Eabhraidhich 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Rabhadh mu Bhith a' Toirt an Aire 1 Air an adhbhar sin, feumaidh sinn barrachd aire a thoirt dha na rudan a chuala sinn, air eagal 's gun èalaidh sinn air falbh. 2 Oir ma chaidh am facal a thuirt na h‑ainglean a dhaingneachadh is gun d' fhuair a h‑uile briseadh‑lagha is eas‑ùmhlachd ath‑dhìoladh dligheach; 3 ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e. 4 Thug Dia fianais orrasan an dà chuid le comharraidhean 's le iongantasan agus caochladh ghnìomhan cumhachdach 's tiodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoil fhèin. Ìosa air a Dhèanamh Coltach ri a Bhràithrean 5 Oir cha do chuir e an saoghal a tha ri thighinn 's air a bheil sinn a' bruidhinn fo smachd ainglean 6 ach thug cuideigin làn‑theisteanas an àiteigin ag ràdh: “Dè th' anns an duine gu bheil thu a' cuimhneachadh air, no mac an duine, gu bheil thu a' sealltainn air? 7 Rinn thu e beagan na b' ìsle na na h‑ainglean airson greis, chrùn thu e le glòir is onair, 8 cheannsaich thu a h‑uile sìon fo a chasan.” Oir a' smachdachadh a h‑uile sìon fo a chasan, cha do dh'fhàg e sìon gun a chur fodhasan. Ach thuige seo, chan eil sinn fhathast a' faicinn a h‑uile sìon fon smachd aige. 9 Ach chì sinn Ìosa, a chaidh a dhèanamh airson greiseig na b' ìsle na na h‑ainglean, air a chrùnadh le glòir 's le onair tro fhulangas a' bhàis airson 's gum blaiseadh e am bàs airson a h‑uile duine tro ghràs Dhè. 10 Oir bha e freagarrach dhàsan, dham bheil a h‑uile sìon 's trom bheil a h‑uile sìon, esan a dhèanamh foirfe a tha a' toirt iomadh mac gu glòir 's a tha na ùghdar dhen t‑sàbhalaidh tro fhulangasan. 11 Oir tha an dà chuid – esan a tha a' naomhachadh 's iadsan a th' air an naomhachadh – uile on aon fhear; air an adhbhar sin chan eil nàire air ‘bràithrean’ a ghabhail orra, 12 ag ràdh: “Cuiridh mi d' ainm an cèill dham bhràithrean; ann am meadhan na h‑eaglaise, seinnidh mi cliù dhut.” 13 Agus a‑rithist: “Cuiridh mi mo dhòchas ann.” Agus a‑rithist: “Seall, mise 's a' chlann a thug Dia dhomh.” 14 A nis, ma‑thà, a chionn 's gu bheil compàirteachadh dhe fhuil 's dhe fheòil aig a' chloinn, san aon dòigh, ghabh esan cuideachd pàirt sna h‑aon rudan, airson 's, tron bhàs, gun sgriosadh e esan aig an robh cumhachd a' bhàis – 's e sin an diabhal – 15 agus gun saoradh e iadsan, a bha, tro eagal a' bhàis, fo dhaorsa fad am beatha gu lèir. 16 Oir gu deimhinn cha do rinn e e fhèin na aingeal, ach na bhall de shìol Abrahàim. 17 Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh. 18 Oir, a chionn 's gun do dh'fhuiling e fhèin 's gun deach a bhuaireadh, tha e comasach air iadsan a tha fo bhuaireadh a chuideachadh. |