Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Tesalònianaich 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Pòl agus Siluanus agus Timòteus, Gu eaglais nan Tesalònianach, ann an Dia ar n‑Athair agus an Tighearna Ìosa Crìosd:

2 Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus an Tighearna Ìosa Crìosd.


Taingealachd agus Ùrnaigh

3 Is còir dhuinn taing a thoirt do Dhia an‑còmhnaidh dhar taobh‑se, a bhràithrean, eadhon mar a tha freagarrach, oir tha ur creideamh a' fàs gu mòr agus an gràdh a th'agaibh uile dha chèile a' meudachadh.

4 Airson 's gu bheil sinne sinn fhèin a' bòstadh annaibh, ann an eaglaisean Dhè, air sgàth ur leanaltais is ur creideimh, nur geur‑leanmhainnean gu lèir, agus anns na trioblaidean a tha sibh a' giùlain.

5 Tha seo na dhearbhadh air breitheanas fhìreanta Dhè, gus am bi sibh air ur cunntadh airidh air rìoghachd Dhè, dham bheil sibh cuideachd a' fulang.

6 Oir is e nì ceart a th' ann le Dia, a bhith a' pàigheadh air ais le trioblaid an fheadhainn a tha gur claoidh.

7 Agus dhuibhse, an fheadhainn a th' air ur claoidh, faochadh còmhla rinne aig foillseachadh an Tighearna Ìosa o nèimh le ainglean a chumhachd

8 ann an teine lasrach, a' toirt peanais dhaibhsan aig nach eil eòlas air Dia agus dhaibhsan nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Ìosa.

9 Pàighidh iad seo peanas, sgrios shìorraidh o làthair an Tighearna agus o ghlòir a chumhachd,

10 nuair a thig e airson a bhith air a ghlòrachadh sna naoimh aige fhèin agus airson 's gun gabh iadsan uile a chreid ann iongnadh annsan san latha sin, air sgàth 's gun deach ar teisteanas dhuibhse a chreidsinn.

11 Air an adhbhar sin tha sinne cuideachd ag ùrnaigh an‑còmhnaidh air ur son‑se, gum biodh sibh air ur cunntadh airidh air gairm ar Dia agus gum biodh gach iarrtas math air a choileanadh, agus obair a' chreideimh le cumhachd.

12 Gus am biodh ainm ar Tighearna Ìosa air a ghlòrachadh annaibhse agus sibhse annsan, a rèir gràis ar Dè agus an Tighearna Ìosa Crìosd.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan