2 Corintianach 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Ach chuir mi seo romham annam fhèin, nach tiginn a‑rithist fo bhròn thugaibh. 2 Oir ma chuireas mise bròn oirbhse, cò a nì toilichte mise, mura h‑e an neach a th' air a chur fo bhròn leamsa? 3 Agus sgrìobh mi an dearbh rud seo, airson 's nuair a thiginn, nach deigheadh mo chur fo bhròn leis an fheadhainn sin a bu chòir a bhith gam dhèanamh toilichte, le earbsa annaibh uile, gum bi mo thoileachas‑sa na thoileachas dhuibh‑se gu lèir. 4 Oir à mòr‑àmhghar is cràdh cridhe sgrìobh mi thugaibh tro iomadh deur; chan ann airson 's gum biodh sibh fo bhròn ach airson 's gum biodh fios agaibh air a' ghràdh ro‑phailt a th' agam air ur son‑se. Mathanas dhan Pheacach 5 Ach ma tha neach sam bith air bròn adhbhrachadh, cha b' ann ormsa a chuir e bròn, ach gu ìre – gun a chur ro làidir – oirbhse. 6 Is leòr dhan a leithid sin de neach am peanas seo a chaidh a chur air le mòran, 7 airson 's, air an làimh eile, gum bu chòir dhuibh a mhathadh is cofhurtachd a thoirt dha, air eagal 's gum faodadh gum biodh a leithid seo de dhuine air a shlugadh suas le tuilleadh 's a chòir bròin. 8 Mar sin tha mi gar n‑earalachadh gun dearbh sibh ur gràdh dha. 9 Oir air an adhbhar seo sgrìobh mi, airson 's gun dearbhainn sibh, a dh'fhaicinn a bheil sibh umhail sa h‑uile sìon. 10 Ach neach dhan toir sibhse mathanas ann an nì sam bith, mathaidh mise cuideachd; oir dha‑rìribh na mhath mise – ma mhath mi nì sam bith – rinn mi e air ur son‑se ann an làthair Chrìosd, 11 gus nach gabhadh Sàtan brath oirnn, oir chan eil sinn aineolach air na h‑innleachdan aigesan. Ministearan dhen Cho‑Cheangal Ùr 12 A‑nis nuair a thàinig mi gu Tròas airson soisgeul Chrìosd 's a chaidh doras fhosgladh dhomh san Tighearna, 13 cha robh fois agam nam spiorad, air sgàth 's nach do lorg mi Tìtus mo bhràthair; ach a' gabhail mo chead dhibh, dh'fhalbh mi gu Macedònia. 14 Ach taing do Dhia, a tha an‑còmhnaidh gar treòrachadh gu buadhach ann an Ìosa Crìosd agus tromhainne a' foillseachadh fàileadh eòlais fhèin anns gach àite: 15 oir tha sinne nar deagh‑fhàileadh Chrìosd do Dhia am measg na feadhna a tha gan sàbhaladh, agus am measg na feadhna a tha gan sgrios, 16 do dh'fheadhainn nar fàileadh o bhàs gu bàs, dhan fheadhainn eile nar fàileadh o bheatha gu beatha. Agus cò a tha freagarrach airson nan rudan seo? 17 Oir chan eil sinne mar a tha mòran, a nì malairt le facal Dhè, ach mar o dhùrachdas, mar o Dhia, tha sinn a' bruidhinn ann an Crìosd am fianais Dhè. |