Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Timòteus 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Mì‑Dhiadhaicheachd sna Làithean Deireannach

1 Ach biodh fios agad air a seo, gun tig amannan duilich sna làithean deireannach.

2 Oir bidh daoine fèin‑ghràdhach, gaolach air airgead, nam bòstairean, pròiseil, a' bruidhinn uilc ri pàrantan, eas‑umhail, mì‑thaingeil, ain‑diadhaidh,

3 gun ghràdh nàdarra, do‑rèiteachail, cùl‑chàineach, gun fhèin‑smachd, borb, aig nach eil gaol air math,

4 mealltach, bras, air an at le pròis, a' gràdhachadh toileachais an àite Dia a ghràdhachadh;

5 le cumadh diadhaidheachd, ach ag àicheadh a cumhachd; agus on leithidean sin tionndaidh air falbh.

6 Oir 's ann dhiubh sin a tha an fheadhainn a dh'ialaidheas a‑steach do dhachaighean 's a ghlacas boireannaich ghòrach, a th' air an luchdachadh le peacaidhean, 's air an treòrachadh air falbh leis a h‑uile gnè ana‑miann,

7 an‑còmhnaidh ag ionnsachadh 's gun chomas idir aca air tighinn gu eòlas air an fhìrinn.

8 Agus dìreach mar a chuir Iannes is Iambres an aghaidh Mhaois, 's ann mar sin cuideachd a tha iad seo a' cur an aghaidh na fìrinne, daoine a th' air an coirbteadh gu tur nan inntinn, air an cur air chùl a thaobh a' chreideimh.

9 Ach cha bhi tuilleadh adhartais ann dhaibh, oir bidh an amaideachd soilleir dha na h‑uile, mar a bha amaideachd na feadhna eile cuideachd.


Òrdugh Deireannach Phòil do Thimòteus

10 Ach lean thusa mi gu faiceallach ann an: teagasg, dòigh‑beatha, rùn, creideamh, foighidinn, gràdh, leanaltas,

11 geur‑leanmhainnean is fulangasan, a thachair rium ann an Antioch, ann an Iconium, 's ann an Listra; an seòrsa geur‑leanmhainnean a dh'fhuiling mi, agus shàbhail an Tighearna mi asta uile.

12 Agus bidh iadsan uile a tha ag iarraidh a bhith beò gu diadhaidh ann an Crìosd Ìosa air an geur‑leanmhainn cuideachd.

13 Ach fàsaidh daoine olca is mealltairean nas miosa, a' toirt a thaobh agus air an toirt a thaobh.

14 Ach lean thusa ort anns na rudan sin a dh'ionnsaich thu 's air an d' fhuair thu dearbh‑chinnt, le fios agad cò uaithe a dh'ionnsaich thu iad,

15 agus gu bheil fios agad od òige air na Sgriobtaran naomha a tha comasach air do dhèanamh glic airson slàinte, tro chreideamh ann an Crìosd Ìosa.

16 Tha an Sgriobtar uile air a dheachdadh le Dia, agus feumail airson teagaisg, airson cronachaidh, airson ceartachaidh, airson trèanaidh ann am fìreantachd,

17 airson 's gum biodh duine Dhè air a dheisealachadh, 's e air uidheamachadh airson gach deagh obair.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan