Eòin 10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Am Buachaille Math agus a Threud 1 “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an neach nach tèid a‑steach do chrò nan caorach tron doras, ach a shreapas suas air dhòigh eile, 's e mèirleach agus creachadair a th' ann. 2 Ach an neach a thèid a‑steach air an doras, is esan buachaille nan caorach. 3 Dhàsan fosglaidh an dorsair an doras, agus cluinnidh na caoraich a ghuth, agus gairmidh e a chaoraich fhèin air an ainm, agus treòraichidh e a‑mach iad. 4 Nuair a tha e air a chuid fhèin gu lèir a thoirt a‑mach, tha e a' dol romhpa, agus tha na caoraich ga leantainn a chionn 's gun aithne dhaibh a ghuth. 5 Cha lean iad coigreach, ach teichidh iad uaithe, a chionn 's nach aithne dhaibh guth coigrich.” 6 Chleachd Ìosa an samhla seo, ach cha do thuig iadsan dè a bha e ag ràdh riutha. 7 Mar sin thuirt Ìosa riutha a‑rithist, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach. 8 Iadsan uile a thàinig romhamsa, 's e mèirlich agus creachadairean a bh' annta, ach cha do dh'èist na caoraich riutha. 9 Is mise an doras; ma thig neach sam bith a‑steach tromhamsa, thèid a theàrnadh, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh. 10 Cha tig am mèirleach ach a ghoid agus a mharbhadh agus a mhilleadh; thàinig mise airson 's gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca ann am pailteas. 11 “Is mise am buachaille math. Leigidh am buachaille math a bheatha sìos airson nan caorach. 12 Ach esan a tha na fhear‑tuarastail, agus nach eil na bhuachaille, agus nach ann leis fhèin a tha na caoraich, chì e am madadh‑allaidh a' tighinn agus fàgaidh e na caoraich is teichidh e, agus glacaidh am madadh‑allaidh iad agus sgapaidh e iad. 13 Teichidh e a chionn 's gur e fear‑tuarastail a th' ann, agus nach eil cùram aige dha na caoraich. 14 “Is mise am buachaille math; is aithne dhomh mo chaoraich fhèin agus is aithne dha mo chaoraich fhèin mise – 15 dìreach mar as aithne dhan Athair mise agus mar as aithne dhòmhsa an t‑Athair – agus tha mi a' leigeil mo bheatha sìos airson nan caorach. 16 Tha caoraich eile agam nach eil dhen chrò seo. Feumaidh mi iad sin a threòrachadh cuideachd. Èistidh iadsan cuideachd rim ghuth, agus bidh aon treud ann agus aon bhuachaille. 17 A chionn 's gu bheil mi a' leigeil sìos mo bheatha, airson a togail suas a‑rithist, air an adhbhar seo tha an t‑Athair ga mo ghràdhachadh. 18 Chan eil neach sam bith ga toirt uam, ach tha mi ga leigeil sìos a rèir mo thoil fhèin. Tha ùghdarras agam a leigeil sìos agus ùghdarras a togail suas a‑rithist. An àithne seo fhuair mi om Athair.” 19 Dh'èirich sgaradh a‑rithist am measg nan Iùdhach air sgàth nam briathran seo. 20 Thuirt mòran dhiubh, “Tha deamhan ann agus tha e às a rian. Carson a tha sibh ag èisteachd ris?” 21 Thuirt cuid eile, “Chan iad seo briathran duine anns a bheil deamhan. A bheil deamhan comasach air sùilean nan dall fhosgladh?” Eas‑Creideamh nan Iùdhach 22 Aig an àm sin bha Fèill an Ath‑Choisrigidh ann an Ierusalem. B' e an geamhradh a bh' ann, 23 agus bha Ìosa a' coiseachd anns an teampall ann an sgàil‑thaigh Sholaimh. 24 Chruinnich na h‑Iùdhaich timcheall air, agus thuirt iad ris, “Dè cho fada 's a chumas tu fo theagamh sinn? Mas tu Crìosd, innis dhuinn gu follaiseach.” 25 Fhreagair Ìosa iad, “Dh'innis mi dhuibh, ach cha do chreid sibh. Na h‑obraichean a tha mi a' dèanamh ann an ainm m' Athar, tha iad sin a' toirt fianais mum dheidhinn, 26 ach chan eil sibhse a' creidsinn, a chionn 's nach ann dhem chaoraich a tha sibh. 27 Tha mo chaoraich‑sa ag èisteachd rim ghuth agus is aithne dhòmhsa iad, agus tha iad gam leantainn. 28 Tha mi a' toirt na beatha sìorraidh dhaibh agus cha tèid an sgrios gu bràth; cha mhotha a spìonas neach sam bith às mo làimh iad. 29 M' Athair, a th' air an toirt dhòmhsa, is motha esan na na h‑uile; chan urrainn do neach sam bith an spìonadh à làimh m' Athar. 30 Mise agus an t‑Athair, is aon sinn.” 31 Thog na h‑Iùdhaich clachan a‑rithist airson a chlachadh. 32 Fhreagair Ìosa iad, “Sheall mi dhuibh mòran obraichean matha on Athair. Dè an tè dhe na h‑obraichean sin as adhbhar dhuibh a bhith a' dol gam chlachadh?” 33 Fhreagair na h‑Iùdhaich e, “Chan ann airson obair mhath a tha sinn a' dol gad chlachadh, ach airson toibheim, a chionn 's gu bheil thusa, nach eil ach nad dhuine, a' dèanamh Dia dhìot fhèin.” 34 Fhreagair Ìosa iad, “Nach eil e sgrìobhte nur lagh‑se, ‘Thuirt mi, is diathan sibh’? 35 Ma ghabh e ‘diathan’ orrasan chun an tàinig facal Dhè – agus chan fhaodar an Sgriobtar a bhriseadh – 36 an can sibh ris‑san, a naomhaich an t‑Athair agus a chuir e dhan t‑saoghal, ‘Tha thu ag ràdh toibheim,’ a chionn 's gun tuirt mi, ‘Is mise Mac Dhè’? 37 Mura dèan mi obraichean m' Athar, na creidibh mi. 38 Ach ma nì mi iad, ged nach eil sibh gam chreidsinn‑sa, creidibh na h‑obraichean, airson gum bi fios agaibh agus gun tuig sibh gu bheil an t‑Athair annamsa, agus mise anns an Athair.” 39 Dh'fheuch iad ri a ghlacadh a‑rithist, ach chaidh e às an làmhan. 40 Agus chaidh e a‑rithist thar Iòrdain, dhan àite far an robh Eòin air a bhith a' baisteadh an toiseach, agus dh'fhuirich e an sin. 41 Thàinig mòran thuige. Agus thuirt iad, “Cha do rinn Eòin aon chomharra mìorbhaileach, ach bha a h‑uile rud a thuirt Eòin mun duine seo fìor.” 42 Agus chreid mòran ann anns an àite sin. |