mi. Ach cha tàinig mi uam fhèin. Tha esan a chuir a‑mach mi fìor, agus chan aithne dhuibhse e. 29 Tha eòlas agamsa air, a chionn 's gur ann uaithe a tha mi, agus gun do chuir esan a‑mach mi.” 30 Dh'fheuch iad ri a ghlacadh, ach cha do chuir neach sam bith làmh air, a chionn 's nach robh an uair aige fhathast air tighinn. 31 Ach chreid mòran dhen t‑sluagh ann. Thuirt iad, “Nuair a thig Crìosd, an dèan e barrachd chomharraidhean mìorbhaileach na rinn an duine seo?” 32 Chuala na Pharasaich an sluagh a' borbhanaich nan rudan seo ma dheidhinn; agus chuir na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich seirbheisich an teampaill airson a ghlacadh. 33 Thuirt Ìosa, “Bidh mi còmhla ribh airson ùine bheag fhathast, agus an uair sin tha mi a' dol chun an aoin a chuir a‑mach mi. 34 Siridh sibh mi, ach cha lorg sibh mi; agus far am bi mise, chan urrainn dhuibhse tighinn.” 35 Mar sin thuirt na h‑Iùdhaich nam measg fhèin, “Càit a bheil am fear seo an dùil a dhol, airson 's nach lorg sinn e? An tèid e gu ar muinntir a th' air an sgapadh am measg nan Greugach, agus an teagaisg e na Greugaich? 36 Dè a bha e a' ciallachadh nuair a thuirt e, ‘Siridh sibh mi, ach cha lorg sibh mi; agus far am bi mise, chan urrainn dhuibhse tighinn’?” 37 Air an latha mu dheireadh dhen Fhèill, an latha mòr, sheas Ìosa agus dh'èigh e, “Ma tha pathadh air neach sam bith, thigeadh e thugamsa agus òladh e. 38 Ge b' e cò a chreideas annamsa, mar a tha an Sgriobtar air a ràdh, sruthaidh aibhnichean de dh'uisge beò às a bhroinn.” 39 Ach thuirt e seo mun Spiorad a bha iadsan a bha a' creidsinn ann a' dol a dh'fhaighinn, oir cha robh an Spiorad fhathast air a bhuileachadh, air sgàth 's nach robh Ìosa fhathast air a ghlòrachadh. 40 Nuair a chuala iad na briathran seo, thuirt cuid dhen t‑sluagh, “Is e seo gu fìrinneach am Fàidh.” 41 Thuirt feadhainn eile, “Is e seo an Crìosd.” Ach thuirt buidheann eile, “Chan ann o Ghalile a thig an Crìosd, an ann? 42 Nach tuirt an Sgriobtar gun tig an Crìosd o shìol Dhaibhidh, agus à Betlehem, am baile anns an robh Daibhidh?” 43 Mar sin dh'èirich sgaradh am measg an t‑sluaigh air a sgàth‑san. 44 Bha cuid dhiubh ag iarraidh a ghlacadh, ach cha do chuir duine sam bith làmh air. Eas‑Creideamh nan Riaghladairean Iùdhach 45 Mar sin thàinig seirbheisich an teampaill gu na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich, agus thuirt iad riutha, “Carson nach tug sibh leibh e?” 46 Fhreagair na seirbheisich, “Cha do bhruidhinn neach sam bith riamh mar an duine seo.” 47 Mar sin fhreagair na Pharasaich, “Cha deach sibhse cuideachd a thoirt air seachran, an deach? 48 Cha do chreid aon sam bith dhe na riaghladairean, no dhe na Pharasaich ann, an do chreid? 49 Ach an sluagh seo aig nach eil eòlas air an lagh, tha iad mallaichte.” 50 Dh'fhaighnich Nicodèmus, a bha air a dhol thuige roimhe, agus a bha na aon dhe na Pharasaich, dhaibh, 51 “A bheil an lagh againne a' toirt breith air cuideigin gun a bhith fiù 's a' cluinntinn uaithe fhèin an toiseach, agus a' faighinn a‑mach dè a tha e a' dèanamh?” 52 Fhreagair iadsan, “Chan ann o Ghalile a tha thusa cuideachd, an ann? Rannsaich, agus faic nach eil fàidh ag èirigh à Galile.” 53 Agus chaidh gach aon dhan taigh aige fhèin. |