Eòin 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Chaidh am Facal a Dhèanamh na Fheòil 1 Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am Facal còmhla ri Dia, agus b' e am Facal Dia. 2 Bha e còmhla ri Dia anns an toiseach. 3 Chaidh a h‑uile rud a dhèanamh troimhesan; agus às aonais‑san cha deach aon rud a dhèanamh a chaidh a dhèanamh. 4 Annsan bha beatha, agus b' i a' bheatha sin solas dhaoine. 5 Tha an solas a' soillseachadh anns an dorchadas, ach cha tug an dorchadas buaidh air. 6 Thàinig duine a chaidh a chur o Dhia; b' e ainm‑san Eòin. 7 Thàinig e mar fhianais airson fianais a thoirt mun t‑solas, gus an creideadh na h‑uile troimhesan. 8 Cha b' esan idir an solas; ach thàinig e mar fhianais mun t‑solas. 9 Bha an solas fìor, a tha a' soillseachadh a h‑uile neach, a' tighinn dhan t‑saoghal. 10 Bha e anns an t‑saoghal, agus ged a chaidh an saoghal a dhèanamh troimhe, cha do dh'aithnich an saoghal e. 11 Thàinig e gu a chuid fhèin, ach cha do ghabh a chuid fhèin ris. 12 Ach dhan fheadhainn a ghabh ris, dhan fheadhainn a chreid na ainm, thug e dhaibh còir a bhith nan cloinn do Dhia – 13 a rugadh chan ann o fhuil, no o mhiann na feòla, no o thoil duine, ach o Dhia. 14 Chaidh am Facal a dhèanamh na fheòil agus ghabh e còmhnaidh nar measg. Chunnaic sinne a ghlòir‑san, mar ghlòir an Aonghin on Athair, làn gràis agus fìrinn. 15 Tha Eòin a' toirt fianais ma dheidhinn. Tha e ag èigheach, ag ràdh, “Is e seo esan air an do bhruidhinn mi: ‘Tha am fear a tha a' tighinn às mo dhèidh air thoiseach orm a chionn 's gun robh e romham.’” 16 Às a lànachd‑san fhuair sinn uile gràs às dèidh gràis. 17 Oir chaidh an lagh a thoirt tro Mhaois; ach thàinig gràs agus fìrinn tro Ìosa Crìosd. 18 Chan fhaca neach sam bith Dia riamh, ach rinn Dia an t‑Aonghin Mic, a tha ann an com an Athar, follaiseach e. Eòin Baistidh a' Dol às Àicheadh gur Esan an Crìosd 19 A‑nis b' e seo fianais Eòin nuair a chuir Iùdhaich Ierusaleim sagartan agus Lèbhithich a dh'fhaighneachd dha, “Cò thusa?” 20 Dh'aidich e agus cha deach e às àicheadh, ach dh'aidich e gu saor‑thoileach, “Cha mhise an Crìosd.” 21 Dh'fhaighnich iad dha, “Dè ma‑thà? An tusa Eliah?” Thuirt e, “Cha mhi.” “An tu am Fàidh?” Fhreagair e, “Cha mhi.” 22 Mu dheireadh thuirt iad, “Cò thu? Thoir freagairt dhuinn a bheir sinn air ais chun na feadhna a chuir a‑mach sinn. Dè a th' agad ri ràdh mud dheidhinn fhèin?” 23 Thuirt Eòin ann am faclan Isaiah am fàidh, “Is mise guth neach ag èigheach anns an fhàsach, ‘Dèanaibh dìreach slighe an Tighearna.’” 24 A‑nis dh'fhaighnich feadhainn dhe na Pharasaich a chaidh a chur a‑mach dha, 25 “Carson ma‑thà a tha thu a' baisteadh mura tu an Crìosd, no Eliah, no am Fàidh?” 26 Fhreagair Eòin, “Tha mise a' baisteadh le uisge, ach tha fear na sheasamh nur measg nach aithne dhuibh. 27 Is esan am fear a tha a' tighinn às mo dhèidh, agus nach airidh mise air barraill a chuarain fhuasgladh.” 28 Thachair seo ann am Betani air taobh thall Iòrdain, far an robh Eòin a' baisteadh. Ìosa Uan Dhè 29 Air an ath latha chunnaic Eòin Ìosa a' tighinn thuige agus thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè, a tha a' toirt air falbh peacadh an t‑saoghail! 30 Is e seo esan a bha mi a' ciallachadh nuair a thuirt mi, ‘Tha fear a tha a' tighinn às mo dhèidh air thoiseach orm a chionn 's gun robh e romham.’ 31 Cha b' aithne dhomh fhèin idir e, ach airson 's gum biodh e air fhoillseachadh do dh'Israel, thàinig mi a' baisteadh le uisge.” 32 An uair sin thug Eòin an fhianais seo: “Chunnaic mi an Spiorad a' tighinn a‑nuas o nèamh mar chalman agus a' fuireach air. 33 Cha bhithinn air a bhith eòlach air, mura biodh am fear a chuir mi a bhaisteadh le uisge air innse dhomh, ‘Am fear air am faic thu an Spiorad a' tighinn a‑nuas agus a' fuireach, 's esan a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.’ 34 Chunnaic mi agus tha mi a' toirt fianais gur e seo Mac Dhè.” Deisciobail Eòin a' Leantainn Ìosa 35 Air an ath latha bha Eòin an siud a‑rithist còmhla ri dithis dhe a dheisciobail. 36 Nuair a chunnaic e Ìosa a' dol seachad, thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè!” 37 Nuair a chuala an dithis dheisciobal e ag ràdh seo, lean iad Ìosa. 38 A' tionndadh mun cuairt, chunnaic Ìosa iad a' leantainn agus dh'fhaighnich e, “Dè tha sibh ag iarraidh?” Thuirt iad, “A Rabaidh” (a tha a' ciallachadh ‘Fear‑Teagaisg’), “càit a bheil thu a' fuireach?” 39 “Thigibh,” fhreagair e, “agus chì sibh.” Agus dh'fhalbh iad agus chunnaic iad far an robh e a' fuireach, agus chuir iad seachad an latha sin còmhla ris. Bha e mu cheithir uairean feasgar. 40 B' e Anndra, bràthair Shìmoin Pheadair, fear dhen dithis a chuala na thuirt Eòin agus a lean Ìosa. 41 B' e a' chiad rud a rinn Anndra a bhràthair Sìmon a lorg agus innse dha, “Fhuair sinn am Mesiah” ('s e sin Crìosd). 42 Thug e gu Ìosa e. Choimhead Ìosa air agus thuirt e, “Is tusa Sìmon mac Eòin. Bidh Cèphas air a ghabhail ort” ('s e sin air eadar‑theangachadh, Peadar). Ìosa a' Gairm Philip agus Natànael 43 Air an ath latha chuir Ìosa roimhe a dhol a Ghalile. Fhuair e Philip agus thuirt e ris, “Lean mise.” 44 Bha Philip o Bhetsaida, baile Anndra agus Pheadair. 45 Fhuair Philip Natànael agus dh'innis e dha, “Fhuair sinne am fear mun do sgrìobh Maois anns an Lagh, agus mun do sgrìobh na fàidhean cuideachd – Ìosa o Nàsaret, mac Iòsaiph.” 46 “An tig rud math sam bith a‑mach à Nàsaret?” dh'fhaighnich Natànael. Thuirt Philip, “Thig agus faic.” 47 Nuair a chunnaic Ìosa Natànael a' tighinn thuige, thuirt e ma dheidhinn, “'S e seo fìor Israeleach, anns nach eil cealg.” 48 “Ciamar as aithne dhut mi?” dh'fhaighnich Natànael. Fhreagair Ìosa, “Chunnaic mi thu nuair a bha thu fhathast fon chrann‑fhìge mun do ghairm Philip ort.” 49 An uair sin fhreagair Natànael e, “A Rabaidh, is tusa Mac Dhè; is tusa Rìgh Israeil.” 50 Fhreagair Ìosa, “Tha thu a' creidsinn a chionn 's gun do dh'innis mi dhut gum faca mi thu fon chrann‑fhìge. Chì thu rudan nas motha na sin.” 51 An uair sin thuirt e ris, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chì sibh nèamh air fhosgladh, agus ainglean Dhè a' dol suas agus a' tighinn a‑nuas air Mac an Duine.” |