Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ìosa a' Teagasg Nicodèmuis

1 A‑nis bha duine dhe na Pharasaich ann, air an robh an t‑ainm Nicodèmus, a bha na riaghladair aig na h‑Iùdhaich.

2 Thàinig e gu Ìosa tron oidhche agus thuirt e, “A Rabaidh, is aithne dhuinn gur e neach‑teagaisg a th' annad a thàinig o Dhia: oir cha b' urrainn do neach sam bith na comharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh a tha thusa a' dèanamh mura biodh Dia còmhla ris.”

3 Fhreagair Ìosa e, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith a‑rithist, chan urrainn dha rìoghachd Dhè fhaicinn.”

4 Thuirt Nicodèmus ris, “Ciamar as urrainn do dhuine a bhith air a bhreith nuair a tha e aosta? An urrainn dha a dhol a‑steach an dara h‑uair do bhroinn a mhàthar agus a bhith air a bhreith?”

5 Fhreagair Ìosa, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith o uisge agus on Spiorad chan urrainn dha a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.

6 An rud a th' air a bhreith on fheòil, is e feòil a th' ann, agus an rud a th' air a bhreith on Spiorad, is e spiorad a th' ann.

7 Na gabh iongnadh gu bheil mi ag ràdh riut, ‘Feumaidh sibh a bhith air ur breith a‑rithist.’

8 Tha a' ghaoth a' sèideadh far an toigh leatha. Tha thu a' cluinntinn a fuaim, ach chan eil fios agad cò às a tha i a' tighinn no càit a bheil i a' dol. Is ann mar sin a tha le gach neach a th' air a bhreith on Spiorad.”

9 Fhreagair Nicodèmus, “Ciamar as urrainn seo a bhith?”

10 Fhreagair Ìosa, “A bheil thusa nad fhear‑teagaisg do dh'Israel, agus nach aithne dhut na rudan seo?

11 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, tha sinne a' bruidhinn mu na 's aithne dhuinn, agus tha sinn a' toirt fianais mu na chunnaic sinn, ach chan eil sibhse a' gabhail ri ar fianais.

12 Ma tha mise air innse dhuibh mu chùisean talmhaidh agus nach eil sibh a' creidsinn, ciamar a chreideas sibh ma dh'innseas mi dhuibh mu chùisean nèamhaidh?

13 Cha deach neach sam bith suas a nèamh ach an t‑aon a thàinig a‑nuas o nèamh – Mac an Duine.

14 Agus dìreach mar a thog Maois an nathair suas anns an fhàsach, mar sin feumaidh Mac an Duine a bhith air a thogail suas,

15 airson 's gum faod a' bheatha shìorraidh a bhith aig a h‑uile neach a tha a' creidsinn ann.

16 “Oir is ann mar seo a ghràdhaich Dia an saoghal: gun tug e aonghin Mhic fhèin, airson 's, ge b' e a chreideas ann, nach tèid a sgrios ach gum bi a' bheatha shìorraidh aige.

17 Oir cha do chuir Dia a Mhac dhan t‑saoghal airson 's gun dìteadh e an saoghal, ach gus am biodh an saoghal air a shaoradh troimhesan.

18 Ge b' e a chreideas ann, chan eil e air a dhìteadh, ach ge b' e nach eil a' creidsinn, tha e air a dhìteadh mu thràth, a chionn 's nach do chreid e ann an ainm aonghin Mhic Dhè.

19 Is e seo an dìteadh: tha an solas air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal, agus ghràdhaich daoine an dorchadas nas motha na an solas a chionn 's gun robh an gnìomhan olc.

20 Oir tha fuath aig a h‑uile neach a nì olc dhan t‑solas, agus cha tig e chun an t‑solais air eagal 's gum bi a ghnìomhan air an dèanamh follaiseach.

21 Ach thig ge b' e a bhios beò a rèir na fìrinn chun an t‑solais, airson 's gum bi e air fhaicinn gu soilleir gun deach na rinn e a dhèanamh tro Dhia.”


Fianais Eòin Baistidh mu Ìosa

22 Às dèidh seo, chaidh Ìosa agus a dheisciobail a‑mach do dhùthaich Iudèa, far an do dh'fhan e còmhla riutha, agus bha e a' baisteadh.

23 Bha Eòin cuideachd a' baisteadh aig Ènon faisg air Salim, a chionn 's gun robh pailteas uisge an sin, agus bha daoine a' tighinn airson a bhith air am baisteadh.

24 (Bha seo mus deach Eòin a chur dhan phrìosan.)

25 An uair sin dh'èirich deasbad eadar cuid de dheisciobail Eòin agus Iùdhaich mu ghnàth‑glanaidh.

26 Thàinig iad gu Eòin agus thuirt iad ris, “A Rabaidh, esan a bha còmhla riut air taobh thall Iòrdain – dhan tug thu fianais – seall, tha e a' baisteadh agus tha na h‑uile a' dol thuige.”

27 Fhreagair Eòin, “Chan urrainn do neach rud fhaighinn ach na tha air a thoirt dha o nèamh.

28 Tha sibh fhèin a' toirt fianais dhòmhsa gun tuirt mi, ‘Cha mhise an Crìosd ach tha mi air mo chur a‑mach roimhe.’

29 Am fear aig a bheil bean na bainnse is esan fear na bainnse, ach tha caraid fhir na bainnse a tha na sheasamh agus ag èisteachd ris làn aoibhneis nuair a chluinneas e guth fhir na bainnse. Mar sin tha an t‑aoibhneas seo agamsa air a choileanadh.

30 Feumaidh esan fàs nas motha; feumaidh mise fàs nas lugha.

31 “Tha esan a tha a' tighinn o gu h‑àrd os cionn nan uile; esan a tha on talamh, buinidh e dhan talamh, agus tha e a' bruidhinn mar aon a tha on talamh. Tha esan a tha a' tighinn o nèamh os cionn nan uile.

32 Tha e a' toirt fianais mu na chunnaic agus na chuala e, agus chan eil neach sam bith a' gabhail ris an fhianais aige.

33 Tha esan a ghabh ri fhianais‑san air dearbhadh gu bheil Dia fìor.

34 Oir tha esan a chuir Dia a‑mach ag ràdh faclan Dhè, oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a' toirt an Spioraid.

35 Tha gràdh aig an Athair air a' Mhac agus thug e dha a h‑uile rud na làimh.

36 Ge b' e a chreideas anns a' Mhac, tha a' bheatha shìorraidh aige, ach ge b' e nach creid anns a' Mhac, chan fhaic e beatha, oir tha fearg Dhè a' fantainn air.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan