Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Facal Deireannach Dhè: A Mhac

1 Aig iomadh àm 's ann an iomadh dòigh, bhruidhinn Dia o shean ris na h‑athraichean tro na fàidhean,

2 anns na làithean deireannach seo bhruidhinn e rinne tro a Mhac, a thagh e na oighre air a h‑uile sìon, tron do rinn e an cruinne‑cè cuideachd.

3 Is esan deàrrsadh a ghlòir‑san agus fìor ìomhaigh a shusbaint, a' cumail suas a h‑uile sìon le facal a chumhachd, às dèidh dha peacaidhean a ghlanadh air falbh, shuidh e air deas‑làimh na mòrachd sna h‑àrdan.

4 Mar a chaidh a dhèanamh mòran na b' fheàrr na na h‑ainglean, fhuair e mar oighreachd ainm a tha mòran nas urramaiche na an t‑ainm acasan.


Am Mac os cionn nan Ainglean

5 Oir, cò dhe na h‑ainglean ris an tuirt e riamh, “Is tusa mo mhac; an‑diugh ghin mi thu”? Agus a‑rithist, “Bidh mise nam Athair dha, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa”?

6 Agus a‑rithist, nuair a tha e a' toirt a' chiad‑ghin chun an t‑saoghail, tha e ag ràdh: “Agus dèanadh ainglean Dhè gu lèir adhradh dhà.”

7 Agus mu na h‑ainglean tha e ag ràdh: “Fear a tha a' dèanamh ainglean nan spioradan, agus a sheirbheisich nan lasair theine.”

8 Ach mun Mhac: “Tha do rìgh‑chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal, slat‑rìoghail a' cheartais, slat‑rìoghail do rìoghachd‑sa.

9 Bha gaol agad air fìreantachd agus bha fuath agad do dh'aingidheachd; mar sin, dh'ung Dia do Dhia thu le ola a' mhòr‑aoibhneis os cionn do chompanaich.”

10 Agus: “San toiseach, a Thighearna, stèidhich thu an talamh, agus 's iad na nèamhan obraichean do làmhan.

11 Teirigidh iadsan, ach mairidh thusa; agus mar bhad aodaich, fàsaidh iad uile sean.

12 Agus mar chleòc pasgaidh tu iad, mar bhad aodaich, bithidh iad air an atharrachadh cuideachd. Ach is tusa an neach ceudna agus chan fhàilnich do bhliadhnaichean.”

13 Ach cò dhe na h‑ainglean ris an tuirt e riamh: “Suidh air mo dheas‑làimh gus an suidhich mi do nàimhdean nan stòl airson do chasan”?

14 Nach eil iad uile nan spioradan‑frithealaidh, air an cur a‑mach gus seirbheis a dhèanamh dhaibhsan a tha an impis sàbhaladh fhaighinn mar oighreachd?

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan