Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Adhradh anns a' Phàillean Talmhaidh

1 A‑nis, bha òrduighean‑seirbheis cuideachd sa chiad phàillean agus san ionad‑naomh talmhaidh.

2 Oir chaidh a' chiad phàillean a dheasachadh anns an robh an dà chuid, an coinnlear agus am bòrd air an robh taisbeanadh nan lofaichean, ris an can iad Naomh,

3 agus air cùlaibh an dara cùrtair bha pàillean ris an can iad an t‑Àite ro‑Naomh,

4 le tùisear òir agus Àirc a' Chùmhnaint air a còmhdachadh gu lèir mun cuairt le òr, agus le poit òir innte anns an robh am mana, agus an t‑slat aig Aaron a chuir a‑mach blàth, agus clàir a' chùmhnaint.

5 Os a cionn, tha cherubim na glòire a' cur sgàile air cathair na tròcaire, rudan nach urrainn dhuinn bruidhinn mu dheidhinn gu mionaideach an‑dràsta.

6 A‑nis, on a chaidh na rudan a chur an òrdugh mar seo, tha na sagartan a' dol a‑steach fad an t‑siubhail dhan chiad phàillean a' coileanadh na seirbheisean,

7 ach is e an t‑àrd‑shagart a‑mhàin a chaidh a‑steach dhan dara fear aon uair sa bhliadhna, agus cha do rinn e sin gun fhuil a thairgsinn air a shon fhèin 's airson pheacaidhean aineolais an t‑sluaigh.

8 Tha an Spiorad Naomh a' nochdadh nach deach an t‑slighe a‑steach dhan Àite Naomh fhathast fhoillseachadh fhad 's a bha a' chiad phàillean fhathast na sheasamh.

9 'S e samhladh a tha seo airson an ama seo, anns a bheil tiodhlacan 's ìobairtean air an tairgsinn nach urrainn dhan fhear‑adhraidh a dhèanamh foirfe a thaobh a chogais.

10 Chan eil annta ach riaghailtean feòlmhora a chaidh àithne gu àm an leasachaidh aca.


Fuil Chrìosda

11 Ach thàinig Crìosd mar àrd‑shagart nan deagh rudan a thàinig gu bith, tron phàillean a tha nas motha 's nas foirfiche, nach deach a dhèanamh le làmhan, 's e sin, nach buin dhan chruthachadh seo.

12 Chan ann tro fhuil ghobhar 's laogh, ach tro fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair 's gu bràth dhan Àite Naomh, 's e air sàbhaladh sìorraidh fhaighinn.

13 Oir ma nì fuil tharbh 's ghobhar, is luath aighe air a crathadh air an fheadhainn a tha neòghlan, an naomhachadh airson glanadh na feòla,

14 nach motha na sin a ghlanas fuil Chrìosd – a thairig e fhèin, tron Spiorad Sìorraidh, neoichiontach do Dhia – ar cogais o obraichean marbha airson adhraidh a thoirt dhan Dia bheò?

15 Agus air an adhbhar sin, is esan eadar‑mheadhanair cùmhnaint ùir, oir gun do bhàsaich e airson saorsa o eu‑ceartan a thachair fon chiad chùmhnant, airson 's gum faigh iadsan a th' air an gairm gealladh na h‑oighreachd shìorraidh.

16 Oir far a bheil tiomnadh, feumaidh bàs an neach‑tiomnaidh tachairt,

17 oir tha tiomnadh èifeachdach às dèidh bàis, oir chan eil e ann an dòigh sam bith brìoghmhor fhad 's a tha an neach‑tiomnaidh beò.

18 'S ann mar sin nach deach a' chiad chùmhnant a choisrigeadh gun fhuil.

19 Bhruidhinn Maois ris an t‑sluagh gu lèir mun a h‑uile àithne a rèir an lagha, thug e thuige fuil laogh is ghobhar le uisge agus clòimh dhearg is hiosop agus chrath e an dà chuid, air an leabhar fhèin 's air an t‑sluagh,

20 ag ràdh, “Is i seo fuil a' chùmhnaint a dh'òrdaich Dia dhuibh.”

21 Agus san aon dòigh, chrath e fuil air a' phàillean 's air soithichean na seirbheis naoimh gu lèir.

22 Agus cha mhòr nach eil a h‑uile sìon air a ghlanadh le fuil a rèir an lagha, agus às aonais dòrtadh fala, chan eil mathanas ann.

23 Bha e riatanach ma‑thà gum biodh samhlaidhean nan rudan anns na nèamhan air an glanadh leis na h‑ìobairtean sin, ach na rudan nèamhaidh iad fhèin, le ìobairtean a b' fheàrr na iad sin.

24 Oir cha deach Crìosd a‑steach do dh'àite naomh a chaidh a dhèanamh le làmhan, samhla dhen fhìor fhear, ach do nèamh fhèin airson nochdadh mu choinneamh Dhè air ar son‑ne.

25 Ach chan ann airson e fhèin ìobradh gu tric, mar a nì an t‑àrd‑shagart a thèid a‑steach dhan ionad naomh gach bliadhna le fuil nach eil leis fhèin,

26 oir bhiodh aige ri fulang iomadh uair o thoiseach an t‑saoghail; ach a‑nis aig deireadh nan linntean, nochd e e fhèin aon uair airson mathanas pheacaidhean tro e fhèin ìobradh.

27 Oir dìreach mar a tha e air òrdachadh gum faigh daoine bàs aon uair agus às dèidh sin am breitheanas,

28 mar sin cuideachd chaidh Crìosd a thairgsinn suas aon uair gus peacaidhean mhòrain a thoirt air falbh agus bidh e air fhaicinn an dara h‑uair gun pheacadh leothasan a tha ga fheitheamh airson sàbhalaidh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan