2 Corintianach 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 A bheil sinn a' tòiseachadh air ar moladh fhèin a‑rithist? No a bheil feum againne, mar a th' aig cuid, air litrichean‑molaidh thugaibh no uaibh? 2 Is sibhse ar litir‑ne, sgrìobhte nar cridheachan, air a h‑aithneachadh 's air a leughadh leis a h‑uile duine; 3 a' foillseachadh gur sibh litir Chrìosd, a chaidh a fhrithealadh leinne, sgrìobhte chan ann le dubh ach le Spiorad an Dè bheò; chan ann air clàran cloiche, ach air clàran cridhe feòla. 4 Is e a leithid seo de chinnt a th' againn tro Chrìosd a thaobh Dhè. 5 Chan e gu bheil sinn comasach anainn fhèin air smaoineachadh gu bheil nì sam bith a' tighinn uainn fhèin, ach tha ar comas o Dhia, 6 a tha air ar dèanamh comasach air a bhith nar ministearan de thiomnadh nuadh; chan ann den litir, ach den Spiorad; oir tha an litir a' marbhadh, ach tha an Spiorad a' beothachadh. Glòir nas Motha a' Cho‑Cheangail Ùir 7 Ach ma thàinig ministrealachd a' bhàis – snaidhte air clachan – le glòir, is nach b' urrainn do chloinn Israeil coimhead gu geur air aghaidh Mhaois air sgàth glòir na h‑aghaidhe aige a bha a' sìoladh às, 8 ciamar nach bi barrachd glòire aig ministrealachd an Spioraid? 9 Oir ma tha glòir aig ministrealachd an dìtidh, tha fada a bharrachd air a sin aig ministrealachd na fìreantachd a tha a' cur thairis le glòir. 10 Oir dha‑rìribh an rud aig an robh glòir, chan eil glòir aige san t‑seagh seo, air sgàth na glòire aig a bheil barrachd air. 11 Oir ma thàinig an rud a tha a' dol à bith le glòir, fada nas motha na sin tha a' ghlòir aig an rud a mhaireas. 12 Mar sin air sgàth 's gu bheil a leithid sin de dhòchas againn, tha sinn a' cleachdadh mòr‑dhànachd 13 is chan ann mar Mhaois, a bha a' cur còmhdach air aghaidh airson 's nach sealladh clann Israeil gu geur air crìoch na bha a' sìoladh às. 14 Ach bha an inntinnean air an cruadhachadh; oir, gus an latha an‑diugh ann an leughadh an t‑seann tiomnaidh tha an aon chòmhdach a' fantainn gun togail, oir is ann an Crìosd a tha e air a thoirt air falbh. 15 Ach chun an latha an‑diugh ge b' e cuin a thèid Maois a leughadh, tha còmhdach na laighe air an cridhe. 16 Ach ge b' e cuin a thionndaidheas neach chun an Tighearna, tha an còmhdach air a thoirt dheth. 17 A‑nis is e an Tighearna an Spiorad, agus far a bheil Spiorad an Tighearna, tha saorsa. 18 Ach tha sinne uile – le aghaidhean gun chòmhdach, a' coimhead mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna – gar n‑atharrachadh chun na h‑aon ìomhaigh o ghlòir gu glòir, dìreach mar on Tighearna, an Spiorad. |