Colosianach 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Riaghailtean airson Beatha Naoimh 1 Mar sin ma chaidh ur togail suas còmhla ri Crìosd, siribh na rudan a tha shuas, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deas‑làimh Dhè. 2 Biodh ur n‑aire air na rudan a tha shuas, chan ann air na rudan a th' air an talamh. 3 Oir bhàsaich sibh, agus tha ur beatha falaichte còmhla ri Crìosd ann an Dia. 4 Nuair a bhios Crìosd, ur beatha, air fhoillseachadh, an uair sin bidh sibhse cuideachd air ur foillseachadh còmhla ris ann an glòir. 5 Mar sin cuiribh gu bàs na tha talmhaidh nur cuirp: feise mhì‑mhoralta, neòghlaine, boile, miann uilc, sannt, a tha na iodhal‑adhradh. 6 Is ann air sgàth nan rudan seo a tha fearg Dhè a' tighinn air cloinn na h‑eas‑ùmhlachd, 7 agus anntasan bha sibhse cuideachd a' coiseachd uaireigin, nuair a bha sibh a' caitheamh ur beatha annta. 8 Ach a‑nis cuiribh cuideachd air falbh na rudan seo: fearg, corraich, mì‑rùn, toibheum, cainnt shalach, às ur beul. 9 Na innsibh breugan dha chèile, on a chuir sibh dhibh an seann duine còmhla ri a ghnìomhan, 10 agus gun do chuir sibh oirbh am fèin ùr, a th' air ath‑nuadhachadh ann an eòlas, a rèir ìomhaigh an fhir a chruthaich e – 11 far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh, neach borb, Sitianach, tràill, saor; ach 's e Crìosd a h‑uile nì, agus tha e sa h‑uile nì. 12 Mar sin, mar dhaoine taghte Dhè, naomh is gràdhaichte, cuiribh oirbh caomh‑thròcairean, coibhneas, irioslachd, ciùineas, foighidinn, 13 a' giùlain le chèile agus a' mathadh dha chèile, ma tha cùis‑ghearain aig neach an aghaidh neach; mar a thug Crìosd mathanas dhuibhse, mar sin bu chòir dhuibhse dèanamh cuideachd. 14 Thar nan rudan seo gu lèir cuiribh gràdh oirbh, nì a tha na cheangal coileantais. 15 Agus leigibh le sìth Dhè riaghladh nur cridheachan, chun an deach ur gairm dha‑rìribh ann an aon chorp; agus bithibh taingeil. 16 Leigibh le facal Dhè còmhnaidh a ghabhail annaibh gu saidhbhir, leis a h‑uile gliocas a' teagasg 's a' comhairleachadh a chèile le sailm is le laoidhean is le òrain spioradail, a' seinn le taingealachd nur cridheachan do Dhia. 17 Agus ge b' e dè a nì sibh, ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Ìosa, a' toirt taing do Dhia an t‑Athair troimhesan. Riaghailtean airson Teaghlaichean Chrìosdail 18 A mhnathan, bithibh umhail dhur fir, mar a tha iomchaidh san Tighearna. 19 Fheara‑pòsta, gràdhaichibh ur mnathan, agus na bithibh searbh riutha. 20 A chlann, bithibh umhail dhur pàrantan sa h‑uile sìon, oir tha seo a' toileachadh an Tighearna. 21 Athraichean, na brosnaichibh ur clann gu feirg, air eagal 's gun caill iad am misneachd. 22 A sheirbheiseacha, sa h‑uile sìon, bithibh umhail dhur maighstirean a rèir na feòla, chan ann le seirbheis‑sùla, mar fheadhainn a tha a' toileachadh dhaoine, ach ann an sìmplidheachd cridhe, ann an eagal an Tighearna. 23 Ge b' e dè a nì sibh, dèanaibh ur n‑obair o ur cridhe, mar dhan Tighearna 's chan ann airson dhaoine, 24 le fios agaibh gum faigh sibh on Tighearna, duais na h‑oighreachd. Is ann dhan Tighearna Crìosd a tha sibh a' dèanamh seirbheis. 25 Ach an neach a nì eucoir, gheibh e toillteanas na h‑eucoraich a rinn e, agus chan eil leth‑bhreith ann. |