Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Sealladh Phòil agus an Sgealb Aige

1 Feumaidh mi bòstadh a dhèanamh, ged nach eil e gu buannachd; ach thig mi gu seallaidhean is taisbeanaidhean an Tighearna.

2 Is aithne dhomh duine ann an Crìosd a chaidh a ghabhail suas dhan treas nèamh, ceithir bliadhna deug air ais – ge b' ann anns a' chorp no a‑mach às a' chorp, chan aithne dhomh, is aithne do Dhia.

3 Agus 's aithne dhomh a leithid sin de dhuine – ge b' e anns a' chorp no a‑mach às a' chorp, chan aithne dhomh, is aithne do Dhia –

4 gun deach a ghlacadh suas a‑steach a Phàrras, agus gun cuala e briathran do‑labhairt, nach eil ceadaichte do dhuine a ràdh.

5 Às leth a leithid seo de dhuine bòstaidh mi, ach às mo leth fhèin cha bhòst mi; ach na mo laigsean.

6 Oir ma bhios mi a' miannachadh bòstadh, cha bhi mi nam amadan, oir bidh mi ag innse na fìrinn. Ach tha mi ga sheachnadh, airson 's nach saoil duine barrachd dhìom na tha e a' faicinn annam, no a' cluinntinn uam.

7 Air sgàth barrachdas nan taisbeanaidhean, air an adhbhar seo – airson mo chumail bho bhith gam àrdachadh fhèin – chaidh sgealb a thoirt dhomh san fheòil, teachdaire Shàtain airson mo chlaoidh, gus mo chumail bhon a bhith gam àrdachadh fhèin!

8 A thaobh seo, trì tursan, ghuidh mi air an Tighearna gum falbhadh sin uam.

9 Agus thuirt e rium, “Is leòr mo ghràs‑sa dhut, oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an laigse.” Mar sin, nas toilichte buileach, bòstaidh mi nam laigse airson 's gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh annam.

10 Mar sin tha mi sona ann an laigsean, ann an càinidhean, ann an àmhgharan, ann an geur‑leanmhainnean, agus ann an duilgheadasan, airson Chrìosd. Oir nuair a tha mi lag, an uair sin tha mi làidir.


Cùram Phòil dha na Corintianaich

11 Tha mi air fàs gòrach; 's e sib' fhèin a thug orm. Dha‑rìribh bu chòir gun robh mi air mo mholadh leibh, oir cha robh mi idir air dheireadh air na h‑abstoil a b' iomraitiche, ged nach eil annam ach neoni.

12 Dha‑rìribh chaidh comharraidhean abstoil a chur an gnìomh nur measg‑se leis a h‑uile foighidinn, le comharraidhean is iongantasan is obraichean cumhachdach.

13 Oir ciamar a bha sibhse air dheireadh air a' chòrr dhe na h‑eaglaisean, mura h‑e nach robh mise mi fhèin nam eallach dhuibh? Mathaibh an eucoir seo dhomh!

14 Seallaibh, airson an treas uair tha mi deiseil gus tighinn thugaibh, agus cha bhi mi nam eallach dhuibh; oir chan eil mi ag iarraidh na tha leibh, ach sib' fhèin; oir chan e a' chlann as còir a bhith a' sàbhaladh airson am pàrantan, ach pàrantan airson an cloinne.

15 Gu fìor‑thoileach cosgaidh mi 's bidh mi air mo chosg gu tur airson ur n‑anman‑se. Ma bhios barrachd gràidh agam dhuibh, am bi nas lugha de ghràdh ann dhomh?

16 Ach biodh sin mar a tha, cha do chuir mi eallach oirbh; ach, le cho seòlta 's a tha mi, ghlac mi sibh tro cheilg!

17 An do ghabh mi brath oirbh tro ghin dhiubhsan a chuir mi thugaibh?

18 Ghuidh mi air Tìtus a dhol thugaibh, is chuir mi am bràthair còmhla ris. An do ghabh Tìtus brath oirbh? Nach do ghiùlain sinne sinn fhèin san aon spiorad? Agus sna h‑aon cheuman?

19 Fad na h‑ùine seo tha sibh air a bhith a' smaoineachadh gu bheil sinne gar dìon fhèin ribh. Ann am fianais Dhè tha sinn air a bhith a' bruidhinn ann an Crìosd; agus seo uile airson ur togail suas, a luchd‑gràidh.

20 Oir tha eagal orm gur dòcha, nuair a thig mi, gum faodainn ur faighinn chan ann mar as miann leam, agus gum faigh sibhse mise chan ann mar as miann leibhse; gur dòcha gum bi còmhstri, farmad, fearg, fèinealachd, càineadh, gobaireachd, pròis, agus mì‑rian ann.

21 Tha eagal orm nuair a thig mi a‑rithist gur dòcha gun ìslich mo Dhia mi mur coinneamh, agus gur dòcha gun dèan mi caoidh mu mhòran dhiubh sin a pheacaich roimhe is nach do ghabh aithreachas dhen neòghlaine, strìopachais agus dhen fheòlmhorachd, a chuir iad an gnìomh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan