Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Àrd‑Shagart a' Chùmhnaint Ùir

1 A‑nis, 's e seo geàrr‑chunntas dhe na chaidh a ràdh: tha an seòrsa seo de dh'àrd‑shagart againn; shuidh e sìos air deas‑làimh rìgh‑chathair na mòrachd anns na nèamhan,

2 ministear an ionaid naoimh 's an fhìor phàillein a stèidhich Dia 's chan e duine.

3 Oir, tha a h‑uile àrd‑shagart air a thaghadh airson tiodhlacan is ìobairtean a thairgsinn suas, mar sin feumaidh rudeigin a bhith aigesan cuideachd airson a thairgsinn suas.

4 Nam biodh e air talamh ma‑thà, cha bhiodh e na shagart, oir tha feadhainn ann a thairgeas tiodhlacan a rèir an lagha,

5 a tha a' frithealadh samhail is faileas nan àiteachan nèamhaidh, mar a chaidh òrdachadh do Mhaois nuair a bha e a' crìochnachadh na pàillein. Oir tha e ag ràdh, “Faic gun dèan thu a h‑uile sìon a rèir an t‑samhlaidh a chaidh a shealltainn dhut air a' bheinn.”

6 Ach a‑nis, fhuair esan ministrealachd a tha cho math nas fheàrr na an cùmhnant air a bheil esan na eadar‑mheadhanair, agus cùmhnant a tha stèidhichte air geallaidhean a tha nas fheàrr.

7 Oir nam biodh a' chiad fhear gun choire, cha bhiodh adhbhar siridh ann airson àite dhan dara fear.

8 Oir a' faighinn coire dhaibh, thuirt e: “Seallaibh, tha làithean a' tighinn, tha an Tighearna ag ràdh, nuair a stèidhicheas mi cùmhnant ùr ri taigh Israeil agus ri taigh Iùdah.

9 Chan ann a rèir a' chùmhnaint a rinn mi ris na h‑athraichean aca nuair a thug mi iad lem làimh airson an treòrachadh a‑mach à tìr na h‑Èipheit, oir cha do dh'fhan iad dìleas rim chùmhnant, agus cha robh cùram agam dhaibh, ars an Tighearna.

10 'S e seo an cùmhnant a nì mi ri taigh Israeil às dèidh nan làithean sin, ars an Tighearna. Cuiridh mi mo laghannan nan n‑inntinnean agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan. Agus bidh mise nam Dhia dhaibhsan agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.

11 Agus cha teagaisg neach sam bith a choimhearsnach, no neach sam bith a bhràthair, ag ràdh, ‘Biodh eòlas agad air an Tighearna,’ a chionn 's gum bi eòlas aca uile orm, on fhear as lugha dhiubh chun an fhir as motha.

12 Oir nì mi tròcair air an cuid uilc, agus cha chuimhnich mi air am peacaidhean tuilleadh.”

13 Le bhith ag ràdh “Cùmhnant ùr”, rinn e a' chiad fhear sean, agus an rud a tha a' fàs sean is aosta, tha e an impis a dhol à sealladh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan