Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Colosianach 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Tha mi ag iarraidh gum biodh fios agaibh air cho mòr 's a tha an spàirn a th' agam air ur son‑se, 's air an son‑san a th' ann an Laodicèa, agus air an son‑san gu lèir nach eil air m' aghaidh fhaicinn san fheòil

2 airson 's gum biodh an cridheachan air am misneachadh, às dèidh dhaibh a bhith air an dlùth‑cheangal ri chèile ann an gràdh, airson ruigsinn air uile‑bheairteas làn‑dhearbhachd tuigse, 's air eòlas dìomhaireachd Dhè, as e Crìosd,

3 sa bheil uile ionmhasan a' ghliocais 's an eòlais falaichte.

4 Tha mi ag ràdh seo airson 's nach meall neach sam bith sibh le cainnt ìmpidheach.

5 Oir ged a tha mi air falbh uaibh san fheòil, a dh'aindeoin sin tha mi còmhla ribh san Spiorad, a' dèanamh gàirdeachais ann a bhith a' faicinn ur deagh òrdugh agus seasmhachd ur creideimh ann an Crìosd.


Lànachd Spioradail ann an Crìosd

6 Mar sin, mar a fhuair sibh Crìosd Ìosa ar Tighearna, coisichibh ann,

7 às dèidh dhuibh a bhith air ur freumhachadh 's air ur togail suas annsan, agus air ur dearbhadh sa chreideamh, dìreach mar a chaidh a theagasg dhuibh, a' cur thairis le taingealachd.

8 Dèanaibh cinnteach nach toir duine sam bith am bruid sibh le feallsanachd is mealltaireachd fhalamh, a rèir dualchais dhaoine, a rèir phrionnsapalan bhunasach an t‑saoghail, agus nach ann a rèir Chrìosd.

9 Oir annsan tha uile‑lànachd na Diadhachd a' gabhail còmhnaidh gu corporra,

10 agus annsan chaidh ur coileanadh, agus is esan an ceann os cionn gach riaghlaidh is ùghdarrais;

11 agus annsan chaidh ur timcheall‑ghearradh le timcheall‑ghearradh air a dhèanamh às aonais làmhan, ann an cur dhibh corp na feòla le timcheall‑ghearradh Chrìosd;

12 às dèidh dhuibh a bhith adhlaicte còmhla ris‑san ann am baisteadh, anns an deach sibh cuideachd ur togail suas còmhla ris tro chreideamh ann an obrachadh Dhè, a thog suas esan o na mairbh.

13 Agus sibhse a bha marbh nur n‑euceartan agus ann an neo‑thimcheall‑ghearradh ur feòla, bheothaich e còmhla ris, nuair a bha e air ar n‑euceartan gu lèir a mhathadh,

14 le bhith a' dubhadh às an clàr‑fhiachan, dèante de dh'òrduighean nar n‑aghaidh, a bha nàimhdeil rinn; agus thug e às an rathad e, nuair bha e tàirngte ris a' chrann‑ceusaidh.

15 Dhì‑armaich e na riaghladairean 's na h‑ùghdarrasan, agus nàraich e gu follaiseach iad, le bhith a' buadhachadh thairis orra – annsan.


Saorsa bho Riaghailtean Dhaonna

16 Mar sin na toireadh neach sam bith breith oirbh a thaobh bìdh, no dibhe, no a thaobh fèill, no gealaich ùir no sàbaidean –

17 a tha nan sgàil air na rudan a tha ri thighinn; ach is ann le Crìosd a tha an t‑susbaint.

18 Na goideadh duine sam bith ur duais uaibh le bhith a' gabhail tlachd ann am fèin‑irioslachadh is adhradh dha na h‑ainglean, a' seasamh gu dàna a thaobh nan seallaidhean a chunnaic e, air a shèideadh suas gun adhbhar le inntinn fheòlmhoir fhèin,

19 agus gun a bhith a' cumail grèim daingeann air a' Cheann om bheil an corp gu lèir air a bheathachadh 's air a cheangal ri chèile tro uilt is cheanglaichean, a' fàs le fàs Dhè.

20 Ma tha sibh air bàsachadh còmhla ri Crìosd do spioradan bunasach an t‑saoghail, carson, mar gum biodh sibh fhathast beò san t‑saoghal, a tha sibh fo òrduighean,

21 “Na làimhsich, na blais, na bean”?

22 Thèid iadsan uile a‑mach à bith mar a tha iad air an cleachdadh, a rèir àitheantan is teagasgan dhaoine.

23 Tha iad seo nan gnothaichean aig a bheil, dha‑rìribh, coltas gliocais ann an cràbhachd fèin‑dhèanta agus fèin‑ìsleachaidh agus mì‑chaomhnadh a' chuirp, ach a tha gun luach an aghaidh sàsachadh na feòla.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan