Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Pòl agus na h‑Abstoil‑Brèige

1 B' fheàrr leam gum fulaingeadh sibh beagan amaideachd uam, ach dha‑rìribh tha sibh a' fulang leam.

2 Oir tha mi eudmhor mur deidhinn le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal‑pòsaidh eadar sibhse is aon fhear, airson 's gum faodainn ur nochdadh mar òigh fhìorghlan do Chrìosd.

3 Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a chuilbheartan, gum bi ur n‑inntinnean‑se air an treòrachadh air seachran o shìmplidheachd is fìorghlaine do Chrìosd.

4 Oir ma thig neach eile is gun searmonaich e Ìosa eile nach do shearmonaich sinne, no ma gheibh sibh spiorad eile nach d' fhuair sibh, no soisgeul eile ris nach do ghabh sibh, tha sibh ga fhulang gu math.

5 Oir tha mi a' meas nach eil mi dad air dheireadh air na h‑abstoil as iomraitiche.

6 Ach fiù 's ma tha mi mì‑sgileil ann an cainnt, a dh'aindeoin sin chan eil mi mar sin ann an eòlas; ach, sa h‑uile dòigh tha sinn air a h‑uile sìon a dhèanamh follaiseach dhuibhse.

7 No an do pheacaich mi le bhith gam irioslachadh fhèin airson 's gum biodh sibhse air ur n‑àrdachadh, a chionn 's gun do shearmonaich mi soisgeul Dhè dhuibh an‑asgaidh?

8 Chreach mi eaglaisean eile le bhith a' gabhail tuarastal uapa, airson seirbheis a dhèanamh dhuibhse.

9 Is nuair a bha mi an làthair còmhla ribh 's ann an dìth, cha robh mi nam eallach do neach sam bith; oir sholair na bràithrean a thàinig o Mhacedònia mo dhìth, agus sa h‑uile sìon chùm mise mi fhèin on a bhith nam eallach dhuibh, agus leanaidh mi orm.

10 Mar a tha fìrinn Chrìosd annam, cha tèid am bòstadh seo agam a stad ann an ceàrnaidhean Achaia.

11 Carson? A chionn 's nach eil gràdh agam dhuibh? Tha fios aig Dia gu bheil!

12 Ach na tha mi a' dèanamh, nì mi e, airson 's gun geàrr mi an cothrom uapasan a tha a' miannachadh cothrom a bhith aca a bhith dìreach mar a tha sinne, san rud mum bheil iadsan a' bòstadh.

13 Oir tha an leithid seo de dhaoine nan abstoil‑bhrèige – luchd‑obrach cealgach, gan cur fhèin ann an riochd abstoil Chrìosd.

14 Agus chan iongnadh sin, oir tha fiù 's Sàtan ga chur fhèin ann an riochd aingeal solais.

15 Mar sin chan eil e na rud mòr sam bith ma tha a sheirbheisich cuideachd gan cur fhèin ann an riochd sheirbheisich na fìreantachd – aig am bi an crìoch a rèir an obrach.


Pòl a' Bòstadh mu na Fulangasan Aige

16 A‑rithist tha mi ag ràdh, na saoileadh neach sam bith gu bheil mi amaideach; ach ma shaoileas, gabhaibh rium mar amadan, airson 's gun dèan mise cuideachd beagan bòstaidh.

17 Na tha mi ag ràdh, chan eil mi ag ràdh mar an Tighearna, ach mar ann an amaideachd sa chinnt bòstaidh seo.

18 On a tha mòran a' bòstadh a rèir na feòla, bòstaidh mise cuideachd.

19 Oir fulaingidh sibh gu toileach le amadain a chionn 's gu bheil sib' fhèin cho glic.

20 Oir fulaingidh sibh e ma nì cuideigin tràillean dhuibh, no ma dh'itheas cuideigin sibh, no ma ghabhas cuideigin brath oirbh, ma dh'àrdaicheas cuideigin e fhèin, ma bhuaileas cuideigin air an aghaidh sibh.

21 Mo nàire, feumaidh mi a ràdh gu bheil sinne cuideachd air a bhith lag. Ach, ge b' e dè an seagh sa bheil neach sam bith eile dàna – tha mi a' bruidhinn gu h‑amaideach – tha mise a cheart cho dàna cuideachd.

22 An e Eabhraich a th' annta? 'S e 's annamsa. An e Israelich a th' annta? 'S e 's annamsa. An e sliochd Abrahàim a th' annta? 'S e 's annamsa.

23 An e seirbheisich Chrìosd a th' annta? (Tha mi a' bruidhinn mar dhuine air chuthach.) Is motha na sin mise: ann am barrachd shaothairean, ann am prìosanan tòrr nas trice, air mo dhochann tursan gun àireamh, agus gu tric faisg air a' bhàs.

24 Còig tursan fhuair mi o na h‑Iùdhaich ceathrad buille ach a h‑aon.

25 Trì tursan chaidh mo bhualadh le slatan. Aon uair chaidh mo chlachadh. Trì tursan dh'fhulaing mi long‑bhriseadh; latha is oidhche bha mi san doimhneachd.

26 Is tric a bha mi air turais, ann an cunnartan o aibhnichean, ann an cunnartan o ghadaichean, ann an cunnartan o mo chinneadh fhèin, ann an cunnartan o na Cinnich, ann an cunnartan sa bhaile, ann an cunnartan san fhàsach, ann an cunnartan aig muir, ann an cunnartan am measg bhràithrean breugach;

27 ann an saothair is sgìos, tro mhòran oidhcheannan gun chadal, ann an acras is tart, ann an trasgan gu tric, ann am fuachd is lomnochd.

28 Agus a bharrachd air na rudan a th' air an taobh a‑muigh, tha an t‑eallach làitheil orm – cùram nan eaglaisean gu lèir.

29 Cò a tha lag, 's nach eil mise lag? Cò a th' air a threòrachadh gu peacadh 's nach eil mise a' losgadh le feirg?

30 Ma dh'fheumas mi bòstadh, bòstaidh mi mu na rudan a bhuineas dham laigse.

31 Tha fios aig Dia agus Athair an Tighearna Ìosa Crìosd, esan a tha beannaichte gu sìorraidh, nach eil mi ag innse breug.

32 Ann an Damascas, bha an riaghladair fo Aretas an rìgh a' geàrdachadh baile muinntir Dhamascais airson mo ghlacadh,

33 ach tro uinneig sa bhalla chaidh mo leigeil sìos ann an cliabh, agus chaidh mi às a làmhan.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan