3 Eòin 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Fàilte 1 An t‑èildear, Gu Gaius gràdhach, air a bheil gràdh agam ann am fìrinn. 2 Fhir ghràdhaichte, tha mi ag ùrnaigh mun a h‑uile sìon, gu soirbhich thu agus gum bi deagh shlàinte agad, eadhon mar a shoirbhicheas d' anam. 3 Rinn mi mòran toileachas nuair a thàinig bràithrean agus a thug iad fianais mun fhìrinn agad, dìreach mar a tha thu a' coiseachd anns an fhìrinn. 4 Chan eil toileachas nas motha na sin agam, gun cluinninn gu bheil mo chlann a' coiseachd anns an fhìrinn. Co‑Obrachadh agus Cur an Aghaidh 5 Fhir ghràdhaichte, tha thu a' dèanamh gu dìleas na nì thu airson nam bràithrean agus airson nan coigreach, 6 thug iadsan fianais air do ghràdh mu choinneamh na h‑eaglaise. Nì thu math le bhith gan cur air an t-slighe ann an dòigh a tha ceart le Dia. 7 Oir chaidh iad a‑mach air sgàth an Ainm, gun sìon a ghabhail o na cinnich. 8 Mar sin, bu chòir dhuinne gabhail ri an leithidean sin, airson 's gum bi sinn nar co‑luchd‑obrach dhan fhìrinn. 9 Sgrìobh mi rudeigin chun na h‑eaglaise, ach cha do ghabh Diotrephes, leis am miann a bhith na cheannard orra, rinne. 10 Mar sin, ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne na gnìomhan a tha e a' dèanamh, gar càineadh le faclan olca, agus air sgàth 's nach eil sin a' fòghnadh dha, chan eil e fhèin a' gabhail ris na bràithrean agus tha e gam bacadh‑san a tha a' gabhail riutha, agus gan tilgeil a‑mach às an eaglais. 11 Fhir ghràdhaichte, na dèan atharrais air na tha olc, ach air na tha math. Tha esan a tha a' dèanamh maith o Dhia; chan fhaca esan a tha a' dèanamh an uilc Dia. 12 Chaidh deagh fhianais a thoirt leis a h‑uile neach air Demetrius, agus leis an fhìrinn fhèin; tha sinne cuideachd a' toirt fianais, agus tha fios agad gu bheil ar fianais fìor. Fàiltean Dheireannach 13 Bha mòran rudan agam ri sgrìobhadh thugad, ach chan eil mi ag iarraidh sgrìobhadh thugad le dubh is peann, 14 tha mi an dòchas d' fhaicinn a dh'aithghearr agus bruidhinnidh sinn aghaidh ri aghaidh. 15 Sìth leat. Tha na càirdean a' cur fàilte thugad. Cuir fàilte air na càirdean air an ainm. |