Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 19 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ìosa fo Bhinn a Bhith air a Cheusadh

1 An uair sin ghlac Pìlat Ìosa, agus sgiùrs e e.

2 Agus shnìomh na saighdearan crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann e. Chuir iad aodach‑uachdair purpaidh air,

3 agus thòisich iad air tighinn suas thuige ag ràdh, “Fàilte ort, a Rìgh nan Iùdhach!” agus air a bhualadh.

4 Chaidh Pìlat a‑mach a‑rithist, agus thuirt e riutha, “Seallaibh, tha mi ga thoirt a‑mach thugaibh airson 's gum bi fios agaibh nach eil mise a' faighinn ciont sam bith ann.”

5 Thàinig Ìosa an uair sin a‑mach agus an crùn droighinn air, agus an t‑aodach‑uachdair purpaidh air. Agus thuirt Pìlat riutha, “Seallaibh an duine!”

6 Mar sin, nuair a chunnaic na h‑àrd‑shagartan agus na seirbheisich e, dh'èigh iad, “Ceus e, ceus e!” Thuirt Pìlat riutha, “Gabhaibh fhèin e agus ceusaibh e, oir chan eil mise a' faighinn ciont sam bith ann.”

7 Fhreagair na h‑Iùdhaich e, “Tha lagh againne, agus a rèir ar lagha‑ne bu chòir dha bàsachadh, a chionn 's gun do rinn e Mac Dhè dheth fhèin.”

8 Mar sin, nuair a chuala Pìlat na briathran sin, bu mhotha buileach a bha an t‑eagal air,

9 agus chaidh e a‑steach a‑rithist dhan phrìomh‑àros, agus thuirt e ri Ìosa, “Cò às a tha thu?” Ach cha tug Ìosa freagairt dha.

10 Mar sin thuirt Pìlat ris, “Nach eil thu a' bruidhinn rium? Nach eil fios agad gu bheil ùghdarras agamsa do shaoradh, agus ùghdarras do cheusadh?”

11 Fhreagair Ìosa, “Cha bhiodh ùghdarras sam bith idir agad thairis ormsa mura deigheadh a thoirt dhut on àirde. Mar sin, an neach a thug thairis mise dhut, tha am peacadh as motha aigesan.”

12 On àm sin suas shir Pìlat cothrom airson a chur mu sgaoil, ach dh'èigh na h‑Iùdhaich, “Ma leigeas tu am fear seo mu sgaoil, chan e caraid do Chèasar a th' annad: ge b' e neach a tha ga dhèanamh fhèin na rìgh, tha e a' dol an aghaidh Chèasair.”

13 Mar sin, nuair a chuala Pìlat na faclan seo, thug e a‑mach Ìosa, agus shuidh e air a' chathair‑bhreitheanais, aig àite ris an canar An Cabhsair Cloiche (ach ann an Eabhra, Gabata).

14 A‑nis b' e Latha Ullachaidh na Càisge a bh' ann, mu mheadhan‑latha. Agus thuirt e ris na h‑Iùdhaich, “Seallaibh ur Rìgh.”

15 Ach dh'èigh iadsan a‑mach, “Air falbh leis, air falbh leis, ceus e!” Thuirt Pìlat riutha, “An ceus mi ur Rìgh‑se?” Fhreagair na h‑àrd‑shagartan, “Chan eil rìgh againne ach Cèasar.”

16 Mar sin an uair sin thug e thairis dhaibh e airson a bhith air a cheusadh. Mar sin thug iad leotha Ìosa,


Ìosa air a Cheusadh

17 agus chaidh e a‑mach a' giùlain a' chroinn‑cheusaidh leis fhèin, dhan àite ris an canar Àite a' Chlaiginn (a th' air ainmeachadh anns an Eabhra Golgota).

18 An sin cheus iad e, agus dithis eile còmhla ris, fear air gach taobh, agus Ìosa anns a' mheadhan.

19 Sgrìobh Pìlat tiotal cuideachd agus chuir e air a' chrann‑cheusaidh e. Agus b' e an sgrìobhadh ÌOSA O NÀSARET, RÌGH NAN IÙDHACH.

20 Mar sin leugh mòran dhe na h‑Iùdhaich an tiotal seo, oir bha an t‑àite anns an deach Ìosa a cheusadh faisg air a' bhaile, agus bha e air a sgrìobhadh ann an Eabhra, ann an Laidinn agus ann an Greugais.

21 Mar sin thuirt àrd‑shagartan nan Iùdhach ri Pìlat, “Na sgrìobh ‘Rìgh nan Iùdhach’ ach gun tuirt e fhèin, ‘Is mi Rìgh nan Iùdhach’.”

22 Fhreagair Pìlat, “An rud a sgrìobh mi, sgrìobh mi e.”

23 An uair sin, nuair a bha na saighdearan air Ìosa a cheusadh, ghabh iad an t‑aodach‑uachdair aige, agus rinn iad ceithir pàirtean dheth, pàirt dha gach saighdear, agus an lèine‑fhada aige anns an aon dòigh, agus bha an lèine‑fhada gun a fuaigheal, air a fighe on mhullach sìos gu h‑iomlan.

24 Mar sin thuirt iad ri càch‑a‑chèile, “Na sracamaid i, ach tilgeamaid croinn air a son, airson faicinn cò leis a bhitheas i.” Bha seo airson 's gum biodh an Sgriobtar air a choileanadh, a tha ag ràdh: “Roinn iad m' aodach‑uachdair eatarra, agus thilg iad croinn airson m' aodaich.” Mar sin rinn na saighdearan na rudan seo.

25 Ach faisg air crann‑ceusaidh Ìosa sheas a mhàthair, agus piuthar a mhàthar, Màiri bean Chleòphais, agus Màiri Magdalen.

26 Nuair a chunnaic Ìosa a mhàthair agus an deisciobal a bu ghràdhach leis na sheasamh an làthair, thuirt e ri a mhàthair, “A bhoireannaich, seall do mhac!”

27 An uair sin thuirt e ris an deisciobal, “Seall do mhàthair.” Agus on uair sin a‑mach thug an deisciobal sin leis i còmhla ris fhèin.


Bàs Ìosa

28 Às dèidh seo, agus fios aig Ìosa gun robh a h‑uile rud a‑nis air a chrìochnachadh, airson 's gun deigheadh an Sgriobtar a choileanadh, thuirt e, “Tha am pathadh orm.”

29 Bha soitheach na sheasamh an sin làn de dh'fhìon‑geur, agus mar sin chuir iad spong làn dhen fhìon‑gheur air hiosop, agus shìn iad suas gu a bheul e.

30 Mar sin nuair a bha Ìosa air am fìon‑geur a ghabhail, thuirt e, “Tha e crìochnaichte.” Agus chrom e a cheann is thug e suas a spiorad.

31 A chionn 's gum b' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, agus airson 's nach fanadh na cuirp air a' chrann‑cheusaidh air an t‑Sàbaid (oir b' e latha mòr a bh' anns an latha Sàbaid sin), dh'iarr na h‑Iùdhaich air Pìlat gun deigheadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun deigheadh an toirt air falbh.

32 Mar sin thàinig na saighdearan agus bhris iad luirgnean a' chiad fhir, agus luirgnean an fhir eile, a chaidh a cheusadh còmhla ris.

33 Ach nuair a thàinig iad gu Ìosa, agus a chunnaic iad gun robh e marbh mu thràth, cha do bhris iad na luirgnean aigesan.

34 Ach lot aon dhe na saighdearan a chliathaich le sleagh, agus anns a' bhad thàinig fuil agus uisge a‑mach.

35 Agus thug an neach a chunnaic sin fianais, agus tha an fhianais fìrinneach. Agus tha fios aige gu bheil e ag innse na fìrinn, airson 's gun creideadh sibhse cuideachd.

36 Oir thachair na rudan seo airson 's gun deigheadh an Sgriobtar a choileanadh: “Cha bhi aon dhe a chnàmhan air a bhriseadh,”

37 agus a‑rithist tha Sgriobtar eile ag ràdh, “Coimheadaidh iad airsan a lot iad.”


Adhlacadh Ìosa

38 Às dèidh nan rudan seo, dh'fhaighnich Iòsaph o Arimatèa (a bha na dheisciobal aig Ìosa, ach gu dìomhair a chionn 's gun robh eagal air o na h‑Iùdhaich) do Phìlat am faodadh e corp Ìosa a thoirt leis, agus cheadaich Pìlat sin dha. Mar sin thàinig e agus thug e leis corp Ìosa.

39 Anns an aon dòigh thàinig Nicodèmus (a bh' air tighinn gu Ìosa na bu tràithe, air an oidhche), agus thug e leis mu thrithead 's a trì cileagram de mhirr agus de dh'alo air am measgachadh.

40 Mar sin ghabh iad corp Ìosa agus shuain iad e ann an stiallan anairt, còmhla ri na spìosraidhean, mar a tha na chleachdadh aig na h‑Iùdhaich adhlacadh a dhèanamh.

41 A‑nis anns an àite far an deach a cheusadh bha gàrradh, agus anns a' ghàrradh bha tuam ùr, anns nach deach duine sam bith a chur fhathast.

42 Mar sin, air sgàth Latha Ullachaidh Càisg nan Iùdhach, on a bha an tuam faisg air làimh, chuir iad Ìosa an sin.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan