Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Melchisedec an Sagart

1 Oir b' e am Melchisedec seo, rìgh Shàleim, sagart an Dè as Àirde, a choinnich ri Abrahàm 's e a' tilleadh bho spadadh nan rìghrean agus bheannaich esan e,

2 is thug Abrahàm dha an deicheamh dhe a chuid gu lèir. Tha a' chiad mhìneachadh air ainm‑san a' ciallachadh “rìgh a' cheartais”, agus an uair sin cuideachd “rìgh Shàleim”, 's e sin “rìgh na sìthe”,

3 gun athair, gun mhàthair, gun shinnsireachd, gun toiseach làithean no deireadh beatha ach air a dhèanamh coltach ri Mac Dhè, fanaidh e na shagart gu sìorraidh.

4 A‑nis, beachdaichibh air cho cudthromach 's a tha an duine seo dhan tug am prìomh‑athair Abrahàm an deicheamh cuid dhen chreach.

5 Agus tha cùmhnant dha‑rìribh aig Mic Lèbhi nuair a ghabhas iad an t‑sagartachd orra fhèin, gu bheil còir aca air an deicheamh cuid o na daoine a rèir an lagha, 's e sin bhom bràithrean, ged a tha iadsan cuideachd de shliochd Abrahàim.

6 Ach thug esan aig nach eil sinnsireachd uapasan an deicheamh cuid bho Abrahàm agus bheannaich e am fear aig an robh na geallaidhean.

7 Gun teagamh sam bith, tha am fear as lugha air a bheannachadh leis an fhear as motha.

8 Air an aon làimh, is iad daoine bàsmhor a gheibh na deicheamhan; ach air an làimh eile gheibh esan iad dham bheil fianais air a thoirt gu bheil e fhathast beò.

9 Agus dh'fhaodadh e a bhith air a ràdh gu robh aig Lèbhi fhèin, am fear a tha a' faighinn deicheamhan, ri deicheamhan a thoirt seachad tro dh'Abrahàm,

10 oir bha e fhathast ann an corp athar nuair a thachair Melchisedec ris.


Ìosa Coltach ri Melchisedec

11 Mar sin, ma thàinig foirfeachd tron t‑sagartachd Lèbhitheach, on a fhuair daoine na laghannan aca air a' bhunait sin, carson a bha barrachd feum air sagart eile èirigh a rèir òrduigh Mhelchisedeic agus gun e idir air ainmeachadh a rèir òrdugh Aaroin?

12 Oir ma tha atharrachadh air an t‑sagartachd tha e mar fhiachaibh cuideachd gum bi atharrachadh air an lagh,

13 oir buinidh am fear mun deach na rudan sin a ràdh do threubh eile, agus cha do rinn duine dhen treubh seo seirbheis aig an altair.

14 Oir tha e gu math soilleir gun robh ar Tighearna de shliochd Iùdah, agus a thaobh na trèibh sin cha tuirt Maois sìon mu shagartan.

15 Agus gu deimhinn, tha e eadhon nas soilleire ma dh'èireas sagart eile coltach ri Melchisedec suas,

16 a tha a' nochdadh, chan ann a rèir lagha àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha nach gabh a sgrios.

17 Oir tha e ag ràdh: “Tha thu nad shagart gu bràth, a rèir òrduigh Mhelchisedeic.”

18 Tha an àithne seo air aon làimh air a cur gu aon taobh a chionn 's gu bheil i gun chumhachd agus gun bhuaidh

19 (oir cha tug an lagh sìon gu foirfeachd), ach air an làimh eile tha dòchas nas fheàrr air a thoirt a‑steach, tron tig sinn nas dlùithe do Dhia.

20 Agus thuige seo, bha sin gun mhionnan a dhèanamh oir chaidh sagartan a dhèanamh dhiubhsan gun mhionnan

21 agus chaidh esan a dhèanamh na fhear dhiubh le mionnan tron aon a thuirt ris: “Mhionnaich an Tighearna agus chan atharraich e inntinn: ‘Tha thu nad shagart gu bràth.’”

22 Is ann gu math nas fheàrr a tha an cùmhnant dhan deach Ìosa a dhèanamh na bharantas.

23 Oir air aon làimh bha mòran nan sagartan, a chionn 's gun do chuir am bàs bacadh orra bhon a bhith maireann;

24 ach air an làimh eile tha an t‑sagartachd aigesan gu sìorraidh, a' chionn 's gum mair e gu bràth.

25 Agus mar sin, tha esan comasach air iadsan a thig gu Dia troimhesan a shàbhaladh gu h‑iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.

26 Oir bha e riatanach gum biodh a leithid seo de dh'àrd‑shagart againne; naomh, neoichiontach, neo‑thruaillidh, air leth bho pheacaich agus air a dhèanamh nas àirde na na nèamhan,

27 fear nach fheum ìobairt a thairgsinn a h‑uile latha mar na h‑àrd‑shagartan eile, anns a chiad àite airson a pheacaidhean fhèin agus an uair sin airson feadhna nan daoine, a chionn 's gun do rinn e sin aon uair a‑mhàin nuair a thairg e e fhèin.

28 Oir tha an lagh a' suidheachadh shagartan de dhaoine a tha buailteach air laigse, ach tha facal a' mhionna, a thàinig às dèidh an lagha, a' suidheachadh a' Mhac, foirfe gu sìorraidh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan