Eabhraidhich 5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Oir tha a h‑uile àrd‑shagart air a thoirt o mheasg dhaoine, air a shuidheachadh airson dhaoine sna rudan a tha a' buntainn do Dhia, gus tabhartasan is ìobairtean a thairgsinn airson pheacaidhean. 2 Is urrainn dha truas a ghabhail riuthasan a tha aineolach 's air seachran, a chionn 's gu bheil e fhèin cuideachd air a chuartachadh le laigse. 3 Is ann air a shon seo a dh'fheumas e tairgsinn airson a pheacaidhean fhèin a cheart cho math 's mar a nì e airson a shluaigh. 4 Chan eil duine sam bith a' gabhail an onair seo air fhèin, ach tha e air a ghairm le Dia, dìreach mar a bha Aaron. 5 Mar sin cuideachd, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin gus a bhith air a dhèanamh na àrd‑shagart, ach esan a thuirt ris: “Is tusa mo Mhac; an‑diugh ghin mi thu.” 6 Agus ann an àite eile, tha e ag ràdh: “Tha thu nad shagart gu bràth, a rèir òrduigh Mhelchisedeic.” 7 Fad nan làithean a bha e san fheòil, às dèidh dha ùrnaighean is ìmpidhean a thairgsinn suas, le caoineadh cruaidh is deòir, ris‑san a b' urrainn a shàbhaladh on bhàs, chaidh èisteachd ris na ùmhlachd. 8 Ged a bha e na mhac, dh'ionnsaich e ùmhlachd bho na rudan a dh'fhulaing e. 9 Agus air a dhèanamh foirfe, chaidh a dhèanamh dhaibhsan uile a bheir ùmhlachd dha, na adhbhar sàbhalaidh sìorraidh, 10 air ainmeachadh le Dia mar àrd‑shagart a rèir òrduigh Mhelchisedeic. Rabhadh an aghaidh Tuiteam air Falbh 11 Tha mòran againn ri ràdh mu seo agus tha e doirbh a mhìneachadh on a tha sibh air fàs mall nur n‑èisteachd. 12 Oir, gu deimhinn, ged a bu chòir dhuibhse a bhith nur luchd‑teagaisg aig an àm seo, tha feum agaibh a‑rithist a bhith air ur teagasg mu phrionnsapalan bunasach fhaclan Dhè, agus tha sibh air tighinn gus feum a bhith agaibh air bainne 's chan ann air biadh làidir. 13 Oir tha a h‑uile fear a tha a' gabhail bainne aineolach air facal na fìreantachd, oir is e leanabh a th' ann. 14 Ach tha biadh làidir airson inbhich, aig a bheil an toinisgean, tro chleachdadh, comasach air eadar‑dhealachadh a dhèanamh eadar math is olc. |