Eòin 16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 “Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh airson 's nach tuislich sibh. 2 Cuiridh iad às an t‑sionagog sibh; dha‑rìribh tha an uair a' tighinn nuair a shaoileas ge b' e cò a mharbhas sibh gu bheil e a' tairgse seirbheis do Dhia. 3 Agus nì iad na rudan seo air sgàth 's nach b' aithne dhaibh an t‑Athair, no mise. 4 Ach tha mi air na rudan seo a ràdh ribh airson 's, nuair a thig an uair, gun cuimhnich sibh gun do dh'innis mi dhuibh iad. Cha tuirt mi na rudan seo ribh on toiseach, a chionn 's gun robh mi còmhla ribh.” 5 “Ach a‑nis tha mi a' dol thuigesan a chuir a‑mach mi, agus chan eil aon agaibhse a' faighneachd dhomh, ‘Càit a bheil thu a' dol?’ 6 Ach a chionn 's gun tuirt mi na rudan seo ribh, tha bròn air ur cridhe a lìonadh. 7 Ach tha mi ag innse na fìrinn dhuibh: is ann gu ur buannachd a tha e gu bheil mise a' falbh. Oir mura falbh mi, cha tig an Neach‑Cuideachaidh thugaibhse; ach ma dh'fhalbhas mi, cuiridh mi esan thugaibh. 8 Agus nuair a thig esan, dìtidh e an saoghal a thaobh peacaidh agus fìreantachd agus breitheanais: 9 a thaobh peacaidh, a chionn 's nach eil iad a' creidsinn annamsa; 10 a thaobh fìreantachd, a chionn 's gu bheil mi a' dol gum Athair, agus nach faic sibh nas motha mi; 11 a thaobh bhreitheanais, a chionn 's gu bheil riaghladair an t‑saoghail seo air a dhìteadh. 12 “Tha tòrr rudan agam fhathast ri ràdh ribh, ach chan urrainn dhuibh an giùlain an‑dràsta. 13 Ach nuair a thig esan, Spiorad na Fìrinn, treòraichidh e sibh a‑steach dha gach fìrinn. Oir cha bhruidhinn e uaithe fhèin; ach ge b' e dè a chluinneas e, canaidh e, agus cuiridh e an cèill dhuibhse na tha ri thighinn. 14 Glòraichidh esan mise, oir gabhaidh e dhem chuid‑sa agus cuiridh e an cèill dhuibhse e. 15 A h‑uile rud a th' aig an Athair, is ann leamsa a tha e; b' ann air an adhbhar sin a thuirt mi gun gabh e dhem chuid‑sa, agus gun cuir e an cèill dhuibhse e. 16 “Ùine bheag, agus chan fhaic sibh tuilleadh mi; agus a‑rithist ùine bheag, agus chì sibh mi.” Tionndaidhidh Bròn nan Deisciobal gu Aoibhneas 17 Mar sin thuirt cuid dhe a dheisciobail ri chèile, “Dè a tha seo a tha e ag ràdh rinn, ‘Ùine bheag, agus chan fhaic sibh tuilleadh mi; agus a‑rithist ùine bheag, agus chì sibh mi,’ agus ‘A chionn 's gu bheil mi a' dol gum Athair’?” 18 Mar sin bha iad ag ràdh, “Dè a tha e a' ciallachadh le ‘ùine bheag’? Chan aithne dhuinne dè a tha e ag ràdh.” 19 B' aithne do dh'Ìosa gun robh iad ag iarraidh a cheasnachadh; mar sin thuirt e riutha, “An e seo a bha sibh a' faighneachd nur measg fhèin, dè a bha mi a' ciallachadh nuair a thuirt mi, ‘Ùine bheag, agus chan fhaic sibh tuilleadh mi; agus a‑rithist ùine bheag, agus chì sibh mi’? 20 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun dèan sibhse caoineadh is caoidh, ach nì an saoghal aoibhneas. Bidh sibhse brònach, ach tionndaidhidh ur bròn gu aoibhneas. 21 Nuair a tha leanabh aig boireannach, bidh i fo bhròn a chionn 's gu bheil a h‑uair air tighinn, ach nuair a tha i air an leanabh a' thoirt a‑steach dhan t‑saoghal, cha chuimhnich i air a h‑àmhghar tuilleadh, air sgàth an aoibhneis gun do rugadh leanabh a‑steach dhan t‑saoghal. 22 Mar sin, cuideachd, tha sibh brònach a‑nis, ach chì mise a‑rithist sibh agus nì ur cridhe aoibhneas, agus cha toir neach sam bith ur n‑aoibhneas uaibh. 23 Air an latha sin chan iarr sibh rud sam bith ormsa. Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e dè a dh'iarras sibh air an Athair nam ainm‑sa, gun toir e dhuibh e. 24 Gus a seo cha do dh'iarr sibh rud sam bith nam ainm‑sa. Iarraibh, agus gheibh sibh, airson 's gum bi ur n‑aoibhneas làn. 25 “Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh ann an samhlaidhean. Thig an uair anns nach bruidhinn mi tuilleadh ribh ann an samhlaidhean, ach innsidh mi gu soilleir dhuibh mun Athair. 26 Air an latha sin iarraidh sibh nam ainm‑sa, agus chan eil mi ag ràdh ribh gun iarr mise air an Athair air ur son, 27 oir tha gràdh aig an Athair fhèin oirbh, a chionn 's gun tug sibh gràdh dhòmhsa agus gun do chreid sibh gur ann o Dhia a thàinig mi. 28 Thàinig mi on Athair agus tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal; agus a‑nis tha mi a' fàgail an t‑saoghail agus a' dol chun an Athar.” 29 Thuirt a dheisciobail ris, “A‑nis tha thu a' bruidhinn gu soilleir agus chan eil thu a' cleachdadh samhla. 30 A‑nis tha fios againn gur aithne dhut a h‑uile rud agus nach feum thu duine sam bith a bhith gad cheasnachadh; is ann air sgàth seo a tha sinn a' creidsinn gur ann o Dhia a thàinig thu.” 31 Fhreagair Ìosa iad, “A bheil sibh a‑nis a' creidsinn? 32 Seallaibh, tha uair a' tighinn, dha‑rìribh tha e air tighinn mu thràth, anns am bi sibh air ur sgapadh, gach aon gu a chuid fhèin. Fàgaidh sibh mise nam aonar. Ach chan eil mi nam aonar, oir tha an t‑Athair còmhla rium. 33 “Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh airson 's gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh. Ach biodh deagh mhisneachd agaibh! Thug mise buaidh air an t‑saoghal.” |