Eabhraidhich 13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Comhairlean Dheireannach 1 Gum mair gràdh bràithreil. 2 'S na dèanaibh dearmad air aoigheachd, oir le seo, gun fhios dhaibh, thug feadhainn aoigheachd do dh'ainglean. 3 Biodh cuimhne agaibh air prìosanaich mar gum biodh sib' fhèin ceangailte còmhla riutha, agus air an fheadhainn a tha fo àmhghar on a tha bodhaigean agaib' fhèin. 4 Biodh urram aig na h‑uile dhan phòsadh agus chan eil an leabaidh‑pòsaidh ri bhith air a truailleadh, oir nì Dia breitheanas air luchd‑strìopachais agus luchd‑adhaltranais. 5 Gum biodh ur caitheamh‑beatha saor o ghaol air airgead, bithibh toilichte leis na th' agaibh, oir thuirt esan: “Chan fhàg mise thu, agus cha trèig mi thu.” 6 Mar sin, canaidh sinne le misneachd: “'S e an Tighearna m' fhear‑cuideachaidh; cha bhi eagal orm. Dè a nì duine orm?” 7 Biodh cuimhne agaibh air ur ceannardan, a bhruidhinn facal Dhè ribh, agus leanaibh an creideamh‑san a' meòrachadh air toradh an caitheamh‑beatha‑san. 8 Tha Ìosa Crìosd ceudna an dè, agus an‑diugh agus gu sìorraidh. 9 Na bithibh air ur toirt air seachran le teagasgan a tha caochlaideach is coimheach; oir tha e math dhan chridhe a bhith air a neartachadh le gràs, agus chan ann le biadhan nach do rinn feum dhaibhsan a chleachd iad. 10 Tha altair againne agus chan eil còir acasan a tha ag adhradh sa phàillean ithe dhith. 11 Oir tha cuirp nan ainmhidhean – aig a bheil am fuil air a toirt a‑steach dhan ionad naomh airson tairgse‑pheacaidh leis an àrd‑shagart – air an losgadh air taobh a‑muigh a' champa. 12 Mar sin, dh'fhuiling Ìosa cuideachd air taobh a‑muigh a' gheata, airson 's gun naomhaicheadh e an sluagh tro fhuil fhèin. 13 Air an adhbhar seo, rachamaid a‑mach thuigesan air taobh a‑muigh a' champa, a' giùlain a mhaslaidh‑san. 14 Oir an seo, chan eil baile maireannach againn, ach tha sinn a' sireadh an Aoin a tha ri thighinn. 15 Mar sin, troimhesan tairgeamaid suas an‑còmhnaidh ìobairt molaidh gu Dia, is e sin, toradh bhilean ag aideachadh ainm‑san. 16 Na dìochuimhnichibh math agus co‑roinn a dhèanamh, oir tha Dia fìor thoilichte le ìobairtean mar seo. 17 Thoiribh feart dhur ceannardan agus bithibh umhail dhaibh, oir tha iadsan a' gabhail cùram dhur n‑anman oir bheir iad cunntas orra, airson 's gun tèid aca air sin a dhèanamh le aoibhneas 's chan ann le mulad; oir cha bhiodh seo gu sìon a bhuannachd dhuibh. 18 Guidhibh‑se air ar son‑ne, oir tha sinn cinnteach gu bheil deagh chogais againn, agus tha sinn a' miannachadh ar beatha a chur seachad gu math sa h‑uile sìon. 19 Ach tha mi a' guidhe nas motha oirbh seo a dhèanamh airson 's gum bi mi air mo thoirt air ais thugaibh nas luaithe. Beannachadh agus Fàiltean Dheireannach 20 Agus gum biodh Dia na sìthe – a thug air ais bho na mairbh ar Tighearna Ìosa, buachaille mòr nan caorach, tro fhuil a' chùmhnaint shìorraidh – 21 gur coileanadh leis gach rud math airson a thoil a dhèanamh, ag obrachadh nar measg na tha taitneach fa chomhair‑san, tro Ìosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir fad saoghal nan saoghal. Amen. 22 Tha mi a' guidhe oirbh, a bhràithrean, gum fulaing sibh mo bhrath earalachaidh, oir sgrìobh mi gu goirid thugaibh. 23 Biodh fios agaibh gun d' fhuair ar bràthair Timòteus fa sgaoil, agus chì mi sibh còmhla ris‑san, ma thig e a dh'aithghearr. 24 Cuiribh fàilte air ur ceannardan gu lèir 's air na naoimh gu lèir. Tha an fheadhainn às an Eadailt a' cur fàilte oirbh. 25 Gu robh gràs còmhla ribh uile. |