Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Fois‑Shàbaid airson Sluagh Dhè

1 Mar sin, biodh eagal oirnn, fhad 's a tha gealladh againn a dhol a‑steach dha fhois‑san, air eagal 's gum biodh coltas ann nach ruigeadh neach sam bith agaibh air.

2 Oir, gu deimhinn, chaidh an soisgeul a shearmonachadh dhuinne, dìreach mar a chaidh dhaibhsan, ach cha robh am facal a chuala iadsan gu buannachd dhaibh, o nach robh e air aonadh le creideamh anns an fheadhainn a chuala e.

3 Oir tha sinne a chreid a' dol a‑steach dhan fhois; mar a thuirt e: “Mar sin, mhionnaich mi nam fheirg Cha tèid iad a‑steach dham fhois.” Ged, gu deimhinn, a chaidh na h‑obraichean aige a chrìochnachadh bho stèidheachadh an t‑saoghail.

4 Oir thuirt e an àiteigin mar seo mun t‑seachdamh latha, “Agus ghabh Dia fois air an t‑seachdamh latha o na h‑obraichean aige gu lèir.”

5 Agus san àite sin a‑rithist, “Cha tèid iad a‑steach dham fhois.”

6 Mar sin, on a th' aig feadhainn fhathast ri dhol a‑steach innte, agus o nach deach an fheadhainn a chuala an soisgeul a‑cheana a‑steach innte air sgàth eas‑ùmhlachd,

7 a‑rithist tha e a' suidheachadh latha àraidh, “an‑diugh,” mar a tha e ag ràdh ann an Daibhidh às dèidh ùine cho fada, mar a chaidh a ràdh a‑cheana: “An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridheachan.”

8 Oir nam biodh Iosua air fois a thoirt dhaibh, cha bhiodh Dia air bruidhinn às dèidh sin mu latha eile.

9 Mar sin tha latha Sàbaid fhathast ann airson sluaigh Dhè.

10 Oir esan a chaidh a‑steach dhan fhois, ghabh e fois o na h‑obraichean aige cuideachd, mar a ghabh Dia o a chuid‑san.

11 Feuchamaid ma‑thà air a dhol a‑steach dhan fhois sin air eagal 's gun tuit fear sam bith a rèir an aon seòrsa eiseimpleir de dh'eas‑ùmhlachd.

12 Oir tha facal Dhè beò is èifeachdach agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair sam bith, a' ruighinn eadhon gus an sgaradh eadar anam is spiorad, uilt is smior agus tuigseach mu smuaintean is rùintean a' chridhe.

13 Agus chan eil creutair sam bith air falach mu choinneamh‑san; ach tha a h‑uile sìon lom is rùisgte do shùilean an Aoin dhan fheum sinne cunntas a thoirt.


Ìosa an t‑Àrd‑Shagart Mòr

14 Mar sin, on a tha àrd‑shagart mòr againn a chaidh a‑steach tro na nèamhan, Ìosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.

15 Oir chan eil àrd‑shagart againne nach urrainn co‑fhaireachdainn a nochdadh dhar laigsean; ach a chaidh a bhuaireadh anns gach rud coltach rinn fhèin, ach às aonais peacaidh.

16 Bu chòir dhuinn tighinn ma‑thà le dànachd gu rìgh‑chathair nan gràs, airson 's gun tèid tròcair a thoirt dhuinn agus gum faigh sinn gràs airson cuideachaidh tràthail.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan