Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Agus ag obrachadh còmhla ris, tha sinne cuideachd a' dèanamh tagradh ribh gun gràs Dhè a ghabhail gu dìomhain.

2 Oir tha e ag ràdh: “Ann an àm fàbharach dh'èist mi riut agus ann an latha an t‑sàbhalaidh chuidich mi thu.” Seallaibh, is e seo, a‑nis, an t‑àm fàbharach, is e seo, a‑nis, latha an t‑sàbhalaidh.


Cruadalan Phòil

3 Gun a bhith a' toirt adhbhar oilbheim ann an rud sam bith, airson 's nach fhaigh a' mhinistrealachd mì‑chliù,

4 ach sa h‑uile sìon gar dearbhadh fhèin mar sheirbheisich Dhè, ann am mòr‑leanaltas, ann an àmhgharan, ann an cruadalan, ann an èiginnean,

5 ann an dochainnean, ann am prìosanan, ann am buairidhean, ann an saothairean, ann an dìth cadail, ann an trasgaidhean;

6 ann am fìorghlaine, ann an eòlas, ann am foighidinn, ann an coibhneas, anns an Spiorad Naomh, ann an gràdh gun cheilg,

7 ann am facal na fìrinne, ann an cumhachd Dhè, le airm na fìreantachd air an làimh dheis is chlì;

8 tro urram agus eas‑urram, tro mhì‑chliù agus dheagh‑chliù; air ar faicinn mar mhealltairean, ach fìrinneach;

9 neo‑aithnichte, ach air a bheil deagh aithne; mar gun robh sinn a' faighinn bàs ach seallaibh, tha sinn beò; mar air ar peanasachadh agus gun a bhith air ar cur gu bàs;

10 brònach, ach an‑còmhnaidh a' dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, ach a' dèanamh mòran beairteach, mar dhaoine aig nach eil sìon, ach a' sealbhachadh a h‑uile sìon.

11 Tha sinn air bruidhinn gu h‑onarach ribhse, a Chorintianacha, tha ar cridhe air a bhith air fhosgladh gu mòr.

12 Chan eil sibh air ur bacadh leinne, ach tha sibhse air ur bacadh nur miannan fhèin.

13 A‑nis mar fhreagairt – tha mi a' bruidhinn mar ri cloinn – fosglaibh ur cridheachan rinne cuideachd.


Rabhadh an aghaidh Iodhal‑Adhraidh

14 Na bithibh air ur faighinn fo chuing nan eas‑creidmheach. Oir dè an compàirteachas a th' aig fìreantachd le cion‑lagha? Agus dè an co‑chomann a th' aig solas le dorchadas?

15 Dè an còrdadh a th' aig Crìosd ri Belial? No dè an co‑roinn a th' aig creidmheach le eas‑creidmheach?

16 No dè an t‑aonta a th' aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sinne teampall an Dè bheò; dìreach mar a thuirt Dia, “Gabhaidh mi còmhnaidh annta is coisichidh mi nam measg, agus bidh mise nam Dhia dhaibh is bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.”

17 “Mar sin, thigibh a‑mach om measg agus bithibh dealaichte, tha an Tighearna ag ràdh. Is na buinibh dhan rud neòghlan, agus cuiridh mise fàilte oirbh.”

18 Agus “Bidh mise nam Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic is nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile‑chumhachdach ag ràdh.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan