Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


A' Feitheamh air ar Bodhaig Nèamhaidh

1 Oir tha fios againn, ma thèid taigh talmhaidh ar pàillein a thilgeil sìos, gu bheil taigh againn o Dhia, nach deach a thogail le làmhan; sìorraidh sna nèamhan.

2 Oir dha‑rìribh tha sinn ag osnaich ann, a' miannachadh gu mòr a bhith air ar n‑èideadh le ar n‑àite‑còmhnaidh o nèamh

3 ma thachras, dha‑rìribh – às dèidh dhuinn a chur oirnn – nach bi sinn air ar faighinn rùisgte.

4 Oir dha‑rìribh fhad 's a tha sinn sa phàillean seo, tha sinn ag osnaich 's fo eallach, oir chan eil sinne ag iarraidh a bhith gun aodach ach air ar n‑èideadh, airson 's gum bi na tha bàsmhor air a shlugadh suas le beatha.

5 A‑nis is e Dia a dh'ullaich sinn airson an dearbh nì seo, a th' air geall an Spioraid a thoirt dhuinn.

6 Mar sin tha sinn an‑còmhnaidh deagh‑mhisneachail, le fios a bhith againn, fhad 's a tha sinn aig an taigh sa bhodhaig, gu bheil sinn air falbh on Tighearna –

7 oir tha sinn a' coiseachd le creideamh, chan ann le sealladh.

8 Tha deagh‑mhisneachd againn agus b' fheàrr leinn a bhith air falbh bhon bhodhaig is aig an dachaigh leis an Tighearna.

9 Mar sin tha e mar amas againn cuideachd, ge b' ann aig an dachaigh no air falbh uaithe, a bhith ga thoileachadh.

10 Oir feumaidh sinn uile nochdadh mu choinneamh cathair‑breitheanais Chrìosd, airson 's gum faod a h‑uile neach na tha e airidh air fhaighinn, airson na rinn e sa bhodhaig, ge b' e math no olc.


Ministrealachd na Rèite

11 Mar sin, le fios a bhith againn air eagal an Tighearna, tha sinn a' cur ìmpidh air daoine, ach tha sinn fhèin air ar dèanamh follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam cuideachd gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean‑se.

12 Chan eil sinn gar moladh fhèin a‑rithist dhuibh ach a' toirt cothruim dhuibh a bhith moiteil asainn, airson 's gum bi freagairt agaibh dhaibhsan a tha a' bòstadh ann an coltas agus nach ann, ann an cridhe.

13 Oir ma tha sinn às ar ciall, 's ann airson Dhè; ma tha ar ciall againn, 's ann dhuibhse.

14 Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, às dèidh dhuinn tighinn chun a' cho‑dhùnaidh seo: gun do bhàsaich aon airson nan uile, mar sin bhàsaich na h‑uile;

15 agus bhàsaich e airson nan uile, airson 's nach biodh iadsan a tha beò tuilleadh beò air an son fhèin, ach air a shon‑san a bhàsaich 's a chaidh a thogail suas air an son.

16 Mar sin, à seo suas chan aithne dhuinn duine sam bith a rèir na feòla; fiù 's ged a b' aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, ach a‑nis chan aithne dhuinn e mar seo tuilleadh.

17 Mar sin, ma tha neach sam bith ann an Crìosd, 's e creutair ùr a th' ann, chaidh na seann rudan seachad, seallaibh, tha rudan ùra air tighinn.

18 A‑nis tha na rudan sin uile o Dhia a rinn sinne rèidh ris fhèin tro Chrìosd agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite;

19 mar a bha Dia, ann an Crìosd, a' dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a' cunntadh am peacaidhean nan aghaidh, agus dh'earb e rinne facal na rèite.

20 Mar sin tha sinne nar tosgairean airson Chrìosd, mar gun robh Dia a' dèanamh a thagradh tromhainne; tha sinn a' guidhe oirbh às leth Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.

21 Oir rinn e esan, dha nach b' aithne peacadh, na pheacadh air ar son‑ne; airson 's gum biodh sinne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan