2 Eòin 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Fàilte 1 An t‑èildear, Chun na baintighearna thaghte agus a cuid chloinne, air a bheil gràdh agam ann am fìrinn, agus chan e mise a‑mhàin, ach cuideachd iadsan uile aig a bheil eòlas air an fhìrinn, 2 air sgàth na fìrinne a tha a' fantainn annainn, agus a bhios còmhla rinn gu sìorraidh. 3 Gu robh gràs, tròcair agus sìth còmhla rinn o Dhia an t‑Athair agus o Ìosa Crìosd, Mac an Athar, ann am fìrinn agus ann an gràdh. Fìrinn agus Gràdh 4 Rinn mi gàirdeachas mòr on a fhuair mi cuid dhem chloinn‑sa a' coiseachd san fhìrinn mar a fhuair sinn àithne on Athair. 5 Agus tha mi a‑nis a' guidhe ort, a bhaintighearna, nach ann mar àithne ùr a tha mi a' sgrìobhadh thugad, ach an tè a bh' againn on toiseach, gum bu chòir dhuinn càch‑a‑chèile a ghràdhachadh. 6 Agus is e seo gràdh, gum bu chòir dhuinn coiseachd a rèir àithntean‑san. 'S e seo an àithne, eadhon mar a chuala sibh on toiseach, gun coisicheadh sibh innte. 7 Oir thàinig mòran mhealltairean a‑steach dhan t‑saoghal, chan eil iadsan ag aideachadh tighinn Ìosa Crìosd san fheòil – 's e an neach seo am mealltair agus an t‑ana‑crìosd. 8 Thoiribh an aire nach caill sibh na dh'obraich sinn air a shon, ach gum faigh sibh làn‑dhuais. 9 Neach sam bith a thèid ro fhada agus nach fan ann an teagasg Chrìosd – chan eil Dia aige; an neach a dh'fhanas san teagasg, tha an dà chuid, an t‑Athair agus am Mac, aigesan. 10 Ma thig neach sam bith thugaibh agus nach toir e leis an teagasg seo, na gabhaibh a‑steach dhur taigh e, agus na cuiribh fàilte air. 11 Oir tha compàirt aig an neach a chuireas fàilte air, anns na droch obraichean aige. Fàiltean Dheireannach 12 Tha mòran rudan agam ri sgrìobhadh thugaibh, ach chan eil mi airson pàipear is dubh a chosg. Agus tha dòchas agam tighinn thugaibh agus bruidhinn ribh aghaidh ri aghaidh airson 's gum bi ar sòlas làn. 13 Tha clann do pheathar thaghte a' cur bheannachdan thugad. |