Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Tesalònianaich 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Iarrtas airson Ùrnaigh

1 Mu dheireadh, bithibh ag ùrnaigh a bhràithrean air ar son‑ne, gun dèanadh facal an Tighearna adhartas luath agus gum biodh e air a ghlòrachadh, eadhon mar a bha e agaibhse.

2 Agus gum biodh sinn air ar saoradh on olc agus o dhroch dhaoine, oir chan eil creideamh aig na h‑uile.

3 Ach tha an Tighearna dìleas, a stèidhicheas sibh agus a ghleidheas sibh o fhear‑an‑uilc.

4 Ach tha earbsa againn san Tighearna mur deidhinn‑se, gu bheil sibh a' dèanamh, agus gum bi sibh a' dèanamh, nan rudan sin a tha sinn cuideachd ag òrdachadh dhuibh.

5 A‑nis, gun treòraicheadh an Tighearna ur cridheachan a‑steach do ghràdh Dhè 's a‑steach do leanaltas Chrìosd.


Rabhadh an Aghaidh Leisge

6 Tha sinn ag òrdachadh dhuibh a bhràithrean, ann an ainm ar Tighearna Ìosa Crìosd, gun seachainn sibh a h‑uile bràthair a tha beò gu leisg agus nach ann a rèir an teagaisg a fhuair iad uainne.

7 Oir tha fios agaib' fhèin cho cudromach 's a tha e gun lean sibh ar n‑eisimpleir, oir cha robh sinne leisg nar measg‑se.

8 Cha mhotha a ghabh sinn mar thiodhlac o dhuine sam bith an t‑aran a dh'ith sinn, ach ann an saothair agus cruadal, a dh'oidhche 's a latha, bha sinn ag obair gus nach biodh sinn nar n‑uallach do dhuine agaibh.

9 Chan e nach eil ùghdarras againn, ach gus an toireadh sinn sinn fhèin mar phàtran dhuibhse, airson 's gun leanadh sibh ar n‑eisimpleir.

10 Oir eadhon nuair a bha sinn còmhla ribh, mar seo dh'òrdaich sinn dhuibh, nam biodh duine sam bith ann nach robh deònach obrachadh, nach motha a bu chòir dha ithe.

11 Oir tha sinn a' cluinntinn gu bheil cuid beò nur measg gu leisg, gun a bhith ag obair idir, ach nan gobairean.

12 A‑nis tha sinn ag òrdachadh agus ag earalachadh dhan leithid sin san Tighearna Ìosa Crìosd, gun obraich iad ann an ciùineas, gus an ith iad an aran fhèin.

13 Ach sibhse a bhràithrean, na caillibh ur misneachd ann a bhith a' dèanamh maith.

14 Agus ma tha duine sam bith ann nach eil umhail dhar facal tron litir seo, thoiribh an aire dhan duine sin, gun gnothach a ghabhail ris, gus am biodh e air a nàrachadh,

15 ach na measaibh mar nàmhaid e, ach thoiribh rabhadh dha mar bhràthair.


Fàiltean Dheireannach

16 A‑nis, gun toireadh Tighearna na sìthe fhèin sìth dhuibhse aig a h‑uile àm is anns a h‑uile dòigh. Gu robh an Tighearna còmhla ribh uile.

17 Tha am fàilte seo, a tha na comharra anns gach litir, sgrìobhte lem làimh‑sa, Pòl; seo mar a tha mi a' sgrìobhadh.

18 Gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd gun robh còmhla ribh uile.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan