Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ìosa air Ungadh aig Betani

1 Sia latha ron Chàisg, thàinig Ìosa gu Betani, far an robh Làsaras, a bha e air a thogail o na mairbh.

2 An uair sin rinn iad suipear dha an sin. Bha Marta a' frithealadh agus bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig a' bhòrd còmhla ris.

3 An uair sin ghabh Màiri mu leth liotair de dh'fhìor nàrd, acfhainn fìor chosgail, agus dh'ung i casan Ìosa agus thiormaich i a chasan le a falt. Chaidh an taigh a lìonadh le fàileadh cùbhraidh na h‑acfhainne.

4 Ach thuirt aon dhe na deisciobail aige, Iùdas Iscariot, a bha a' dol ga bhrathadh,

5 “Carson nach deach an acfhainn seo a reic airson tuarastal aon bhliadhna agus nach deach a thoirt dha na bochdan?”

6 Cha b' ann a chionn 's gun robh e fo chùram mu na bochdan a thuirt e seo, ach a chionn 's gum b' e mèirleach a bh' ann; bha an sporan aige agus bhiodh e a' togail leis na chaidh a chur ann.

7 Agus thuirt Ìosa, “Leig leatha, ach an glèidh i e airson latha m' adhlacaidh.

8 Oir tha na bochdan agaibh còmhla ribh an‑còmhnaidh, ach chan eil mise agaibh an‑còmhnaidh.”

9 Nuair a fhuair sluagh mòr dhe na h‑Iùdhaich a‑mach gun robh e an sin, thàinig iad, cha b' ann air sgàth Ìosa a‑mhàin, ach cuideachd airson Làsaras fhaicinn, a thog esan o na mairbh.

10 Ach rinn na h‑àrd‑shagartan innleachd airson Làsaras a mharbhadh cuideachd,

11 a chionn 's air a sgàth‑san gun robh mòran dhe na h‑Iùdhaich a' falbh agus a' creidsinn ann an Ìosa.


An Dol‑a‑Steach Buadhmhor

12 An ath latha, chuala am mòr‑shluagh a bh' air tighinn chun na Fèille gun robh Ìosa a' tighinn gu Ierusalem.

13 Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach ga choinneachadh, ag èigheach, “Hosanna!” “Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna!” “Rìgh Israeil!”

14 Lorg Ìosa asal òg, agus shuidh e oirre, a rèir mar a tha e sgrìobhte,

15 “Na biodh eagal ort, a nighean Shioin; seall, tha do Rìgh a' tighinn, na shuidhe air searrach asail.”

16 Cha do thuig a dheisciobail na rudan seo aig an àm, ach nuair a chaidh Ìosa a ghlòrachadh, an uair sin chuimhnich iad gun robh na rudan seo sgrìobhte ma dheidhinn, agus gun deach na rudan seo a dhèanamh air a shon.

17 Mar sin lean an sluagh orra a' toirt fianais; iadsan a bha còmhla ris nuair a ghairm e Làsaras às an tuam agus a thog e o na mairbh e.

18 B' ann air an adhbhar seo a chaidh an sluagh a‑mach ga choinneachadh, a chionn 's gun cuala iad gun do rinn e an comharra mìorbhaileach seo.

19 Mar sin thuirt na Pharasaich ri càch‑a‑chèile, “Tha sibh a' faicinn nach eil sibh a' buannachadh rud sam bith. Seallaibh, tha an saoghal air a dhol às a dhèidh!”


Ìosa a' Fàidheadaireachd mu a Bhàs

20 A‑nis bha Greugaich àraidh am measg na muinntir a chaidh suas airson adhradh a dhèanamh aig an Fhèill.

21 Mar sin thàinig iadsan gu Philip, a bha o Bhetsaida ann an Galile, agus dh'fhaighnich iad dha, “A thighearna, bu toigh leinn Ìosa fhaicinn.”

22 Dh'fhalbh Philip agus dh'innis e do dh'Anndra; agus dh'innis Anndra agus Philip do dh'Ìosa.

23 Agus fhreagair Ìosa iad, “Tha an uair air tighinn airson Mac an Duine a bhith air a ghlòrachadh.

24 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura tuit gràinne cruithneachd dhan talamh agus gum bàsaich i, fanaidh i na h‑aonar, ach ma bhàsaicheas i, bheir i a‑mach toradh mòr.

25 Ge b' e cò a ghràdhaicheas a bheatha, caillidh e i, agus esan a dh'fhuathaicheas a bheatha anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e i airson na beatha sìorraidh.

26 Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, feumaidh e mo leantainn; agus ge b' e àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbheiseach cuideachd. Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, bheir m' Athair urram dha.

27 “A‑nis tha m' anam fo àmhghar, agus dè a chanas mi? ‘Athair, sàbhail mi on uair seo’? Ach is ann air an adhbhar seo a thàinig mi chun na h‑uarach seo.

28 Athair, glòraich d' ainm!” An uair sin thàinig guth o nèamh, ag ràdh, “Tha mi air a ghlòrachadh, agus glòraichidh mi a‑rithist e.”

29 Thuirt an sluagh, a sheas an làthair agus a chuala e, gun robh tàirneanach air a bhith ann. Thuirt feadhainn eile, “Bhruidhinn aingeal ris.”

30 Fhreagair Ìosa, “Cha b' ann air mo shon‑sa a thàinig an guth seo, ach air ur son‑se.

31 A‑nis tha breitheanas an t‑saoghail seo ann; a‑nis bidh riaghladair an t‑saoghail seo air a thilgeil a‑mach.

32 Agus mise, nuair a bhios mi air mo thogail suas on talamh, tàirngidh mi na h‑uile thugam.”

33 Ach thuirt e seo airson comharrachadh dè an seòrsa bàis leis an robh e a' dol a bhàsachadh.

34 Fhreagair an sluagh e, “Chuala sinne on lagh gum fan an Crìosd gu sìorraidh. Ciamar as urrainn dhutsa a ràdh gum feum Mac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo?”

35 Thuirt Ìosa riutha, “Tha an solas nur measg airson ùine bhig fhathast. Coisichibh cho fada 's a tha an solas agaibh, airson 's nach beir an dorchadas oirbh. Oir an neach a tha a' coiseachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a' dol.

36 Cho fada 's a tha an solas agaibh, creidibh anns an t‑solas airson 's gun tig sibh gus a bhith nur cloinn de sholas.” Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh dh'fhalbh e, agus dh'fhalaich e e fhèin uapa.


Na h‑Iùdhaich a' Cumail orra nan Eas‑Creideamh

37 Ged a bha e air na h‑uimhir de chomharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh man coinneamh, cha robh iad fhathast a' creidsinn ann.

38 Bha seo airson 's gum biodh am facal a thuirt am fàidh Isaiah air a choileanadh: “A Thighearna, cò a chreid ar teachdaireachd agus cò dha a bha gàirdean an Tighearna air fhoillseachadh?”

39 Cha robh e an comas dhaibh creidsinn, a chionn 's gun tuirt Isaiah cuideachd,

40 “Tha e air an sùilean a dhalladh agus air an cridhe a dhèanamh cruaidh, airson 's nach faic iad len sùilean agus nach tuig iad len cridhe, agus nach tionndaidheadh iad 's gun slànaichinn‑sa iad.”

41 Thuirt Isaiah na rudan seo a chionn 's gum faca e glòir Ìosa, agus bhruidhinn e ma dheidhinn‑san.

42 A dh'aindeoin sin, chreid mòran fiù 's dhen luchd‑riaghlaidh ann. Ach air sgàth nam Pharasach cha do dh'aidich iad e, airson 's nach deigheadh an cur a‑mach às an t‑sionagog;

43 oir bu ghràdhach leotha glòir dhaoine os cionn glòir Dhè.

44 Agus dh'èigh Ìosa, “An neach a chreideas annamsa, chan ann annamsa a tha e a' creidsinn, ach anns an aon a chuir a‑mach mi.

45 Agus an neach a tha gam fhaicinn‑sa, tha e a' faicinn an aoin a chuir a‑mach mi.

46 Tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal nam sholas, airson 's, ge b' e cò a chreideas annamsa, nach fan e anns an dorchadas.

47 “Ma chluinneas neach sam bith mo bhriathran‑sa, agus nach cùm e iad, chan eil mise a' toirt breith air. Oir cha tàinig mi airson breith a thoirt air an t‑saoghal, ach airson an saoghal a shaoradh.

48 An neach a tha gam dhiùltadh‑sa, agus nach eil a' gabhail rim bhriathran, tha aon ann a bheir breith air; am facal a thubhairt mi, bheir e breith air, air an latha dheireannach.

49 Oir cha do bhruidhinn mi uam fhèin, ach thug an t‑Athair fhèin a chuir a‑mach mi àithne dhomh mu na chanainn agus dè a chanainn.

50 Agus tha fios agam gur e beatha shìorraidh a tha na àithne‑san. Mar sin, na rudan a tha mi ag ràdh, tha mi ag ràdh mar a dh'innis an t‑Athair dhomh.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan