Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Peadar 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Latha an Tighearna

1 'S e seo a‑nis, a mhuinntir ghràdhaichte, an dara litir a tha mi air a sgrìobhadh thugaibh, anns a bheil mi gur dùsgadh suas nur n‑inntinn fhìorghlan le bhith a' cuimhneachadh dhuibh

2 gun cumadh sibh nur n‑inntinn na chaidh a ràdh roimhe leis na fàidhean naomha, agus àithne ar Tighearna 's ar Slànaighear, tro ur n‑abstoil

3 le fios air a seo an toiseach, gun tig, anns na làithean deireannach, luchd‑magaidh a' magadh, a' dol mun cuairt a rèir an ana‑miannan fhèin.

4 Agus ag ràdh, “Càit a bheil gealladh a thighinn‑san? Oir on a thuit na h‑athraichean nan cadal, tha a h‑uile sìon mar a bha iad o thoiseach a' chruthachaidh.”

5 Oir, len toil, tha iad a' dìochuimhneachadh seo, gu robh na nèamhan ann o shean, agus an talamh air a chruthachadh a‑mach à uisge is tro uisge le facal Dhè,

6 leis an robh an saoghal aig an àm sin air a sgrios le dìle uisge.

7 Ach tha na nèamhan 's an talamh aig an àm seo, leis an aon fhacal, air an gleidheadh airson teine, airson latha a' bhreitheanais agus sgrios nan daoine ain‑diadhaidh.

8 Ach na dìochuimhnichibh an aon rud seo a mhuinntir ghràdhaichte, gu bheil aon latha leis an Tighearna mar mhìle bliadhna agus mìle bliadhna mar aon latha.

9 Chan eil an Tighearna slaodach a thaobh a gheallaidh, mar a mheasas cuid slaodachd, ach tha e fad‑fhulangach leinn, gun mhiannachadh gun deigheadh neach sam bith a sgrios, ach gun tigeadh a h‑uile neach gu aithreachas.

10 Ach thig latha an Tighearna mar mhèirleach, anns an tèid na nèamhan seachad le fuaim mòr, agus thèid na h‑eileamaidean an cur ma sgaoil le dian‑theas, agus thèid an talamh agus na h‑obraichean a th' ann an losgadh suas.

11 A chionn 's gum bi na rudan seo uile air an cur fa sgaoil san dòigh seo, dè an seòrsa dhaoine a bu chòir a bhith annaibh‑se ann an caitheamh‑beatha naomh is diadhachd,

12 a' coimhead airson, 's ag iarraidh gu dùrachdach, tighinn latha Dhè leis am bi na nèamhan air an cur ma sgaoil le bhith air an losgadh agus na h‑eileamaidean air an leaghadh le bhith air an cur nan teine?

13 Ach a rèir a' gheallaidh‑san, tha sinn a' feitheamh airson nèamhan ùra agus talamh ùr, anns an dèan fìreantachd còmhnaidh.

14 Mar sin, a mhuinntir ghràdhaichte, a chionn 's gu bheil sibh a' feitheamh airson nan rudan seo, dèanaibh ur dìcheall a bhith air ur faighinn gun spot is gun smal leis‑san ann an sìth.

15 Agus tha foighidinn ar Tighearna a' treòrachadh gu slàinte; dìreach mar a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl cuideachd thugaibh a rèir a' ghliocais a chaidh a thoirt dhàsan,

16 mar a tha e cuideachd a' sgrìobhadh anns na litrichean aige gu lèir, a' bruidhinn mu na rudan seo, anns a bheil cuid de rudan a tha duilich an tuigsinn, rudan a tha iadsan a tha aineolach agus neo‑shuidhichte a' fiaradh, mar a tha iad leis a' chòrr dhe na Sgriobtairean, gu an sgrios fhèin.

17 Mar sin, a mhuinntir ghràdhaichte, a chionn 's gu bheil fios agaibh air a seo ro làimh, dìonaibh sib' fhèin mus toir mearachd dhaoine olc a thaobh sibh, 's gun tuit sibh o ur seasmhachd fhèin.

18 Ach fàsaibh ann an gràs is eòlas ar Tighearna 's ar Slànaigheir Ìosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir, a‑nis agus gu sìorraidh. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan