2 Corintianach 9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Oir a thaobh frithealaidh dha na naoimh tha e tuilleadh 's a chòir dhòmhsa sgrìobhadh thugaibh, 2 oir is aithne dhomh ur deisealachd, mum bheil mi a' bòstadh mur deidhinn ris na Macedònianaich, ag ràdh gu robh Achaia deiseil bhon uiridh. Agus bhrosnaich ur n‑eud‑se barrachd dhiubh. 3 Ach chuir mi na bràithrean thugaibh, gus nach bi ar bòstadh‑ne mur deidhinn air a dhèanamh falamh san t‑suidheachadh seo, airson 's, mar a bha mi ag ràdh, gum biodh sibh deiseil, 4 no, ma thig gin dhe na Macedònianaich còmhla rium, is gun lorg iad sibhse neo‑dheiseil, gum biodh sinne – gun ghuth oirbh‑se – air ar nàrachadh leis a' chinnt seo. 5 Mar sin shaoil mi gun robh e riatanach ìmpidh a chur air na bràithrean a dhol air thoiseach oirbh airson ur tabhartais – a gheall sibh roimhe – a chur an òrdugh, airson 's gum biodh sin deiseil, mar shaor‑thiodhlac 's chan ann an aghaidh ur toil. Fialaidheachd air a Moladh 6 Ach seo tha mi ag ràdh, an neach a chuireas gu gann, buainidh e cuideachd gu gann, agus esan a chuireas gu pailt, buainidh e cuideachd gu pailt. 7 Dèanadh gach neach mar a shuidhich e na chridhe fhèin, chan ann a dh'aindeoin no fo èiginn, oir tha gràdh aig Dia dhan neach a bheir seachad gu sunndach. 8 Agus tha Dia an comas air a h‑uile gràs a dhèanamh pailt dhuibh, airson 's – an‑còmhnaidh le gu leòr sa h‑uile sìon – gum bi pailteas agaibh airson gach deagh obrach. 9 Mar a tha e sgrìobhte: “Sgaoil e mun cuairt, thug e dha na bochdan; tha fhìreantachd a' maireachdainn gu sìorraidh.” 10 A‑nis, esan a bheir sìol dhan fhear‑cuir agus aran airson ithe, solaraichidh is nì e lìonmhor ur sìol agus meudaichidh e toradh ur fìreantachd. 11 Bidh sibh air ur dèanamh beairteach sa h‑uile sìon airson a h‑uile fialaidheachd, a tha tromhainne a' toirt taingealachd do Dhia gu buil. 12 Oir tha ministrealachd na seirbheis seo, chan ann a‑mhàin a' solarachadh feumalachdan nan naomh, ach tha e cuideachd a' cur thairis tro thòrr thaingealachdan do Dhia. 13 Tro dhearbhadh an fhrithealaidh seo, bheir iad glòir do Dhia air sgàth ur n‑ùmhlachd do shoisgeul Chrìosd a rèir ur n‑aidmheil, agus airson fialaidheachd ur tabhartais dhaibh agus dhan a h‑uile duine, 14 fhad 's a tha iadsan cuideachd, tro ùrnaigh air ur son, a' gabhail fadachd air ur son air sgàth gràs ro‑phailt Dhè annaibh. 15 Taing do Dhia airson a thiodhlaic‑san a tha thar bhriathran. |