Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ìosa a' Cofhurtachadh a Dheisciobal

1 “Na biodh ur cridhe fo thrioblaid. Creidibh ann an Dia; creidibh annamsa cuideachd.

2 Ann an taigh m' Athar‑sa tha iomadh seòmar; mura biodh e mar sin, bhithinn‑sa air innse dhuibh. Tha mi a' dol a dh'ullachadh àite dhuibh.

3 Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rithist, agus gabhaidh mi sibh thugam fhèin, airson 's far a bheil mise, gum bi sibhse cuideachd.

4 Agus is aithne dhuibh an t‑slighe air a bheil mi a' dol.”


Ìosa an t‑Slighe chun an Athar

5 Thuirt Tòmas ris, “A Thighearna, chan eil fios againn càit a bheil thu a' dol; ciamar as urrainn eòlas a bhith againn air an t‑slighe?”

6 Thuirt Ìosa ris, “Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a' bheatha. Cha tig neach sam bith chun an Athar ach tromhamsa.

7 Nam biodh aithne air a bhith agaibh ormsa, bhiodh aithne air a bhith agaibh air m' Athair cuideachd. A‑nis is aithne dhuibh e, agus chunnaic sibh e.”

8 Thuirt Philip ris, “A Thighearna, foillsich an t‑Athair dhuinne, agus bidh sin gu leòr dhuinn.”

9 Thuirt Ìosa ris, “A bheil mise air a bhith ùine cho fada còmhla ribh, agus nach aithne dhut fhathast mi, Philip? An neach a chunnaic mise, chunnaic e an t‑Athair. Ciamar as urrainn dhut a ràdh, ‘Foillsich an t‑Athair dhuinne’?

10 Nach eil thusa a' creidsinn gu bheil mise anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa? Na briathran a tha mi ag ràdh ribh, chan ann uam fhèin a tha mi gan ràdh. Ach an t‑Athair, a tha a' fantainn annamsa, tha esan a' dèanamh a chuid obraichean fhèin.

11 Creidibh mise gu bheil mi anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa; no creidibh mi air sgàth nan obraichean fhèin.

12 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a chreideas annamsa, nì esan cuideachd na h‑obraichean a tha mise a' dèanamh. Agus nì e obraichean nas motha na iad seo, a chionn 's gu bheil mise a' dol chun an Athar.

13 Agus ge b' e rud a dh'iarras sibh nam ainm‑sa, nì mise sin, airson 's gum bi an t‑Athair air a ghlòrachadh anns a' Mhac.

14 Ma dh'iarras sibh rud sam bith nam ainm‑sa, nì mise e.”


Ìosa a' Gealltainn an Spioraid Naoimh

15 “Ma tha gràdh agaibh ormsa, cumaidh sibh m' àithntean.

16 Agus iarraidh mise air an Athair, agus bheir e dhuibh Neach‑Cuideachaidh eile, airson fantainn còmhla ribh gu bràth –

17 Spiorad na Fìrinn – nach urrainn dhan t‑saoghal a ghabhail, a chionn 's nach eil e ga fhaicinn no eòlach air. Is aithne dhuibhse e, oir tha e a' fantainn còmhla ribh, agus bidh e annaibh.

18 Chan fhàg mi sibh nur dìlleachdain; thig mi thugaibh.

19 Ùine bheag fhathast agus chan fhaic an saoghal tuilleadh mi, ach chì sibhse mi. A chionn 's gu bheil mise beò, bidh sibhse beò cuideachd.

20 Air an latha sin bidh fios agaibh gu bheil mise anns an Athair, agus sibhse annamsa, agus mise annaibhse.

21 Ge b' e cò aig a bheil m' àithntean‑sa agus a tha gan cumail, is ann aigesan a tha gràdh dhòmhsa. Agus an neach aig a bheil gràdh dhòmhsa, bidh e air a ghràdhachadh lem Athair, agus gràdhaichidh mise e agus foillsichidh mise mi fhèin dha.”

22 Thuirt Iùdas (chan e Iscariot) ris, “A Thighearna, carson a dh'fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin dhan t‑saoghal?”

23 Fhreagair Ìosa, “Ma ghràdhaicheas neach sam bith mise, cumaidh e m' fhacal, agus gràdhaichidh m' Athair esan, agus thig sinn thuige, agus nì sinn ar n‑àite‑fuirich còmhla ris.

24 Ge b' e cò nach gràdhaich mise, cha chùm e mo bhriathran. Agus am facal a tha sibh a' cluinntinn, chan ann leamsa a tha e, ach leis an Athair a chuir a‑mach mi.

25 “Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh fhad 's a tha mi fhathast còmhla ribh.

26 Ach an Neach‑Cuideachaidh, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair a‑mach nam ainm‑sa, teagaisgidh esan dhuibh a h‑uile rud, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh gach rud a thuirt mise ribh.

27 Sìth tha mi a' fàgail agaibh, mo shìth‑sa tha mi a' toirt dhuibh. Chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a' toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal oirbh.

28 “Chuala sibh mi ag ràdh ribh, ‘Tha mi a' falbh, agus thig mi air ais thugaibh.’ Nan robh gràdh agaibh dhòmhsa, bha sibh air a bhith aoibhneach, a chionn 's gu bheil mi a' dol chun an Athar, oir is motha an t‑Athair na mise.

29 Agus a‑nis tha mi air seo innse dhuibh mus tig e gu bith, airson, nuair a thachras e, gun creideadh sibh.

30 Cha dèan mi mòran bruidhne còmhla ribh tuilleadh, oir tha riaghladair an t‑saoghail seo a' tighinn, agus chan eil grèim sam bith aigesan orm,

31 ach tha mi a' dèanamh mar a dh'àithn an t‑Athair dhomh, airson gum bi fios aig an t‑saoghal gu bheil gràdh agamsa air an Athair. “Èiribh, rachamaid às a seo.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan