Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Peadar 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Luchd‑Teagaisg Brèige agus an Sgrios‑San

1 Ach bha fàidhean brèige cuideachd am measg an t‑sluaigh, mar a bhios luchd‑teagaisg brèige cuideachd nur measg‑se, a bheir a‑steach saobh‑chreideamhan sgriosail gu cuilbheartach, eadhon ag àicheadh am Maighstir a bh' air an ceannach, a' toirt fèin‑sgrios aithghearr orra fhèin.

2 Agus leanaidh mòran nam feòlmhorachd, 's air an sgàth‑san thèid droch‑iomradh a thoirt air slighe na fìrinn.

3 Agus ann an ana‑miann le faclan innleachdach, gabhaidh iad brath oirbh; chan eil am breitheanas acasan o shean dìomhain, agus cha dèan an sgrios aca cadal.

4 Oir mura do chaomhain Dia na h‑ainglean a pheacaich, ach gun do thilg e iad a dh'Ifrinn le sèinichean dorchadais, gus an gleidheadh airson an toirt thairis do bhreitheanas;

5 agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach ghlèidh e Nòah, searmonaiche fìreantach, le seachdnar eile, nuair a thug e dìle air an t‑saoghal ain‑diadhaidh;

6 agus nuair a rinn e bailtean Shodoim is Ghomorrah nan luaithre, gan dìteadh le sgrios, rinn e eisimpleir dhaibhsan a bha gu bhith ain‑diadhaidh;

7 agus Lot fìreanta – a bh' air a bhuaireadh le dèanadais mì‑chneasta a' mhuinntir mì‑rianail – shaor e.

8 Oir leis na chunnaic 's na chuala an duine fìreanta sin, le bhith a' fuireach nam measg o latha gu latha, bha anam fìreanta air a chràdh lem mì‑riaghailteachd.

9 'S aithne dhan Tighearna an fheadhainn dhiadhaidh a shàbhaladh o bhuaireadh, agus an fheadhainn neo‑fhìreanta a ghleidheadh gu latha a' bhreitheanais airson am peanasachadh.

10 Gu sònraichte dhaibhsan a tha a' dol às dèidh na feòla ann an ana‑miann coirbte agus a tha a' dèanamh tàir air tighearnas; daoine dàna, fèin‑thoileil, chan eil eagal orra toibheum a bhruidhinn an aghaidh pearsachan glòrmhor,

11 nuair nach eil fiù 's ainglean, a tha nas motha ann an neart is ann an cumhachd, a' toirt breith thoibheumach nan aghaidh mu choinneamh an Tighearna.

12 Ach tha na daoine seo a' toirt toibheim, mar bheathaichean mhì‑reusanta, a chaidh am breith a rèir nàdair airson an glacadh 's an sgrios, ann an cùisean sa bheil iad aineolach. Nan sgriosadh bidh iad dha‑rìreabh air an sgrios,

13 a' fulang cron mar ath‑dhìoladh airson a' chroin a rinn iad. Tha iad ga chunntadh mar thlachd a bhith sòghail san latha. Tha iad nan spotan 's nan smalan, is iad ri mòr‑shògh nam mealltaireachdan fhèin, 's iad air chuirm còmhla ribh.

14 Tha an sùilean làn miann a' bhan‑adhaltranaich agus chan eil iad a' sgur de pheacadh, a' mealladh anman neo‑shuidhichte, is an cridhe air a thrèanadh ann an sannt, clann na mallachd!

15 A' fàgail na slighe dhìreach, chaidh iad air seachran, a' leantainn slighe Bhalaaim, mhic Bhosoir, a ghràdhaich duais na neo‑fhìreantachd.

16 Ach chaidh a chronachadh airson eu‑ceirt‑san, nuair a bhruidhinn asal bhalbh le guth duine, a' cur bacadh air caoch an fhàidh.

17 'S e fuarain gun uisge a th' annta agus sgòthan air an iomain le sgalan‑gaoithe, dham bheil duibhre an dorchadais air a ghleidheadh.

18 Oir a' bruidhinn bhriathran bòstail na faoineis tha iad a' mealladh – ann an ana‑mianan na feòla, ann am feòlmhorachd – an fheadhainn nach eil a' dèanamh sìon ach a' teicheadh uapasan a tha a' caitheamh am beatha ann am mearachd,

19 a' gealltainn saorsa dhaibh, 's iad fhèin nan tràillean do choirbteachd. Oir ge b' e cò a chuireas neach fo cheannsail, dhàsan tha e na thràill.

20 Oir às dèidh teicheadh o choirbteachdan an t‑saoghail tro eòlas air an Tighearna 's air an t‑Slànaighear Ìosa Crìosd, ma tha iad air an glacadh leotha sin a‑rithist 's air an cur fo cheannsail, tha an crìoch dheireannach‑san nas miosa na an toiseach.

21 Oir bhiodh e na b' fheàrr dhaibh nach robh iad riamh air eòlas a chur air slighe na fìreantachd no, às dèidh eòlais a chur oirre, gun tionndaidheadh iad air ais on àithne naomh a chaidh a thoirt dhaibh.

22 Thachair e dhaibh a rèir a' ghnàth‑fhacail fhìor, “Thill an cù gu a sgeith fhèin,” agus, “às dèidh a nighe, chaidh a' mhuc ga luidreadh fhèin dhan pholl.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan