Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ìosa a' Biathadh nan Còig Mìle

1 Às dèidh seo dh'fhalbh Ìosa gu taobh thall Muir Ghalile (is e sin Muir Thiberiais),

2 agus lean sluagh mòr e a chionn 's gum faca iad na comharraidhean mìorbhaileach a rinn e orrasan a bha tinn.

3 An uair sin chaidh Ìosa suas air beinn agus shuidh e sìos an sin còmhla ri a dheisciobail.

4 Bha a' Chàisg, Fèill nan Iùdhach, faisg.

5 Mar sin nuair a sheall Ìosa suas agus a chunnaic e gun tàinig sluagh mòr thuige, thuirt e ri Philip, “Càit an ceannaich sinn aran airson 's gun ith iad seo?”

6 (Ach thuirt e seo airson esan a dhearbhadh, oir bha fios aige fhèin dè a bha e a' dol a' dhèanamh.)

7 Fhreagair Philip e, “Cha b' urrainn do thuarastal ochd mìosan gu leòr arain a cheannach airson 's gum biodh beagan aig gach aon dhiubh!”

8 Thuirt aon eile dhe a dheisciobail, Anndra, bràthair Shìmoin Pheadair, ris,

9 “Tha balach an seo aig a bheil còig lofaichean eòrna agus dà iasg bheag, ach dè a th' anntasan am measg na h‑uiread?”

10 Thuirt Ìosa, “Thoiribh air na daoine suidhe sìos.” A‑nis bha tòrr feòir anns an àite, agus mar sin shuidh na daoine sìos, ann an àireamh mu chòig mìle.

11 Ghabh Ìosa na lofaichean, agus nuair a rinn e altachadh, roinn e iad air a' mhuinntir a bha nan suidhe. Rinn e an aon rud leis na h‑èisg – na h‑uimhir is a bu mhiann leotha.

12 Nuair a bha iad air an riarachadh, thuirt e ri a dheisciobail, “Cruinnichibh na criomagan a th' air am fàgail gus nach tèid rud sam bith a dholaidh.”

13 Mar sin chruinnich iad còmhla iad agus lìon iad dà chliabh dheug de chriomagan nan còig lofaichean eòrna, a dh'fhàg iadsan a bha air ithe.

14 Às dèidh dha na daoine an comharra mìorbhaileach a rinn Ìosa fhaicinn, thuirt iad, “Is e seo gu fìrinneach am Fàidh a tha ri thighinn a‑steach dhan t‑saoghal.”

15 Mar sin nuair a thuig Ìosa gun robh iad am beachd tighinn agus breith air le làimh làidir airson 's gun dèanadh iad rìgh dheth, tharraing e air ais a‑rithist dhan bheinn na aonar.


Ìosa a' Coiseachd air a' Mhuir

16 A‑nis nuair a thàinig am feasgar, chaidh a dheisciobail sìos chun na mara,

17 agus a' dol air bòrd eathair thòisich iad air a dhol thairis air a' mhuir gu Capernàum. Mun àm seo bha e a‑nis dorcha, agus cha robh Ìosa fhathast air tighinn thuca.

18 An uair sin dh'èirich a' mhuir a chionn 's gun robh gaoth mhòr a' sèideadh.

19 Mar sin nuair a bha iad air iomradh mu chòig no sia cilemeatair, chunnaic iad Ìosa a' coiseachd air a' mhuir 's a' tighinn faisg air an eathar, agus bha an t‑eagal orra.

20 Ach thuirt esan riutha, “Is mise a th' ann; na biodh eagal oirbh.”

21 An uair sin bha iad toilichte a thoirt a‑steach dhan eathar, agus anns a' bhad ràinig an t‑eathar an tìr far an robh iad a' dol.

22 Air an ath latha chunnaic an sluagh a dh'fhuirich air taobh thall na mara nach robh ach aon eathar air a bhith an sin, agus nach robh Ìosa air a dhol a‑steach innte còmhla ri a dheisciobail, ach gun do dh'fhalbh a dheisciobail nan aonar.

23 Thàinig eathraichean beaga eile o Thiberias faisg air an àite sin anns an do dh'ith iad an t‑aran, às dèidh dhan Tighearna altachadh a dhèanamh.

24 Mar sin nuair a chunnaic an sluagh nach robh Ìosa an sin, no a dheisciobail, chaidh iad fhèin cuideachd dha na h‑eathraichean beaga agus chaidh iad a Chapernàum, a lorg Ìosa.


Ìosa Aran na Beatha

25 Nuair a lorg iad e air taobh thall na mara, thuirt iad ris, “A Rabaidh, cuin a thàinig thu an seo?”

26 Fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, tha sibh gam shireadh, chan ann a chionn 's gum faca sibh na comharraidhean mìorbhaileach, ach a chionn 's gun do dh'ith sibh dhe na lofaichean agus gun robh sibh air ur sàsachadh.

27 Na dèanaibh saothair airson a' bhìdh a thèid a dholaidh ach airson a' bhìdh a mhaireas chun na beatha sìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh. Oir airsan chuir Dia an t‑Athair a sheula.”

28 An uair sin thuirt iad ris, “Dè a dh'fheumas sinn a dhèanamh airson 's gun dèan sinn obraichean Dhè?”

29 Fhreagair Ìosa, “Is i seo obair Dhè, gun creid sibh anns an aon a chuir e a‑mach.”

30 Mar sin thuirt iad ris, “Dè an comharra mìorbhaileach a nì thusa, ma‑thà, airson 's gum faic sinn agus gun creid sinn thu? Dè an obair a nì thu?

31 Dh'ith ar n‑athraichean mana anns an fhàsach; a rèir mar a tha e sgrìobhte: ‘Thug e dhaibh aran o nèamh ri ithe.’”

32 An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha b' e Maois a thug dhuibh an t‑aran o nèamh, ach 's e m' Athair‑sa a tha a' toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh.

33 Oir is e aran Dhè a th' annsan a tha a' tighinn a‑nuas o nèamh agus a tha a' toirt beatha dhan t‑saoghal.”

34 An uair sin thuirt iad ris, “A Thighearna, thoir dhuinne an t‑aran seo an‑còmhnaidh.”

35 Thuirt Ìosa riutha, “Is mise aran na beatha. An neach a thig thugamsa, cha bhi acras air, agus an neach a chreideas annamsa, cha bhi pathadh air gu bràth.

36 Ach thuirt mi ribh gu bheil sibh air m' fhaicinn, agus fhathast chan eil sibh a' creidsinn.

37 Gach neach a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e thugam, agus an neach a thig thugam, cha tilg mi air adhbhar sam bith a‑mach.

38 Oir tha mi air tighinn a‑nuas o nèamh, chan ann airson mo thoil fhèin a dhèanamh ach airson toil an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh.

39 Agus is i seo toil an Athar a chuir a‑mach mi, nach caillinn neach sam bith dhe na h‑uile a thug e dhomh, ach gun togainn suas iad air an latha dheireannach.

40 Oir is i seo toil m' Athar, gum biodh a' bheatha shìorraidh aig gach neach a choimheadas ris a' Mhac agus a chreideas ann, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.”

41 Mar sin thòisich na h‑Iùdhaich a' gearain ma dheidhinn a chionn 's gun tuirt e, “Is mise an t‑aran a thàinig a‑nuas o nèamh.”

42 Thuirt iad, “Nach e seo Ìosa, mac Iòsaiph, aig a bheil athair is màthair as aithne dhuinn? Ciamar a‑nis as urrainn dha a ràdh, ‘Thàinig mi a‑nuas o nèamh’?”

43 Fhreagair Ìosa iad, “Na dèanaibh gearan nur measg fhèin.

44 Chan urrainn do neach sam bith tighinn thugamsa mura tarraing an t‑Athair a chuir a‑mach mise e, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.

45 Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, ‘Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia.’ Tha a h‑uile neach a dh'èisteas ris an Athair agus a dh'ionnsaicheas uaithe a' tighinn thugamsa.

46 Chan e gum faca neach sam bith an t‑Athair ach an t‑aon a tha o Dhia; is esan a‑mhàin a chunnaic an t‑Athair.

47 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an neach a tha a' creidsinn, tha a' bheatha shìorraidh aige.

48 Is mise aran na beatha.

49 Dh'ith ur n‑athraichean am mana anns an fhàsach agus bhàsaich iad.

50 Is e seo an t‑aran a tha a' tighinn a‑nuas o nèamh, airson 's gun ith neach dheth agus nach bàsaich e.

51 Is mise an t‑aran beò a thàinig a‑nuas o nèamh. Ma dh'itheas neach sam bith dhen aran seo, bidh e beò gu sìorraidh; agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m' fheòil a th' ann, airson beatha an t‑saoghail.”

52 Mar sin bha na h‑Iùdhaich ag argamaid nam measg fhèin, “Ciamar as urrainn dhan duine seo an fheòil aige fhèin a thoirt dhuinne ri h‑ithe?”

53 Mar sin thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura h‑ith sibh feòil Mhic an Duine, agus mura h‑òl sibh fhuil, chan eil beatha agaibh annaibh.

54 Ge b' e cò a dh'itheas m' fheòil‑sa agus a dh'òlas m' fhuil‑sa, tha a' bheatha shìorraidh aige, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.

55 Oir is e fìor bhiadh a tha nam fheòil agus is e fìor dheoch a tha nam fhuil.

56 Ge b' e cò a dh'itheas m' fheòil‑sa agus a dh'òlas m' fhuil‑sa, tha e a' fantainn annamsa, agus mise annsan.

57 Mar a chuir an t‑Athair beò mise a‑mach agus a tha mise beò air sgàth an Athar, mar sin tha esan a dh'itheas mise: bidh e cuideachd beò air mo sgàth‑sa.

58 Is e seo an t‑aran sin a thàinig a‑nuas o nèamh; chan ann mar a dh'ith na h‑athraichean agus a bhàsaich iad. Ge b' e cò a dh'itheas an t‑aran seo, bidh e beò gu bràth.”

59 Thuirt e na rudan seo fhad 's a bha e a' teagasg anns an t‑sionagog ann an Capernàum.


Mòran Dheisciobal a' Trèigsinn Ìosa

60 Mar sin, nuair a chuala iad seo, thuirt mòran dhe a dheisciobail, “Is e teachdaireachd chruaidh a tha an seo. Cò a tha an comas èisteachd rithe?”

61 Ach, ag aithneachadh ann fhèin gun robh a dheisciobail a' gearain mun seo, thuirt Ìosa riutha, “A bheil seo a' toirt oilbheim dhuibh?

62 Dè nam faiceadh sibh Mac an Duine a' dol suas dhan àite anns an robh e roimhe?

63 Is e an Spiorad a bheothaicheas; chan eil buannachd sam bith anns an fheòil. Na faclan a tha mise air a ràdh ribh, is e spiorad agus is e beatha a th' annta.

64 Ach tha cuid dhibhse nach eil a' creidsinn.” (Oir b' aithne do dh'Ìosa on toiseach cò iad nach robh a' creidsinn agus cò a dhèanadh brathadh air.)

65 Agus thuirt e, “Is e seo an t‑adhbhar gun tuirt mi ribh nach urrainn do neach sam bith tighinn thugamsa mura h‑eil an t‑Athair air an comas a thoirt dha.”

66 On àm sin thionndaidh mòran dhe a dheisciobail air ais agus cha do choisich iad tuilleadh còmhla ris.

67 Mar sin thuirt Ìosa ris an dà fhear dheug, “Am bu toigh leibhse falbh cuideachd?”

68 Fhreagair Sìmon Peadar e, “A Thighearna, cò thuige a thèid sinn? Is ann agadsa a tha faclan na beatha shìorraidh.

69 Agus tha sinne air creidsinn, agus air tighinn gus a bhith a' tuigsinn, gur tusa Aon Naomh Dhè.”

70 Fhreagair Ìosa iad, “Nach do thagh mise sibhse, an dà fhear dheug? Agus fhathast tha aon agaibh na dhiabhal?”

71 Bhruidhinn e mu Iùdas, mac Shìmoin Iscariot, oir b' esan – aon dhen dà fhear dheug – an neach a bha a' dol ga bhrathadh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan