Eòin 11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Bàs Làsarais 1 A‑nis bha duine àraidh tinn, Làsaras, o Bhetani, baile Màiri is Marta a piuthar. 2 B' i a' Mhàiri sin aig an robh a bràthair Làsaras gu tinn a dh'ung an Tighearna le acfhainn, agus a thiormaich a chasan le a falt. 3 Mar sin chuir na peathraichean fios thuige, ag ràdh, “A Thighearna, tha an neach as gràdhach leat tinn.” 4 Ach nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e, “Chan ann gu bàs a thig an tinneas seo, ach gu glòir Dhè, airson 's gum bi Mac Dhè air a ghlòrachadh troimhe.” 5 A‑nis bha gràdh aig Ìosa air Marta agus air a piuthair agus air Làsaras. 6 Mar sin, nuair a chuala e gun robh esan tinn, dh'fhan e dà latha a bharrachd anns an àite far an robh e. 7 Às dèidh sin, thuirt e ri a dheisciobail, “Rachamaid a‑rithist a dh'Iudèa.” 8 Thuirt na deisciobail ris, “A Rabaidh, o chionn ghoirid bha na h‑Iùdhaich ag iarraidh do chlachadh, agus a bheil thu a' dol an sin a‑rithist?” 9 Fhreagair Ìosa, “Nach eil dà uair dheug anns an latha? Ma choisicheas duine sam bith san latha, cha tuislich e, a chionn 's gu bheil e a' faicinn solas an t‑saoghail seo. 10 Ach ma choisicheas duine sam bith air an oidhche, tuislichidh e, a chionn 's nach eil an solas ann.” 11 Às dèidh dha na rudan seo a ràdh thuirt e riutha, “Tha ar caraid Làsaras air tuiteam na chadal, ach tha mise a' dol an sin ga dhùsgadh.” 12 Thuirt na deisciobail, “A Thighearna, ma tha e air tuiteam na chadal, bidh e slàn.” 13 A‑nis bha Ìosa air bruidhinn mu a bhàs, ach shaoil iadsan gun robh e air bruidhinn mu fhois cadail. 14 Mar sin thuirt Ìosa an uair sin riutha gu soilleir, “Tha Làsaras air bàsachadh, 15 agus tha mi toilichte air ur son‑se nach robh mi ann, airson 's gun creid sibh. Ach rachamaid thuige.” 16 An uair sin thuirt Tòmas (ris an canar Didimus) ri a cho‑dheisciobail, “Rachamaid‑ne cuideachd, airson 's gum faod sinn bàsachadh còmhla ris.” Ìosa a' Cofhurtachadh Peathraichean Làsarais 17 Nuair a ràinig Ìosa, fhuair e a‑mach gun robh Làsaras air a bhith ceithir latha mu thràth anns an tuam. 18 Bha Betani mu thrì cilemeatair o Ierusalem. 19 Agus bha mòran dhe na h‑Iùdhaich air tighinn gu Marta is Màiri, airson cofhurtachd a thoirt dhaibh a thaobh am bràthar. 20 Mar sin, nuair a chuala Marta gun robh Ìosa a' tighinn, chaidh i na choinneamh, ach dh'fhan Màiri na suidhe anns an taigh. 21 Thuirt Marta ri Ìosa, “A Thighearna, nan robh thusa air a bhith an seo, cha robh mo bhràthair air bàsachadh. 22 Ach fiù 's an‑dràsta tha fios agam, ge b' e dè na rudan a dh'iarras tu air Dia, gun toir Dia dhut iad.” 23 Thuirt Ìosa rithe, “Èiridh do bhràthair a‑rithist.” 24 Thuirt Marta ris, “Tha fios agam gun èirich e a‑rithist anns an aiseirigh air an latha dheireannach.” 25 Thuirt Ìosa rithe, “Is mise an aiseirigh agus a' bheatha. Ge b' e cò a chreideas annamsa, ged a gheibheadh e bàs, bidh e beò; 26 agus ge b' e neach a tha beò agus a' creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs gu bràth. A bheil thu a' creidsinn seo?” 27 Thuirt i ris, “Tha, a Thighearna, tha mi a' creidsinn gur tusa an Crìosd, Mac Dhè, a bha a' dol a thighinn a‑steach dhan t‑saoghal.” 28 Às dèidh dhi seo a ràdh, dh'fhalbh i agus ghairm i air a piuthar Màiri, ag ràdh gu dìomhair, “Tha an Neach‑Teagaisg an seo, agus tha e gad ghairm.” 29 Agus nuair a chuala ise seo, dh'èirich i gu luath agus chaidh i thuige. 30 A‑nis cha robh Ìosa fhathast air tighinn a‑steach dhan bhaile, ach bha e fhathast anns an àite far an do choinnich Marta ris. 31 Bha Iùdhaich còmhla rithe anns an taigh a' toirt cofhurtachd dhi. Nuair a chunnaic iad Màiri ag èirigh gu luath agus a' dol a‑mach, lean iad i, a' smaoineachadh gun robh i a' dol chun an tuaim a chaoineadh an sin. 32 Mar sin, nuair a thàinig Màiri dhan àite far an robh Ìosa agus a chunnaic i e, thuit i aig a chasan, ag ràdh ris, “A Thighearna, nan robh thusa air a bhith an seo, cha robh mo bhràthair air bàsachadh.” 33 Nuair a chunnaic Ìosa i a' caoineadh, agus na h‑Iùdhaich a thàinig còmhla rithe cuideachd a' caoineadh, bha e air a ghluasad gu domhainn na spiorad, agus fo chùram mòr. 34 Agus thuirt e, “Càit an do chuir sibh e?” Thuirt iad ris, “A Thighearna, thig agus faic.” 35 Chaoin Ìosa. 36 Mar sin thuirt na h‑Iùdhaich, “Seall mar a ghràdhaich e e!” 37 Ach thuirt cuid dhiubh, “Nach b' urrainn dhan duine seo, a dh'fhosgail sùilean an fhir a bha dall, cuideachd a bhith air am fear seo a chumail on bhàs?” Ìosa a' Togail Làsarais o na Mairbh 38 An uair sin thàinig Ìosa, air a ghluasad gu domhainn a‑rithist, chun an tuaim. B' e uamh a bh' ann, agus bha clach air a cur ri a h‑aghaidh. 39 Thuirt Ìosa, “Thoiribh air falbh a' chlach.” Thuirt Marta, piuthar an duine mhairbh, ris, “A Thighearna, mun àm seo bidh droch fhàileadh dheth, oir is e seo an ceathramh latha on a bhàsaich e.” 40 Thuirt Ìosa rithe, “Nach tuirt mi riut, nan creideadh tu, gum faiceadh tu glòir Dhè?” 41 Mar sin thug iad air falbh a' chlach. Agus sheall Ìosa suas, is thuirt e, “Athair, tha mi a' toirt taing dhut gu bheil thu air mo chluinntinn. 42 Tha fios agam gu bheil thu gam chluinntinn an‑còmhnaidh, ach thuirt mi seo air sgàth an t‑sluaigh a tha nan seasamh mun cuairt, airson 's gun creid iad gun do chuir thusa a‑mach mi.” 43 Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, dh'èigh e le guth mòr, “A Làsarais, thig a‑mach!” 44 Thàinig esan a bha air bàsachadh a‑mach, a chasan agus a làmhan ceangailte leis an aodach‑mhairbh, agus bha aghaidh air a suaineadh le clò‑aodainn. Thuirt Ìosa riutha, “Fuasglaibh e, agus leigibh leis falbh.” Innleachd airson Ìosa a Mharbhadh 45 Chreid mòran dhe na h‑Iùdhaich, a bh' air tighinn gu Màiri agus a chunnaic na rinn e, ann an Ìosa. 46 Ach dh'fhalbh cuid dhiubh gu na Pharasaich agus dh'innis iad dhaibh na rudan a rinn Ìosa. 47 Mar sin chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich an Comhairle, agus dh'fhaighnich iad, “Dè a nì sinn? Oir tha an duine seo a' dèanamh mòran chomharraidhean mìorbhaileach. 48 Ma leigeas sinn leis cumail air mar seo, creididh na h‑uile ann, agus thig na Ròmanaich agus bheir iad air falbh an dà chuid ar n‑àite agus ar nàisean.” 49 Ach thuirt fear dhiubh, Caiaphas, a bha na àrd‑shagart air a' bhliadhna sin, riutha, “Chan aithne dhuibh rud sam bith! 50 Cha mhotha a tha sibh a' tuigsinn gum biodh e na b' fheàrr dhuibh nam bàsaicheadh aon duine airson an t‑sluaigh, agus nach biodh an nàisean gu lèir air a sgrios.” 51 Cha b' ann uaithe fhèin a thuirt e seo, ach a chionn 's gun robh e na àrd‑shagart air a' bhliadhna sin, rinn e fàidheadaireachd gum faigheadh Ìosa bàs airson an nàisein, 52 agus chan ann airson an nàisein a‑mhàin, ach cuideachd airson 's gun cruinnicheadh e còmhla, nan aon, clann Dhè a bh' air an sgapadh mu sgaoil. 53 Mar sin, on latha sin a‑mach, rinn iad innleachd airson esan a chur gu bàs. 54 Mar sin cha do choisich Ìosa tuilleadh gu follaiseach am measg nan Iùdhach, ach chaidh e às a sin dhan sgìre a bha faisg air an fhàsach, gu baile ris an canar Ephraim, agus an sin dh'fhuirich e còmhla ri a dheisciobail. 55 Bha Càisg nan Iùdhach faisg, agus chaidh mòran suas às an dùthaich a dh'Ierusalem ron Chàisg, airson iad fhèin a ghlanadh gu deas‑ghnàthach. 56 Mar sin bha iad a' lorg Ìosa, agus ag ràdh ri chèile, fhad 's a bha iad nan seasamh anns an teampall, “Dè ur barail‑se? Cha tig e chun na Fèille, an tig?” 57 A‑nis bha na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich air àithntean a thoirt seachad, nam biodh fios aig neach sam bith càit an robh e, gun innseadh e dhaibh e, airson 's gun glacadh iad e. |