Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Peadar 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Sìmon Peadar, seirbheiseach is abstol Ìosa Crìosd, Thucasan a th' air an aon chreideamh phrìseil rinne fhaighinn, tro fhìreantachd ar Dè agus ar slànaigheir Ìosa Crìosd:

2 Gràs dhuibh agus sìth – gum biodh iad air am meudachadh dhuibh ann an eòlas ar Dia agus Ìosa ar Tighearna.


A' Dèanamh ar Gairm 's ar Taghadh Cinnteach

3 Chaidh gach nì a thoirt dhuinne mar thiodhlac, tron chumhachd dhiadhaidh aigesan, airson beatha is diadhaidheachd, tro eòlas airsan a ghairm sinn gu a ghlòir fhèin agus gu sàr‑mhathais.

4 Thug e dhuinne na geallaidhean mòra is prìseil, gus, tromhpa sin, gum biodh sibh nar luchd‑compàirt dhen nàdar diadhaidh, seach gun do theich sibh às on choirbteachd a th' anns an t‑saoghal tro ana‑miann.

5 Agus cuideachd airson an dearbh adhbhair seo, a' dèanamh ur n‑uile dhìcheall, cuiribh deagh‑bheus ri ur creideimh, agus ri deagh‑bheus, eòlas,

6 agus ri eòlas, fèin‑smachd, agus ri fèin‑smachd, leanaltas, agus ri leanaltas, diadhaidheachd,

7 agus ri diadhaidheachd, gràdh‑bràthaireil, agus ri gràdh‑bràthaireil, gaol.

8 Oir le na rudan seo a bhith annaibh 's a' meudachadh, bheir iad oirbh gun a bhith leisg no neo‑thorrach ann an eòlas ar Tighearna Ìosa Crìosd.

9 Oir esan aig nach eil iad seo, tha e dall, geàrr‑sheallach, air dìochuimhneachadh gun deach a ghlanadh o a sheann pheacaidhean.

10 An àite sin, a bhràithrean, bithibh buileach dìcheallach airson ur gairm 's ur taghaidh a dhèanamh cinnteach, oir ann a bhith a' dèanamh nan rudan seo, cha tuislich sibh idir.

11 Oir mar sin thèid slighe a‑steach do rìoghachd shìorraidh ar Tighearna 's ar Slànaigheir Ìosa Crìosd, a sholarachadh dhuinn gu saidhbhir.


Fàidheadaireachd agus an Sgriobtar

12 Air an adhbhar sin, tha dùil agam an‑còmhnaidh na rudan seo a chur nur cuimhne, eadhon ged a tha eòlas agaibh orra agus sibh air ur suidheachadh san fhìrinn a tha an làthair.

13 Ach tha mi ga mheas ceart, cho fad 's a tha mi sa phàillean seo, ur brosnachadh le cuimhneachan,

14 is fios agam gu bheil an t‑àm airson am pàillein seo a chur dhìom faisg, dìreach mar a rinn ar Tighearna Ìosa Crìosd soilleir dhomh.

15 Agus nì mi a h‑uile dìcheall an‑còmhnaidh, gum bi na rudan seo agaibh nur cuimhne às dèidh dhomh fàgail.

16 Oir cha b' iad sgeulachdan a chaidh a chruthachadh gu h‑innleachdach a lean sinn, nuair a rinn sinne cumhachd is tighinn ar Tighearna Ìosa Crìosd aithnichte dhuibh, ach bha sinn nar sùil‑fhianaisean air a mhòrachd‑san.

17 Oir a' faighinn urram agus glòir o Dhia an t‑Athair, thàinig a leithid de ghuth thuige on ghlòir òirdheirc, “Is e seo mo Mhac gràdhaichte, leis a bheil mi fìor thoilichte.”

18 Agus chuala sinn an guth seo o nèamh, nuair a bha sinn còmhla ris air a' bheinn naomh.

19 Agus tha facal fàidheadaireachd nas cinntiche againne, 's nì sibhse math aire a thoirt dha, mar do lampa a tha a' deàlradh ann an àite dorcha, gus am bris an latha agus gus an èirich reul na maidne nur cridheachan.

20 Biodh fios agaibh air a seo an toiseach, nach eil fàidheadaireachd sam bith sna Sgriobtaran o fhèin‑mhìneachadh dhaoine.

21 Oir cha b' ann le toil duine a chaidh fàidheadaireachd a thoirt a‑mach aig àm sam bith, ach, air an giùlain leis an Spiorad Naomh, bhruidhinn daoine o Dhia.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan